Sgrùdadh Saidheans tro Mheadhan na Gàidhlig SSA 2007

Listen

Na sgoiltean Gàidhlig, luchd-teagaisg agus sgoilearan

De na 44 sgoiltean / aonadan a chaidh a chomharrachadh bho thùs sam faodadh sgoilearan a bhith ag ionnsachadh saidheans tro mheadhan na Gàidhlig, dh'aithris ceithir dhiubh nach robh a leithid sin de sgoilear aca sa bhliadhna sgoile sin. Dhiùlt ceithir eile an cuireadh gus pàirt a ghabhail san sgrùdadh; bha aon ann nach tug freagairt don chuireadh, bha aon eile a' gluasad gu àrainn ùr, bha trioblaidean a thaobh luchd-obrach aig an treas neach agus dh'aithris an ceathramh neach gun robh sgoilearan air an teagasg gu dà-chànanach anns na h-ìrean àrda. Dh'fhàg sin 36 sgoiltean / aonadan a bha a' nochdadh deònach com-pàirteachadh san sgrùdadh, ceithir aig P5 a-mhàin (gun sgoilearan iomchaidh sam bith aig P7) agus 32 aig P5 agus P7. Bha an àireamh de sgoilearan dligheach ann am P5 agus P7 anns na sgoiltean sin ag atharrachadh bho 1 gu 27 ann am P5 agus bho 1 gu 19 ann am P7, a' dèanamh 231 agus 186 gu h-iomlan aig ìrean P5 agus P7 fa leth. Mar a thachair cuideachd, cha do ghabh a dhà de na sgoiltean a chaidh aontachadh agus aig an robh sgoilearan aig an dà ìre, pàirt san sgrùdadh - ghabh aon dhiubh pàirt aig ìre P5 a-mhàin, agus dh'fhailnich air an sgoil eile breithneachaidhean cothromach a chur a-steach no leabhrain deuchainn do gach ìre a thilleadh. Dh'fhàg seo 35 sgoiltean a bha a' com-pàirteachadh aig P5 agus nam measg 30 aig P7, a' dèanamh àireamh iomlan de 226 sgoilear aig P5 agus 179 aig P7.

Chaidh ceisteachain a lìonadh le 40 neach-teagaisg P5 ann an 34 de na sgoiltean / aonadan Gàidhlig agus 33 neach-teagaisg P7 ann an 28 de na sgoiltean / aonadan. A rèir nan staitistigean bha an luchd-teagaisg ann an coimeas ri an co-obraichean gu nàiseanta 2. Bha a' chuid mhòr dhiubh (80%) boireann, bha mu 70% dhiubh air a bhith a' teagasg airson còrr is còig bliadhna, is bha beagan agus 40% air a bhith san dreuchd làithreach aca cho fada ri sin (bha mu 20% ann an dreuchd ùr a' bhliadhna sin). Bha cha mhòr gach neach a' cosg suas ri còig uairean a thìde gach seachdain a' teagasg saidheans, agus bha còrr is 90% ag ràdh gun robh iad a' cosg suas ri còig uairean a thìde gach seachdain ag ullachadh. Bha còrr is 90% den luchd-teagaisg a' teagasg saidheans iad fhèin; bha neach-teagaisg speisealaichte a' teagasg saidheans ann an 9% de chlasaichean (5% aig P5, 12% aig P7), agus cha robh gin de na clasaichean don robhar a' teagasg saidheans le neach-teagaisg speisealaichte bhon taobh a-muigh.

Am measg nan diofar cheistean ann an ceisteachan an luchd-teagaisg, bha aon a bha air leth don sgrùdadh tro mheadhan na Gàidhlig. Bha seo a' rannsachadh na h-ìre gu robh Gàidhlig dha-rìribh air a cleachdadh mar chànan teagaisg ann an leasanan saidheans. De na 72 luchd-teagaisg a fhreagair an ceisteachan coitcheann, fhreagair 56 dhiubh a' cheist shònraichte seo. Tha Clàr 1 a' sealltainn toraidhean a' cheisteachain, an nì as cudromaiche nam measg a' taisbeanadh cho mòr 's a tha tricead èisteachd is còmhradh ann an Gàidhlig an taca ri leughadh agus sgrìobhadh sa chànan seo ann an leasanan saidheans.

Clàr 1
An ìre gun robh Gàidhlig a' nochdadh ann an leasanan saidheans
(% de luchd-teagaisg a' toirt seachad gach freagairt: 33 P5 & 23 P7 teachers)

Dè cho tric ann an leasanan saidheans a tha do sgoilearan:

an-còmhnaidh

glè thric

uaireannan

cha bhi idir

ag èisteachd ri Gàidhlig

58

28

12

2

a' bruidhinn ann an Gàidhlig

48

38

14

0

a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig

27

41

25

7

a' leughadh ann an Gàidhlig

18

45

32

5

De na sgoilearan a bu chòir a bhith air an ceasnachadh anns na 35 sgoiltean com-pàirteachaidh, chaidh sianar bho P5 agus triùir bho P7 a chlàradh neo-làthaireach aig àm an t-seisein ceasnachaidh, agus bha triùir sgoilearan P5 air an tarraing às a' cheasnachadh le an sgoiltean - aon ron àm agus dithis aig àm a' cheasnachaidh. Gu h-iomlan, chaidh 192 sgoilearan P5 agus 166 sgoilearan P7 a cheasnachadh dha-rìribh, leis na h-àireamhan sin a' riochdachadh 85% agus 93% fa leth den àireamh a bu mhotha a ghabhadh anns gach cùis (226 de P5, 179 de P7). Aig ìre P5 bha an t-sampall co-mheas de bhalaich gu nigheanan aig 44:56, an coimeas ri 45:55 aig ìre P7. Ann an eisimpleir P5 bha dìreach fo 8% de na sgoilearan 'as easbhaidhiche' an coimeas ri dìreach fo 7% ann an eisimpleir P7 (far a bheil 'as easbhaidhiche' a' ciallachadh sgoilearan a bhith a' fuireach ann an aon de na 20% de na sgìrean as easbhaidhiche ann an Alba, mar a tha air a chomharrachadh le Clàr-innse Ioma-Easbhaidh na h-Alba). Às aonais mion-fhiosrachadh mu àireamhan sluaigh nan sgoilearan, chan eil e comasach iomradh deimhinneach a thoirt air an ìre gun robh na sgoilearan a chaidh a cheasnachadh nan làn riochdachadh. Bu chòir aire a thoirt don seo nuair a bhithear a' taisbeanadh thoraidhean deuchainn is ceisteachain nan sgoilearan a ghabh pàirt.

Tha toraidhean a' phoileasaidh taghaidh cànain inntinneach (Clàr 2). De na 192 sgoilearan P5 a chaidh a cheasnachadh, thagh 39% an dà leabhran ann am Beurla, thagh 50% an dà leabhran ann an Gàidhlig, leis a' chòrr (11%) a' taghadh leabhar anns gach cànan. Tha na ceudadan co-fhreagraidh airson P7 aig 45%, 42% agus 13% fa leth. De na sgoilearan a thagh leabhrain ann am Beurla a-mhàin, fhreagair cha mhòr gach neach ann am P5 (97%) agus a h-uile neach ann am P7 ann am Beurla a-mhàin. De na sgoilearan a thagh leabhrain ann an Gàidhlig a-mhàin, fhreagair 74% aig ìre P5 agus 66% aig ìre P7 ann an Gàidhlig a-mhàin, a' chuid as motha (uile aig ìre P7) den chòrr a' freagairt cuid de cheistean ann an Gàidhlig agus cuid ann am Beurla. Chan eil fianais sam bith ann gun robh bàidh nas motha ann do aon leabhran seach fear eile airson taghadh cànain sònraichte.

Clàr 2
An cànan leabhrain a chaidh a thaghadh le sgoilearan
(% de sgoilearan air an seòrsachadh a rèir an taghaidhean cànain)

Cànain leabhrain air an taghadh

P5

P7

An dà leabhran Beurla

39

45

An dà leabhran Gàidhlig

50

42

Leabhran anns gach cànan

11

13

Àireamh sgoilearan

192

166

Chan urrainn dhuinn a ràdh a bheil na pàtranan sin a thaobh taghadh cànain mar thoradh air roghainnean neo-eisimeileach sgoilearan no roghainnean air an stiùireadh le luchd-teagaisg. Ach bha sgoiltean agus aonadan ann gun teagamh sam bith san robh na sgoilearan uile a' dèanamh taghadh air aon chànan seach cànan eile (Clàr 3). Gu h-iomlan, b' e faisg air leth nan sgoiltean / aonadan (47% aig P5, 53% aig P7) far an do thagh a' chuid as motha de sgoilearan no na sgoilearan uile leabhrain deuchainn sa Bheurla agus fhreagair iad sa Bheurla, agus b' e trian (36% aig P5, 31% aig P7) an fheadhainn san do thagh a' chuid as motha de sgoilearan no na sgoilearan uile leabhrain sa Ghàidhlig agus fhreagair iad sa Ghàidhlig no ann am measgachadh de Ghàidhlig is Beurla.

Clàr 3
Iomraidhean cànain nan sgoiltean / aonadan

(% de sgoiltean / aonadan air an seòrsachadh a rèir taghaidhean cànain nan leabhran leis na sgoilearan aca)

Cànain leabhrain air an taghadh leis na sgoilearan

P5

P7

A' chuid mhòr no a-mhàin sa Bheurla

47

53

A' chuid mhòr no a-mhàin sa Ghàidhlig

36

31

Gun cheannas cànain sam bith

17

16

Àireamh sgoiltean / aonadan

36

32

Tha na toraidhean sin gu tur a rèir an dùil nach biodh mòran de na sgoilearan san sgrùdadh saidheans tro mheadhan na Gàidhlig a' faotainn am foghlam saidheans gu h-iomlan tro mheadhan na Gàidhlig.

Coltach ris a' phrìomh sgrùdadh, chaidh na leabhrain deuchainn crìochnaichte a thilleadh leis na sgoiltean gu SQA airson dèiligeadh leotha. Cha deach na leabhrain a chomharrachadh gu dìreach. An àite sin, bha freagairtean nan sgoilearan do na diofar phìosan obrach air an ath-sgrìobhadh air duilleagan prìomhachaidh a bha air an deilbh a dh'aon ghnothaich, agus bha an dàta a bha air a phrìomhachadh air a chomharrachadh le inneal às dèidh sin. Tha an ro-innleachd seo buannachdail ann a bhith a' solarachadh bun-adhbhar saidhbhir de dh'fhiosrachadh inbheil mun dòigh a bha sgoilearan a' freagairt cheistean, a' co-lìonadh an fhiosrachaidh co-cheangailte ri comharradh cainneachdail. Bha aon diofar chudromach anns an dòigh a bhathar a' dèiligeadh le leabhrain sgoilearan Gàidhlig ann an coimeas ris na deichean de mhìltean de leabhrain deuchainn chrìochnaichte a bha an lùib a' phrìomh sgrùdaidh. 'S e seo gun robh freagairtean nan sgoilearan Gàidhlig air an ath-sgrìobhadh le luchd-teagaisg eòlach bun-sgoile le Gàidhlig, ach cha robh freagairtean nan sgoilearan Beurla air an ath-sgrìobhadh le luchd-teagaisg. Bu chòir aire a thoirt don diofar seo nuair a tha na toraidhean air an taisbeanadh, a chionn 's gu bheil ath-sgrìobhadh fhreagairtean do cheistean fosgailte mar is trice ag iarraidh tomhas de bhreithneachadh nuair a thathar a' co-dhùnadh nan còdan freagairt as iomchaidhe.

Page updated: Wednesday, May 27, 2009