Tha a' Ghàidhlig beò agus na pàirt de chultar
measgaichte na h-Alba. Tha an cànan na phàirt cudromach den
dearbh-aithne a bhuineas do chultar na h-Alba agus gu
h-àraidh do shluagh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha i
a' faighinn taic phrataigeach bhon Riaghaltas.
Buidheann Leasachaidh
Chaidh Aithisg a' Bhuidhinn Comhairleachaidh
Mhinistreil, "Ceum Ùr don Ghàidhlig", a chlò-bhualadh sa
Chèitean 02 agus dh'fhoillsich Ministearan na h-Alba gum
biodh Buidheann Leasachaidh Gàidhlig air a stèidheachadh.
Thathar a' stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig (Alba) aig an àm
seo. Tha Cathraiche agus buill a' bhùird air an cur an
dreuchd, agus Ceannard ùr. Tha lethbhric de aithisg MAGOG
rim faotainn bho Riaghaltas na h-Alba. Thathar ag iarraidh
air a' Bhòrd stèidh na Gàidhlig an Alba sna làithean ri
teachd a dhèanamh tèarainte agus bidh pàirt deatamach aige
ann an sònrachadh nam prìomh-amasan airson leasachadh na
Gàidhlig an Alba agus dèanamh cinnteach gum bi maoinean
poblach a' faighinn luach an airgid. Bidh am Bòrd a' dealbh
Plana Nàiseanta agus a' toirt comhairle mu phrìomh-amasan
airson leasachadh Gàidhlig.
Thathar ag iarraidh air a' Bhòrd stèidh na Gàidhlig an
Alba sna làithean ri teachd a dhèanamh tèarainte agus bidh
pàirt deatamach aige ann an sònrachadh nam prìomh-amasan
airson leasachadh na Gàidhlig an Alba agus dèanamh
cinnteach gum bi maoinean poblach a' faighinn luach an
airgid. Bidh am Bòrd a' dealbh Plana Nàiseanta agus a'
toirt comhairle mu phrìomh-amasan airson leasachadh
Gàidhlig.
Program Maoineachaidh
- Tha prògram de £13m sa bhliadhna aig an Riaghaltas
airson Gàidhlig.
- Bha seo a' gabhail a-staigh ann an 2002-03:
- Foghlam meadhan-Gàidhlig £3.1m
- Buidhnean agus pròiseactan Gàidhlig £1.8m
- Craoladh Gàidhlig £8.5m
- Bha meudachadh de £450,000 sa bhuidseat air a chur
ri pròiseactan ann an 2002-03.
- Bha £1m a bharrachd air a chur gu leasachadh
Gàidhlig ann an 2003-04, le Bòrd Gàidhlig a' toirt
beachd air dè an àireamh sa cheud a bu chòir a thoirt
do fhoghlam meadhan-Gàidhlig.
Adhartas
- Tha gealltanas air a thoirt a bhith ag obrachadh a
dh'ionnsaigh inbhe thèarainte don Ghàidhlig.
- Tha foghlam meadhan-Gàidhlig air fàs on àm a
thòisich e ann an 1986. Tha ullachadh ann an Achd
Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba etc 2000 a' cur
riatanas air EAan a bhith a' sireadh bheachdan mu
phlanaichean airson foghlam meadhan-Gàidhlig.
- Tha an Riaghaltas a' toirt taic do Shabhal Mòr
Ostaig (a' cholaiste Ghàidhlig)
- Tha obair nan ealan Ghàidhlig air meudachadh.
- Tha soighnichean dà-chànanach ann am Pàrlamaid na
h-Alba.
- Tha am Mòd Nàiseanta fhathast a' soirbheachadh (air
a chumail san Òban ann an 2003).
- Tha Oifis na h-Alba a' stiùireadh deasbaid mun
mholadh airson sianal shònraichte don Ghàidhlig air
telebhisean digiteach.
Faclair na Parlamaid
Tha Comunn na Gàidhlig le maoineachadh co-ionann bhon
Riaghaltas air faclair a chur ri chèile,
Faclair na
Pàrlamaid, faclair Gàidhlig-Beurla agus Beurla-Gàidhlig
le mu 6,000 faclan agus ràdhan a dh'fhaodar a chleachdadh
sa Phàrlamaid agus gnothaichean poblach eile. Chaidh am
Faclair fhoillseachadh air 29 Cèitean 2001. Tha lethbhric
rim faotainn bho Riaghaltas na h-Alba. Faodar ceist mu
bhriathrachas nach eil san Fhaclair a chur gu.