Taing
Tha mòran daoine air ar cuideachadh leis an sgrùdadh seo. Thug a' Bhuidheann Comhairleachaidh air Rannsachadh taic dhuinn anns an rannsachadh agus beachdan cuideachail air dreachd na bu tràithe den aithisg seo. Tha sinn fada an comain an luchd-solair a fhreagair an suirbhidh, riochdairean nan ùghdarrasan ionadail a thug fiosrachadh dhuinn agus a fhreagair ar ceistean agus am prìomh luchd-freagairt a thug seachad an tìde airson agallamhan. Tha sinn gu h-àraidh airson taing a thoirt don luchd-dreuchd, manaidsearan, clann agus pàrantan a chuir fàilte oirnn anns na suidheachaidhean aca.