6. RIAGHLADH CROITEARACHD
6.1 Cùl-fhiosrachadh
6.1.1 Mhol an CRaC nach bu chòir atharrachaidhean a dhèanamh ri na còraichean bunaiteach a chaidh a thoirt do chroitearan ann an Achd 1886, 's e sin còir gabhaltais, còir-sheilbh, màil chothromach agus luach an leasachaidhean. Ach, bha iad ag ràdh nach bu chòir na còraichean sin a bhith ach a-mhàin aig croitearan a tha a' fuireach air a' chroit aca no faisg oirre agus a tha a' cleachdadh an fhearainn aca gu gnìomhach no gu buannachdail. Chuala a' Chomataidh Rannsachaidh teachdaireachd cunbhalach rè na co-chomhairle aca ri coimhearsnachdan croitearachd gum feumte riaghladh nas fheàrr air dearmad agus neo-làthaireachas.
6.1.2 Mhol an CRaC gum bu chòir seo a choileanadh le bhith a' ceangal a h-uile taigh ri còmhnaidh tro eallach fìor a bhiodh air a ghabhail a-steach anns an tar-ghluasad an ath uair a bhios e air a shònrachadh no air a cheannach. Bhiodh eallach leasaichte air a cheangal ris an togalach nuair a bhiodh croit air a tar-ghluasad a bhiodh a' ceangal an t-sealbhadair ùr chan ann a-mhàin ri còmhnaidh air an fhearann ach cuideachd ri obrachadh.
6.1.3 Na fhreagairt, dh'aontaich an Riaghaltas gum bu chòir còraichean bunaiteach chroitearan a bhith air an dìon agus gun robh feum air ceuman nas làidir a ghabhail gus neo-làthaireachas agus dearmad fearann croite a ghabhail os làimh. Ach, an àite a bhith a' cleachdadh an eallach fhìor a mhol an CRaC, mhol an Riaghaltas ath-bhreithneachadh air na h-ullachaidhean a tha anns na h-Achdan Croitearan co-cheangailte ri còmhnaidh agus cleachdadh fearann croite gus dèanamh cinnteach gum b' urrainn do dh'Ùghdarras nan Croitearan ceuman nas èifeachdaiche a ghabhail sna sgìrean sin. Mhol e gum bu chòir do na Comataidhean Sgìreil a chaidh a mholadh a bhith comasach air obrachadh nas luaithe gus gabhaltasan dhaoine nach eil a' coinneachadh ris an riatanas còmhnaidh no a' cleachdadh an fhearainn gu buannachdail a thoirt gu crìch. Far a bheil croitear na shealbhadair-còmhnaidh agus nach eil e a' coinneachadh ris an riatanas còmhnaidh no a' cleachdadh an fhearainn gu buannachdail, bu chòir gum faodadh a' Chomataidh Sgìreil neach-gabhail a shònrachadh don t-sealbhadair-còmhnaidh. Choileanadh seo amasan moladh na Comataidh an co-cheangal ri fearann croite.
6.1.4 Gus am faighear air a bhith nas èifeachdaiche le cur aghaidh air neo-làthaireachas agus dearmad, thuirt an Riaghaltas cuideachd gum beachdaicheadh e air barrachd chumhachdan a thoirt don riaghlaiche gus croitean a roinn gus am faod croitean nach eilear ag obrachadh a bhith air an dealachadh bho thaighean croite a tha air an cleachdadh mar phrìomh àiteachan-fuirich gus am bi barrachd chroitean rim faotainn le luchd-inntrigidh ùr agus daoine òga.
6.1.5 Còmhla ri bhith a' toirt ceuman nas èifeachdaiche air neo-làthaireachas agus dearmad, mhol an CRaC gum bu chòir dèiligeadh san aon dòigh ri sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail, dìreach mar chroitearan, anns gach roinn de chroitearachd. Dh'aontaich an Riaghaltas gum bu chòir dèiligeadh san aon dòigh ri sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail agus thuirt e gun dèanadh e ath-bhreithneachadh air an reachdas gus dèanamh cinnteach gur ann mar seo a bhiodh a' chùis.
6.1.6 Mhol an CRaC cuideachd gum biodh reachdas ùr air a dheasachadh a thèid an àite nan laghan tionalaichte a tha a' suidheachadh an fhrèam airson croitearachd an-diugh, agus a nì iad nas sìmplidhe agus nas soilleire.
6.1.7 Bha an Riaghaltas a' tuigsinn amasan a' mholaidh seo. Ach, air sgàth iom-fhillteachd lagh croitearachd, chuireadh am pròiseas sìmpleachaidh, nam biodh e air a dhèanamh ceart, dàil mhòr ann am buileachadh nam molaidhean poileasaidh. Mar sin, mhol an Riaghaltas dòigh-obrach dhà-shligheach. An toiseach, bhiodh feum air reachdas ùr airson cuid de na molaidhean poileasaidh air am mìneachadh ann am freagairt an Riaghaltais a bhuileachadh. Mhol an Riaghaltas mar sin co-chomhairle a chumail ann an 2009 air dreachd Bhile brìoghmhor a dh'atharraicheadh an reachdas a tha ann an-dràsta, cuspair an sgrìobhainn co-chomhairleachaidh seo. San dara àite, dh'aontaich e tuilleadh beachdachadh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr air lagh croitearachd a dhèanamh nas sìmplidhe agus nas soilleire, agus an raon-ama san dèanar e.
6.2 Cùisean beachdachaidh
6.2.1 Mìneachadh air sealbhadair-còmhnaidh
6.2.1.1 Dh'aontaich an Riaghaltas gum bi chòir dèiligeadh san aon dòigh ri sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail chroitean ann an croitearachd agus, mar sin, tha e air an reachdas làithreach ath-bhreithneachadh gus faicinn ciamar a ghabhadh seo a choileanadh. Tha e air ullachaidhean a mholadh anns an dreachd Bhile gus dèanamh cinnteach, cho fad 's a ghabhas, gum bu chòir dèiligeadh san aon dòigh ri luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidh. Gus dealachadh a dhèanamh eadar sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail chroitean bha e follaiseach gum feumte mìneachadh làidir a dhèanamh air sealbhadair-còmhnaidh. Còmhla ri sin, bhiodh e cudromach dealachadh a dhèanamh eadar sealbhadair-còmhnaidh agus uachdaran nach eil a' fuireach air a chroit ach a bhios a' leigeil croitean air mhàl do neach-gabhail. An-dràsta, thathar a' meas gur e uachdaran croit bhàn a tha ann an sealbhadair-còmhnaidh agus, mar sin, dh'fhaoidte iarraidh air molaidhean fastaidh a chur a-steach airson na croite aig àm sam bith fo na h-ullachaidhean airson croitean bàn anns na h-achdan croitearachd. Tha an dreachd Bhile a' cur aghaidh air neo-riaghailteachd sealbhadair-còmhnaidh agus, an àite nan ullachaidhean san Achd airson croit bhàn bàn atharrachadh, tha ullachaidhean ùr ann a dh'aona ghnothaich airson sealbhadairean-còmhnaidh.
6.2.1.2 Tha am mìneachadh ùr air sealbhadair-còmhnaidh anns a' Bhile agus cuidichidh e a' dèanamh cinnteach gum faodar na riatanasan reachdail a bhith a' fuireach air a' chroit no taobh a-staigh 16km den croit agus a' chroit a chleachdadh gu h-èifeachdach buntainn do luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidh chroitean.
Ceist 23: A bheil beachdan sam bith agad mun mhìneachadh air sealbhadair-còmhnaidh a chaidh a mholadh? |
6.2.2 Dèiligeadh san aon dòigh ri luchd-gabhail chroitean agus sealbhadairean-còmhnaidh
6.2.2.1 Tha earrannan anns an dreachd Bhile a bhios a' ceangal diofar ullachaidhean anns na h-achdan croitearachd ri sealbhadairean-còmhnaidh chroitean nach buin an-dràsta ach do luchd-gabhail chroitean a-mhàin. Cuidichidh seo a' dèanamh cinnteach gun tèid dèiligeadh san aon dòigh ri luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidh croitearan. Mar thoradh air na h-eadar-dhealachaidhean eadar còraichean luchd-gabhail agus sealbhadairean fearainn, tha beagan eadar-dhealachaidh eadar na modhan cur an sàs airson sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail. 'S e buaidh an dreachd Bhile mìneachadh nas soilleire a thoirt air cuin a bhiodhte a' sùileachadh gun cleachdadh Ùghdarras na Croitearachd na cumhachdan airson ullachaidhean chroitean bàn anns na h-achdan croitearachd.
6.2.2.2 San fharsaingeachd, tha cunnart ro neach-gabhail croite an-dràsta gun tèid an gabhaltas aige a thoirt gu crìch airson riatanasan reachdail a bhriseadh agus bhiodh a' chroit an uair sin air a gairm bàn, a bhrosnaicheadh an riatanas airson an uachdaran a bhith a' cur a-steach molaidhean airson na croit ath-fhastadh. Thathar a' moladh, ged nach eil gabhaltas ann a bheireadh gu crìch a thaobh an t-sealbhadair-còmhnaidh, mur cùm sealbhadair-còmhnaidh ri na h-ullachaidhean a tha air an comharrachadh gu h-ìosal, gum biodh a' chroit air a gairm bàn agus bhiodh an sealbhadair-còmhnaidh ann an cunnart gum feumadh e a fastadh ri neach-gabhail a bhiodh a' fuireach air a' chroit fo na h-ullachaidhean airson croitean bàn.
6.2.2.3 Thathar a' moladh gum bu chòir sealbhadairean-còmhnaidh a bhith fo smachd an aon riatanasan ri luchd-gabhail anns na roinnean a leanas:
- Obrachadh an fhearainn
- Còmhnaidh
- Roinn croite
- Fastadh croite.
6.2.2.4 Mar sin, far nach coinnich sealbhadair-còmhnaidh ri na riatanasan air an suidheachadh anns na h-achdan croitearachd a bhith a' cleachdadh an fhearainn gu buannachdail, dh'iarradh an t-Ùghdarras air an t-sealbhadair-còmhnaidh molaidhean fastaidh a chur a-steach. Mur dèanadh e seo, dh'iarradh an t-Ùghdarras tagraidhean airson gabhaltas na croite.
6.2.2.5 Mur coinnich sealbhadair-còmhnaidh ri na riatanasan air an suidheachadh anns na h-achdan croitearachd a bhith a' fuireach air a' chroit no taobh a-staigh 16km den chroit, dh'iarradh an t-Ùghdarras air an t-sealbhadair-còmhnaidh molaidhean fastaidh a chur a-steach. Mur dèanadh e seo, dh'iarradh an t-Ùghdarras tagraidhean airson gabhaltas na croite.
6.2.2.6 Aig an àm seo, feumaidh luchd-gabhail cead iarraidh air an Ùghdarras mus fhaod iad a' chroit a roinn. Tha ullachaidhean air an gabhail a-steach sa Bhile a bhiodh ag iarraidh air sealbhadairean-còmhnaidh cuideachd cead iarraidh mus fhaod iad a' chroit a roinn. Ma tha seilbh pàirt de chroit ri ghluasad gu neach eile feumaidh a' chroit a bhith air a roinn an toiseach agus feumaidh an sealbhadair-còmhnaidh tagradh a chur chun an Ùghdarrais ag iarraidh cead airson an roinn a chaidh a mholadh. Mur dèanadh e seo bhiodh gluasad seilbh sam bith falamh agus gun èifeachd.
6.2.2.7 Còmhla ri bhith ag iarraidh air sealbhadairean-còmhnaidh tagradh a chur chun Ùghdarrais airson cead a' chroit a roinn, tha ullachaidhean anns an dreachd Bhile a bheireadh cumhachd don Ùghdarras a bhith a' roinn chroitean. 'S e buannachd a' chumhachd seo gun leigeadh e don Ùghdarras ceuman nas èifeachdaiche a ghabhail far nach eil croitean gan obrachadh no far a bheil croitearan neo-làthaireach. Mar eisimpleir, ma tha croitear a' coinneachadh ris an riatanas còmhnaidh ach nach urrainn dha am fearann obrachadh agus gu bheil e air diùltadh a' chroit fho-fhastadh do chuideigin a chleachdas am fearann, an uair sin dh'fhaodadh an t-Ùghdarras a' chroit a roinn gus am faigh an croitear air fuireach na dhachaigh. Bheireadh an t-Ùghdarras an uair sin gabhaltas na croite lom a chaidh a chruthachadh às ùr gu crìch agus dh'iarradh e air an uachdaran molaidhean a chur a-steach airson a' chroit lom a chaidh a chruthachadh às ùr a leigeil air mhàl. Chuidicheadh seo a' saoradh chroitean nach eilear ag obrachadh airson luchd-inntrigidh ùr do chroitearachd. Thathar a' moladh gum bu chòir còir tagraidh a chur gu Cùirt an Fhearainn an aghaidh co-dhùnadh sam bith leis an Ùghdarras airson croit a roinn air a cheann fhèin.
6.2.2.8 Aig an àm seo, faodaidh luchd-gabhail chroitean croit fho-fhastadh ri neach eile airson ùine suas gu 10 bliadhna, ma gheibh iad cead an Ùghdarrais. Bu chòir gum biodh e comasach do shealbhadair-còmhnaidh croit "fho-fhastadh", ged nach eil prìomh neach-gabhail ann. Mar sin, dh'fhaodadh sealbhadair-còmhnaidh croit, no pàirt den chroit, fhastadh agus cha bhiodh an neach sin air fhaicinn mar "croitear" agus mar sin cha bhiodh còraichean croiteir aige. Tha e cudromach dealachadh a dhèanamh eadar sealbhadair-còmhnaidh a bhios a' "fo-fhastadh" a chroit agus uachdaran a bhios a' leigeil a chroit air mhàl do neach-gabhail. Chan eilear a' sùileachadh gum bu chòir gum b' urrainn do dh'uachdarain croitean "fho-fhastadh".
Ceist 24: A bheil beachdan sam bith agad mu na molaidhean a tha air an dealbh airson cuideachadh a' coileanadh barrachd co-ionannachd ann an dèiligeadh ri luchd-gabhail agus sealbhadair-còmhnaidh chroitean agus cuideachadh a' saoradh chroitean airson luchd-inntrigidh ùr do chroitearachd? |
6.2.3 Ceuman èifeachdach an aghaidh neo-làthaireachas
6.2.3.1 Còmhla ri bhith a' dèanamh cinnteach gum buin obrachadh an fhearainn agus riatanasan còmhnaidh a tha ann an-dràsta gu co-ionann do luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidh chroitean, bha e soilleir bho fhianais a fhuair an CRaC gun robh feum air ceuman nas èifeachdaiche airson aghaidh a chur air neo-làthaireachas. Bha cuid de luchd-freagairt (beagan nas lugha na 20%) a' faireachdainn nach bu chòir croitearan neo-làthaireach a bhith air am mìneachadh mar chroitearan agus dhèilig naoi a-mach às gach deich freagairt ri iarrtas CRaC airson fianais air neo-làthaireachas. Tha an Riaghaltas air beachdachadh gu cùramach air an h-ullachaidhean airson neo-làthaireachas anns na h-achdan croitearachd agus air ullachadh a dhèanamh san dreachd Bhile, a bhiodh ag iarraidh air an Ùghdarras ceuman a ghabhail gus aghaidh a chur air neo-làthaireachas mur eil adhbhar math gun sin a dhèanamh. Tha am poileasaidh ag oidhirpeachadh air neo-làthaireachas a leasachadh le aonta, agus mur dèan e sin feumar ceuman a ghabhail airson a' chùis fhuasgladh.
6.2.3.2 Gus dèanamh cinnteach gum bi gnìomhan an aghaidh neo-làthaireachas sùbailte agus cothromach, tha ullachadh anns an dreachd Bhile a tha a' leigeil do chroitearan tagradh a chur chun Ùghdarrais airson aonta a bhith neo-làthaireach ma tha adhbhar math aca. Bhiodh gnìomh on neo-làthaireachas tiomnaichte do Chomataidhean Sgìreil gus cothrom a thoirt air tuilleadh beachdachaidh air na suidheachaidhean co-cheangailte ri gach cùis. Thathar a' moladh gun deasaich Comataidhean Sgìreil poileasaidhean airson co-dhùnadh dè tha a' dèanamh suas adhbhar math airson a bhith neo-làthaireach. Thathar a' moladh gum bi na h-eisgeadan sin a' gabhail a-steach:
- Greisean goirid gu meadhanach fada air falbh bhon chroit airson cosnaidh, mar obair air crann-ola, sa chabhlach mharsanta no thall thairis
- Dèanamh foghlam adhartach no àrd-ìre far am feum iad a bhith air falbh bhon chroit
- Tinneas leanmhainneach a dh'fheumas leigheas air falbh bhon chroit.
6.2.3.3 Far a bheil an t-Ùghdarras den bheachd gu bheil croitear (neach-gabhail no sealbhadair-còmhnaidh) neo-làthaireach, thathar a' moladh gun sgrìobhadh an t-Ùghdarras chun a' chroiteir neo-làthaireach agus gun iarradh e iarrtas a chur a-steach airson a bhith neo-làthaireach, tagradh airson cead fo-fhastadh no gealltanas sgrìobhte a thoirt gun coinnich iad ris an riatanas còmhnaidh. Mur freagair an croitear no mur coilean e an gealltanas a thug e coinneachadh ris an riatanas còmhnaidh, ghabhadh an t-Ùghdarras ceuman mar a tha air a mhìneachadh gu h-àird.
6.2.3.4 Chaidh ullachadh a dhèanamh cuideachd gus ullachaidhean airson sònrachadh teaghlaich anns an achd chroitearachd làithreach atharrachadh gus nach bi seo a' tachairt leis fhèin far a bheil an neach-sònrachaidh no an neach-gluasaid a chaidh a mholadh neo-làthaireach. Thathar a' moladh gum feumar aonta an Ùghdarrais a-nis airson sònrachadh sam bith a chaidh a mholadh. Tha seo airson cuideachadh a' dèanamh cinnteach nach eil trioblaid neo-làthaireachas air a chur bho aon croitear gu fear eile.
6.2.3.5 Tha Ùghdarras nan Croitearan air comharrachadh gur e innleachdan dàla aon de na duilgheadasan a tha romhpa nuair a tha iad a' dèanamh gnìomh cur an sàs, a tha air an dealbh gus bacadh a chur air oidhirpean an Ùghdarrais air ceuman èifeachdach a ghabhail. Mar eisimpleir, ann an cuid de chùisean far an do dh'iarr iad air uachdaran molaidhean ath-fastadh a chur a-steach airson croit bhàn, tha mòran luchd-gabhail mì-fhreagarrach air am moladh. Còmhla ri sin, chan eil ùineachan soilleir ann an Achdan Croitearachd eadar an t-uachdaran a' cur a-steach molaidhean fastaidh agus aonta an Ùghdarrais. Mar sin, tha an dreachd Bhile a' gabhail a-steach ullachadh airson a bhith a' cuingeachadh an àireamh de mholaidhean fastaidh air an cur a-steach le uachdaran gu a trì, taobh a-staigh raon-ama de dhà mhìos, le mìos eile gus leigeil don Ùghdarras beachdachadh air na molaidhean.
6.2.3.6 Bha ullachadh air a dhèanamh cuideachd airson atharrachadh sònrachadh teaghlaich agus gluasadan le luchd-tiomnaidh gus nach bu chòir don seo tachairt mar chòir dìreach mas e neo-làthaireach a bhios san neach-sònrachaidh no an neach-gluasaid a chaidh a mholadh. Anns a h-uile cùis, cha bu chòir sònrachadh a cheadachadh ach a-mhàin far an coinnich an neach-sònrachaidh no an neach-gluasaid a chaidh a mholadh ris an riatanas còmhnaidh, còmhla ri slatan-tomhais reachdail sam bith eile. Thathar den bheachd gum bu chòir na slatan-tomhais airson measadh air sònrachaidhean teaghlaich agus sònrachaidhean eile a bhith co-ionann agus gum bu chòir don Ùghdarras a bhith riaraichte gun coinnich an neach a chaidh a mholadh ri riatanasan croiteir.
Ceist 25: A bheil beachdan sam bith agad mu na molaidhean san dreachd Bhile a tha air an dealbh airson leigeil don Ùghdarras ceuman nas èifeachdaiche a ghabhail an aghaidh neo-làthaireachais? |
6.2.4 Ullachaidhean airson obrachadh an fhearainn
6.2.4.1 'S e aon de na cumhaichean reachdail gum feum croitearan am fearann aca fhèin àiteach no a chleachdadh gu buannachdail. Dh'aontaich freagairt an Riaghaltais ri aithisg CRaC airson an reachdas a tha ann an-dràsta ath-bhreithneachadh gus dèanamh cinnteach gun urrainn don riaghlaiche ceuman nas èifeachdaiche a ghabhail gus am bithear cinnteach gum bi an riatanas seo air a chur an sàs. 'S e fearann an stòras nàdarra as bunaitiche a tha againn agus tha e cudromach dèanamh cinnteach gu bheilear ga cleachdadh gu h-èifeachdach airson fàs eaconamach seasmhach a choileanadh.
6.2.4.2 An-dràsta, chan eil cumhachd aig an Ùghdarras ceuman dìreach a ghabhail an aghaidh croiteir nach bi ag obrachadh an fhearainn mur faigh e gearan mu bhriseadh cumhaichean reachdail no cead an uachdarain ceuman a ghabhail a thaobh mì-chleachdaidh no dearmaid. Tha ullachadh san dreachd Bhile a leigeadh don Ùghdarras ceuman a ghabhail far nach eil fearann air a chleachdadh gu h-èifeachdach gun feitheamh ri gearan a thighinn a-steach no cead an uachdarain.
6.2.4.3 Far an comharraich an t-Ùghdarras croit a thathar air a mì-chleachdadh, air a dearmad no nach eil ga cleachdadh gu buannachdail, dh'fheumadh an t-Ùghdarras rabhadh sgrìobhte a thoirt don chroitear mun cho-dhùnadh seo. Dh'fheumadh an croitear planaichean a chur a-steach airson a bhith ag àiteach na croite no airson a' chroit a chleachdadh gu buannachdail taobh a-staigh aon mhìos bhon àm a gheibhear fios bhon Ùghdarras. Air neo, dh'fhaodadh an croitear tagradh a chur airson a' chroit fho-fhastadh. Dh'fheumadh planaichean sam bith a bhith air an aontachadh leis an Ùghdarras agus a bhith a' gabhail a-steach gnìomhan ris am faodadh sùil a chumail air adhartas. Mur cuir croitear plana ri chèile no mur builich e am plana, ghabhadh an t- Ùghdarras ceuman. Airson luchd-gabhail chroitean, dhèanadh e òrdugh a' toirt a' ghabhaltais gu crìch agus a' gairm na croite bàn. Dheigheadh iarraidh air uachdarain an uair sin molaidhean a chur a-steach airson a' chroit ath-fhastadh. Airson sealbhadairean-còmhnaidh, bhiodh a' chroit air a gairm bàn agus dheigheadh iarraidh air an t-sealbhadair-còmhnaidh molaidhean cur a-steach airson a' chroit fhastadh.
6.2.4.4 An-dràsta faodaidh croitear roghnachadh gun a' chroit aca àiteach no a bhith ga cleachdadh gu buannachdail ma tha iad a' gleidheadh a' mhaise nàdair timcheall air a' chroit no flùr-bheatha agus fiadh-bheatha croite. Tha an Riaghaltas a' gabhail ris gum bu chòir gum faodadh croitear sgur de dh'obair gus flùr-bheatha agus fiadh-bheatha sgìre a ghleidheadh agus maise nàdair na croite ach tha e den bheachd gum feumadh an croitear sealltainn gu bheil an obair seo air a phlanadh agus air a stiùireadh. Thathar den bheachd, ann am beagan chùisean, gu bheilear a' cleachdadh seo an-dràsta mar adhbhar airson nach dèanar feum sam bith den chroit. Far an urrainn do chroitear sealltainn gu bheil an obair seo air a phlanadh agus air a stiùireadh, cha ghabhadh an t-Ùghdarras ceuman sam bith an aghaidh a' chroiteir.
Ceist 26: A bheil beachdan sam bith agad mu na molaidhean san dreachd Bhile airson leigeil don Ùghdarras ceuman nas èifeachdaiche a ghabhail far nach eil croit air a cleachdadh gu buannachdail? |
6.2.5 Daingneachadh achdan croitearachd
6.2.5.1 Thuirt CRaC gun robh feum air reachdas ùr a thèid an àite nan laghan tionalaichte a tha a' suidheachadh an fhrèam airson croitearachd an-diugh, agus a nì iad nas sìmplidhe agus nas soilleire. Dh'aontaich an Riaghaltas co-chomhairle a chumail air dreachd Bhile prògraim a dh'atharraicheadh ann an 2009 an reachdas a tha ann an-dràsta agus airson tuilleadh beachdachaidh a dhèanamh air an dòigh as fheàrr air lagh croitearachd a dhèanamh nas sìmplidhe agus nas soilleire.
6.2.5.2 Chaidh ullachadh a dhèanamh san dreachd Bhile airson ceuman a chuidicheadh le daingneachadh nas fhasa air lagh croitearachd. Chaidh aontachadh cuideachd gum bu chòir lagh croitearachd a bhith na thargaid airson a dhaingneachadh san ath Phàrlamaid, a choileanadh an amas airson na laghan tionalaichte a dhèanamh nas sìmplidhe agus nas soilleire airson croitearachd.
6.2.6 Co-dhùnadh
6.2.6.1 Tha na molaidhean san dreachd Bhile, airson cumhachdan riaghlaidh Ùghdarras na Croitearachd a leasachadh, air leth cudromach airson leigeil don Ùghdarras ceuman èifeachdach a ghabhail an aghaidh neo-làthaireachas agus dearmad chroitean. Chaidh na h-ullachaidhean san dreachd Bhile a dheasachadh mar fhreagairt ris na fìor dhraghan a chaidh an cur an cèill le coimhearsnachdan croitearachd ri CRaC. Bha na h-ullachaidhean sin air an dealbh airson a bhith cothromach agus sùbailte, aire a thoirt do shuidheachaidhean pearsanta an neach-gabhail no an t-sealbhadair-còmhnaidh. Tha iad ag amas cothromachadh a dhèanamh, a' dèanamh cinnteach gum bi na còraichean bunaiteach a fhuair croitearan ann an Achd 1886 air an cumail agus aig an aon am a' leigeil don riaghlaiche ceuman èifeachdach a ghabhail an aghaidh dhaoine a tha a' dearmad an dleastanasan.
6.3 Measadh air Buaidh Riaghlaidh agus Co-ionannachd
6.3.1 Cùis
6.3.1.1 Mhol aithisg dheireannach na Comataidh Rannsachaidh air Croitearachd gum bu chòir dèiligeadh san aon dòigh ri sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail chroitean, dìreach mar chroitearan. Thog e cuideachd gun robh feum air riaghladh nas fheàrr air gach cuid dearmad agus neo-làthaireachas.
6.3.2 Rùn
6.3.2.1 'S e rùn nan ullachaidhean sin a bhith a' dèanamh cinnteach gum bithear a' dèiligeadh ri sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail ann an dòigh nas co-ionann agus gum bi ceuman nas èifeachdaiche air an gabhail gus aghaidh a chur air neo-làthaireachas agus obrachadh an fhearainn.
6.3.3 Cunnartan a dh'fhaodadh èirigh
6.3.3.1 Tha cunnartan a dh'fhaodadh èirigh co-cheangailte ri na molaidhean seo a' gabhail a-steach:
- Mì-shoilleireachd mu chòraichean shealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail chroitean fon reachdas ùr
- Meudachadh mòr ann an obair cur an sàs do dh'Ùghdarras na Croitearachd às dèidh nan atharrachaidhean a bhuileachadh
- Ìre nas motha de ghearanan às dèidh ceuman nas èifeachdaiche leis an Ùghdarras airson aghaidh a chur air cùisean neo-làthaireachais no obrachadh an fhearainn.
6.3.4 Roghainnean
6.3.4.1 San fharsaingeachd, tha 3 roghainnean ann:
(i) Gun dad a dhèanamh;
(ii) Reachdas atharrachadh gus aghaidh a chur air na prìomh cùisean air an am mìneachadh gu h-àird; no
(iii) Buileachadh nas mionaidiche air an reachdas a tha ann an-dràsta.
6.3.5 Buannachdan
6.3.5.1 Cha dèanadh Roghainn 1 atharrachadh sam bith agus cha bhiodh buannachdan ann. Bhiodh duilgheadasan làithreach fhathast gun am fuasgladh a' fàgail iomadh duilgheadas mar ìrean àrda neo-làthaireachais gun am fuasgladh. Cuideachd, cha bhiodh mìneachadh air sealbhadairean-còmhnaidh agus dh'fhaodadh iad a bhith fosgailte do chùis suidheachadh bàn aig àm sam bith.
6.3.5.2 Tha Roghainn 2 a' toirt cothrom air aghaidh a chur dìreach air na cùisean sin tro reachdas. Le bhith a' toirt mìneachadh air sealbhadairean-còmhnaidh agus a' cleachdadh nan aon shlatan-tomhais airson sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail, bidh e comasach dèanamh cinnteach gun deigheadh dèiligeadh ri luchd-gabhail agus sealbhadairean-còmhnaidh ann an dòigh nas co-ionann. Còmhla ri sin, bhiodh atharrachadh reachdas a' ciallachadh gum feumadh an t-Ùghdarras ceuman a ghabhail gus aghaidh a chur air neo-làthaireachas no mì-chleachdadh no dearmad fearann croite, seach mar a tha e aig an àm seo far am faod an t-Ùghdarras ceuman a ghabhail.
6.3.5.3 Dhèanadh Roghainn 3 beagan gus na rùintean a lìbhrigeadh ach tha an t-Ùghdarras an-dràsta cuibhrichte anns na dh'fhaodas e a dhèanamh airson ceuman a ghabhail a thaobh dearmaid. Mar eisimpleir, aig an àm seo faodaidh e ceuman a ghabhail a-mhàin ma thig gearan a-steach no ma gheibh e aonta an uachdarain. Chan eil barantas sam bith gum bhiodh dòigh-obrach shaor-thoileach cho èifeachdach ri riatanas reachdail.
6.3.5.4 Cho-dhùin an Riaghaltas a dhol air adhart le Roghainn 2 agus tha a mholaidhean air am mìneachadh ann an earrann 6.2 den sgrìobhainn seo.
6.3.6 Buaidh air luchd-ùidh
Croitearan
6.3.6.1 Bidh a' bhuaidh as motha air croitearan ma tha iad neo-làthaireach no mur eil iad a' cleachdadh an fhearainn gu buannachdail. Far a bheil croitearan a' coinneachadh ri na riatanasan seo, cha bhi buaidh sam bith aig na molaidhean. Thathar den bheachd gum faigh sealbhadairean-còmhnaidh chroitean buannachd bho mhìneachadh làidir air an inbhe agus nach bi iad air am faicinn tuilleadh mar shealbhadairean chroitean bàna. Bheir seo seulachadh nach fhaod an t-Ùghdarras, aig àm sam bith, iarraidh orra molaidhean fastaidh a chur a-steach airson na croite aca. Bidh dèiligeadh ri sealbhadairean-còmhnaidh agus luchd-gabhail chroitean ann an dòigh cho-ionann a' cruthachadh cothromachd am measg chroitearan agus a' dèanamh cinnteach gu bheil dèanamh co-dhùnaidhean cunbhalach, cho fad 's a ghabhas, eadar gur e sealbhadair no neach-gabhail a tha sa chroitear.
6.3.6.2 Gheibh croitearachd buannachd bho cheuman nas dìriche leis an Ùghdarras air an aghaidh a chur air cùisean neo-làthaireachais, mì-chleachdaidh agus dearmaid oir leanaidh seo gu cleachdadh nas fheàrr air fearann croite agus cuiridh e ri seasmhachd chroitearachd gu h-iomlan.
Ùghdarras nan Croitearan
6.3.6.3 Mar thoradh air an reachdas, thathar a' sùileachadh gum bi Ùghdarras na Croitearachd nas èifeachdaiche le aghaidh a chur air cùisean neo-làthaireachais, mì-chleachdaidh agus dearmaid. Meudaichidh dòigh-obrach nas for-gnìomhaiche eallach-obrach an Ùghdarrais sa gheàrr-ùine ann a bhith a' cur aghaidh air duilgheadasan aithnichte, ach bu chòir gun leanadh a' bhuaidh bacaidh, san fhad-ùine, gu lùghdachadh ann an cùisean neo-làthaireachais agus dearmaid mar sin a' cur ri coimhearsnachdan croitearachd nas seasmhaiche agus nas soirbheachaile. Tha an cudrom a bharrachd air obair riaghlaidh air a chothromachadh gu ìre le bhith a' toirt gnìomhan eile air falbh bho Ùghdarras na Croitearachd.
Cùirt Fearainn na h-Alba
6.3.6.4 'S dòcha gun lean dòigh-obrach nas for-ghnìomhaiche don Ùghdarras gu barrachd ath-thagraidhean gu Cùirt an Fhearainn, ach bidh seo gu mòr an urra ris an àireamh de chùisean a thig am bàrr. Thathar an dòchas gum bi fuasgladh air aontachadh anns a' chuid as motha de chùisean gun a dhol don chùirt. Còmhla ri sin, 's dòcha gun cuidich am pròiseas ùr a tha a' leigeil do Bhòrd Ùghdarras na Croitearachd ath-bhreithneachadh a dhèanamh air co-dhùnaidhean Comataidhean Sgìreil a' lùghdachadh na tha de chùisean a' dol gu Cùirt Fearainn na h-Alba.
6.3.7 Cosgaisean
6.3.7.1 Chan eilear a' sùileachadh cosgaisean a bharrachd airson sealbhadairean-còmhnaidh no luchd-gabhail chroitean a bhios a' cumail ri na riatanasan a thaobh còmhnaidh agus obrachadh an fhearainn. Ma bhriseas croitear riatanasan reachdail, 's dòcha gum feum iad cosgaisean laghail a phàigheadh co-cheangailte ri cùis sam bith a bhios air a thogail nan aghaidh.
6.3.7.2 Ann a bhith a' gabhail dòigh-obrach nas for-ghnìomhaiche, thig cosgaisean luchd-obrach a bharrachd air an Ùghdarras sa gheàrr-ùine airson dèiligeadh ri duilgheadasan aithnichte. Tha stòras a bharrachd de £100K a-nis ri fhaotainn leis an Ùghdarras airson ceuman gus aghaidh a chur air neo-làthaireachas sa gheàrr-ùine. Ach, 's dòcha gum bi seo air a chothromachadh san fhad-ùine leis a' bhuaidh bacaidh a thathar a' sùileachadh bhon reachdas.
6.3.7.3 Mar a chaidh a chomharrachadh gu h-àird, bidh cosgaisean a bharrachd air Cùirt an Fhearainn an urra ri grunn chùisean a thig am bàrr ach chan eilear a' sùileachadh gum bi iad sin mòr.
6.3.8 Deuchainn mun Bhuaidh air Gnothachasan Beaga
6.3.8.1 Chan eilear den bheachd gun toir na molaidhean seo buaidh air gnothachasan beaga.
6.3.9 Measadh air Co-fharpais
6.3.9.1 Chan eilear den bheachd gin cruthaich na molaidhean seo buannachd no call coimeasach sam bith taobh a-staigh na roinne.
6.3.10 Cur an sàs agus smachd-bhannan
6.3.10.1 Tha an reachdas a' moladh barrachd sùbailteachd do dh'Ùghdarras na Croitearachd gus na smachd-bhannan a tha ann an-dràsta a chleachdadh airson aghaidh a chur air neo-làthaireachas, mì-chleachdadh agus dearmad. Mar sin, chan eilear a' moladh smachd-bhannan ùra ged a tha ullachadh san reachdas airson gum bi smachd-bhannan nas fhasa an cur an gnìomh.
6.3.11 Ceartas agus Cothromachd
6.3.11.1 Chan eil bacaidhean sam bith a thaobh cinnidh, aois, gnè, teachd-a-steach, creideimh no ciorraim, msaa. Thathar den bheachd gu bheil molaidhean airson dèiligeadh san aon dòigh ri sealbhadair-còmhnaidh agus luchd-gabhail chroitean nas cothromaiche na mar a tha e aig an àm seo oir bheir seo, cho fad 's a ghabhas, inbhe cho-ionann oir bidh gach neach air fhaicinn mar chroitear. Thathar den bheachd gu bheil na molaidhean mu roinn chroitean nas cothromaiche na, mar eisimpleir, toirt an t-sealbhadair-còmhnaidh air falbh bhon chroit air fad. Tha gabhail a-steach còir tagraidh an aghaidh co-dhùnadh an Ùghdarrais a' toirt cothrom an co-dhùnadh sin a dheasbad agus thathar den bheachd gu bheil e cothromach. Thathar den bheachd gu bheil e nas cothromaiche ag iarraidh air sealbhadair-còmhnaidh no neach-gabhail croite molaidhean gabhaltas a chur a-steach an toiseach na an t-Ùghdarras a bhith a' cur neach-gabhail ùr air a' chroit mar chiad roghainn.
6.3.11.2 Ann an cur aghaidh air neo-làthaireachas, gus an reachdas a bhith air a chur an gnìomh gu cothromach agus gu reusanta, tha molaidhean a' gabhail a-steach cothrom do chroitear tagradh a chur airson aonta a bhith neo-làthaireach airson ùine shuidhichte le adhbhar math, mar greisean goirid gu meadhanach fada air falbh airson cosnaidh, adhbharan foghlaim no tro thinneas leanmhainneach a dh'fheumas leigheas air falbh bhon chroit. Ach, mur faighear freagairt, no mur coilean e a dhleastanas airson coinneachadh ris an riatanas còmhnaidh, gabhaidh an t-Ùghdarras ceuman airson neach-gabhail freagarrach a lorg. Bheir na molaidhean airson a bhith a' cleachdadh nan aon shlatan-tomhais airson measadh air sònrachaidhean agus gluasadan teaghlaich agus nach buin do theaghlach barrachd co-ionannachd cuideachd.
Ceist 27: A bheil beachdan sam bith agad mun dreachd Mheasadh air Buaidh Riaghlaidh agus Co-ionannachd airson nan atharrachaidhean a chaidh a mholadh ri riaghladh croitearachd? |