Consultation on the Scottish Government Draft Gaelic Language Plan

Listen

Earrann a Trì
Dreachd Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

Caibidil I - Ro-Ràdh
Sealladh farsaing air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ullachadh Planaichean Gàidhlig

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Bha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air a cur an gnìomh le Pàrlamaid na h-Alba le sùil ri inbhe thèarainte fhaighinn don Ghàidhlig mar chànan oifigeil an Alba le spèis co-ionann ris a' Bheurla.

Tha an t-àm seo riatanach don Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha suidheachadh a' chànain air leth lag agus le àireamhan nan daoine a tha a' bruidhinn na Gàidhlig gu fileanta no mar thùs-chànan ann an sgìrean traidiseanta a' chànain a' crìonadh tha cunnart ann nach mair a' Ghàidhlig mar chànan beò an Alba. Tha e riatanach ceuman a ghabhail gus a' Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach an Alba.

'S e aon de na prìomh nithean ann an Achd 2005 an t-ullachadh a tha a' toirt cothrom do Bhòrd na Gàidhlig (am prìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba) iarraidh air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh. Bha an t-ullachadh seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gum bi an earrann phoblach an Alba a' gabhail a pàirt ann an cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd tro bhith ag àrdachadh a h-inbhe agus a h-ìomhaigh agus a' cruthachadh cothroman prataigeach airson a bhith ga cleachdadh.

An riatanas a bhith ag ullachadh Plana Gàidhlig

Tha an riatanas airson buidheann poblach a bhith ag ullachadh Plana Gàidhlig a' tòiseachadh le Bòrd na Gàidhlig a' cur a-mach fios foirmeil airson sin fo earrann 3 de Achd 2005. Fhuair Riaghaltas na h-Alba fios san Lùnastal 2006, agus chaidh iarraidh air a Phlana Gàidhlig a chur chun a' Bhùird airson aonta san Ògmhios 2009.

Prìomh nithean air am feumar beachdachadh ann an ullachadh Plana Gàidhlig

Tha Achd 2005 a' comharrachadh grunn shlatan-tomhais sònraichte dom feum buidhnean a tha ag ullachadh Planaichean Gàidhlig aire a thoirt. Tha iad sin air an dealbh gus dèanamh cinnteach gu bheil na Planaichean Gàidhlig a tha air an ullachadh coileanta, co-chòrdail agus iomchaidh do shuidheachadh fa leth na buidhne a tha ga ullachadh.

(i) an ìre a tha Gàidhlig ga cleachdadh le daoine dom bi an t-ùghdarras a' cur a dhleastanasan an gnìomh, agus an comas air cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh an co-cheangal ri coileanadh nan gnìomhan sin

Tha seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun toir na Planaichean Gàidhlig air an ullachadh le buidhnean poblach aire don àireamh luchd-labhairt a tha taobh a-staigh an raon-obrach aca, agus an comas air cleachdadh a' chànain a leudachadh. San fharsaingeachd, thathar a' sùileachadh gun deasaich buidhnean poblach le àireamhan mòra de luchd-labhairt Gàidhlig taobh a-staigh an raon obrach aca Planaichean Gàidhlig nas làidire.

(ii) stiùireadh reachdail mu ullachadh Planaichean Gàidhlig air fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig fo earrann 8 de Achd 2005

Tha Bòrd na Gàidhlig air stiùireadh reachdail fhoillseachadh fo earrann 8 de Achd 2005, a tha a' toirt comhairle air mar bu chòir Planaichean Gàidhlig a bhith air a chur ri chèile, agus air dè bu chòir do dh'ùghdarrasan poblach smaoineachadh air a ghabhail a-steach sna planaichean aca.

(iii) Plana Nàiseanta na Gàidhlig

'S e sgrìobhainn reachdail a tha ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig air a dheasachadh le Bòrd na Gàidhlig fo earrann 2 de Achd 2005. Tha am Plana Nàiseanta a' toirt sealladh iomlan air feuman leasachaidh na Gàidhlig, a' gabhail a-steach cùisean togail cànain, cleachdadh cànain, inbhe cànain agus corpas cànain. Tha e a' mìneachadh prìomhachasan airson leasachadh na Gàidhlig, agus a' comharrachadh buidhnean a dh'fhaodas cuideachadh len coileanadh.

(iv) tagraidhean sam bith a rinneadh ris a' bhuidhinn phoblaich a tha ag ullachadh a phlana mun dòigh a tha e a' cleachdadh na Gàidhlig

Tha seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun toir buidhnean poblach aire do bheachdan bhuidhnean le ùidh sa chùis nuair a tha iad ag ullachadh am Planaichean Gàidhlig. 'S e a' phrìomh dhòigh air na beachdan sin fhaighinn le Riaghaltas na h-Alba co-chomhairlean poblach air a dhreachd Phlana.

(v) prionnsabal spèis cho-ionann

Bha prionnsabal spèis cho-ionann air fhilleadh a-steach ann an Achd 2005 le Pàrlamaid na h-Alba mar aithris dheimhinneach gu bheilear a' cur meas air a' Ghàidhlig, a' toirt feart air a' mhiann aig luchd-cleachdaidh na Gàidhlig gum bi cleachdadh na Gàidhlig cho nàdarrach 's a ghabhas nam beatha, gum biodh spiorad bhlàth don Ghàidhlig air feadh Alba, agus nach bu chòir don chànan fulang tro chion spèis sam bith bho dhaoine fa leth no bho bhuidhnean. Tha stiùireadh a' Bhùird ag aithris gur dòcha nach eil spèis cho-ionann don Ghàidhlig a' leantainn gu dèiligeadh co-ionann don Ghàidhlig agus don Bheurla, no gum feum ìre shònraichte de sholarachadh Gàidhlig a bhith ri fhaotainn anns gach suidheachadh. 'S ann a tha e a' misneachadh bhuidhnean poblach gu bhith a' strì, a dh'aindeoin dè an suidheachadh cànain sònraichte a tha romhpa, a bhith taiceil agus fialaidh do leasachadh na Gàidhlig agus am Planaichean Gàidhlig ullachadh le sùil ri cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh cho furasta 's a ghabhas a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin. Nuair a tha sinn a' lìbhrigeadh sheirbheisean tron Ghàidhlig, feuchaidh sinn ri dèanamh cinnteach gum bi an ìre agus càileachd den aon ìre 's a bhiodh iad tron Bheurla.

Co-chomhairle air dreachd Phlana Gàidhlig

A rèir Achd 2005 feumaidh buidhnean poblach ullachadh a' Phlana Gàidhlig aca a thoirt gu aire dhaoine aig a bheil ùidh ann. Gus seo a dhèanamh, rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle phoblach air dreachd den phlana Gàidhlig aige ann an 2009.

Aonta do Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

Bidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba air a chur chun a' Bhùird agus air aontachadh leis a' Bhòrd.

Sealladh farsaing air dleastanasan Riaghaltas na h-Alba agus cleachdadh na Gàidhlig taobh a-staigh ar raon obrach

'S e Riaghaltas na h-Alba an riaghaltas tiomnaichte airson Alba. Bha Riaghaltas na h-Alba air a stèidheachadh ann an 1999, às dèidh nan ciad thaghaidhean gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air a stiùireadh le Prìomh Mhinistear a tha air ainmeachadh leis a' Phàrlamaid agus an dèidh sin a' cur an dreuchd Ministearan na h-Alba eile a tha a' dèanamh suas a' Chaibineat.

Tha seirbheisich chatharra Riaghaltas na h-Alba cunntachail do Mhinistearan na h-Alba, agus tha iadsan cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba. 'S e Bòrd an Ro-innleachd prìomh bhòrd Riaghaltas na h-Alba. 'S e an Rùnaire Maireannach cathraiche a' Bhùird agus 's iad buill a' Bhùird Àrd-stiùirichean nam prìomh Bhuidhnean-stiùiridh aig Riaghaltas na h-Alba còmhla ri triùir bhall neo-oifigeil.

Tha Achd na h-Alba a' clàradh, ann am Pàipear-taice 5, na cùisean a tha glèidhte. Tha cùis sam bith nach eil cho glèidhte, no air a mhìneachadh anns an Achd mar a bhith taobh a-muigh comas na Pàrlamaid, tiomnaichte. Tha Clàr 1 gu h-ìosal a' sealltainn cuid de na prìomh chùisean tiomnaichte agus glèidhte. Tha a' chuid as motha de na cùisean a bhuineas do bheatha làitheil sluagh na h-Alba, a' gabhail a-steach slàinte, foghlam, ceartas, àrainneachd agus cùisean dùthchail, agus còmhdhail fo uallach Riaghaltas na h-Alba. Bha toradh Sgrùdadh air Cosg 2007 air fhoillseachadh air 14 Samhain 2007. Tha buidseat na h-Alba aig £29.8 billean bho 2007/08 gu 2010/11.

Tha prìomh oifisean Riaghaltas na h-Alba ann an Dùn Èideann aig Victoria Quay, St Andrew's House, Saughton House agus Pentland House; agus, an Glaschu, aig Meridian Court agus Europa Building. Còmhla ri sin, tha mu 30 oifisean sgìre againn bho Bhaile na h-Eaglais sa Cheann a Tuath chun an t-Sròin Reamhair sa Cheann a Deas.

Tha cùisean tiomnaichte a' gabhail a-steach:

Tha cùisean glèidhte a' gabhail a-steach:

  • slàinte
  • foghlam agus trèanadh
  • riaghaltas ionadail
  • obair shòisealta
  • taigheadas
  • dealbhadh
  • turasachd, leasachadh eaconamach agus taic ionmhais do ghnìomhachas
  • cuid de chùisean còmhdhail, a' gabhail a-steach lìonra rathaidean na h-Alba, poileasaidh mu bhusaichean agus cidheachan is calaidhean
  • lagh agus cùisean na dùthcha, a' gabhail a-steach a' chuid as motha de roinnean lagh eucorach agus catharra, an siostam casaid agus na cùirtean
  • am Poileas agus seirbheisean Smàlaidh
  • an àrainneachd
  • dualchas nàdarra agus togte
  • àiteachas, coilltearachd agus iasgach
  • spòrs agus na h-ealain
  • staitistig, agus clàran poblach
  • cùisean bun-reachdail
  • poileasaidh na Rìoghachd Aonaichte air dùthchannan cèin
  • dìon agus tèarainteachd nàiseanta an Rìoghachd Aonaichte
  • Siostam fiosgail, eaconamach agus ionmhasail
  • in-imrich agus nàiseantachd
  • cumhachd: dealan, gual, gas agus cumhachd niuclasach
  • margaidhean coitcheann
  • malairt agus gnìomhachas, a' gabhail a-steach co-fharpais agus dìon luchd-cleachdaidh
  • cuid de chùisean còmhdhail, a' gabhail a-steach sàbhailteachd agus riaghladh còmhdhail
  • reachdas cosnaidh
  • tèarainteachd shòisealta
  • cearrachd agus an Crannchur Nàiseanta
  • dìon dàta
  • casg-breith, torachadh daonna agus sutheòlas, gintinneachd, xenotraschur agus beò-ghearradh
  • co-ionannachd chothroman

Tha obair Riaghaltas na h-Alba air a dhèanamh le:

  • Riaghaltas na h-Alba - an t-seirbheis chatharra ghnàthach an Alba le prìomh Bhuidhnean-stiùiridh an Eaconamaidh agus am Prìomh Chomhairleach air an Eaconamaidh, Slàinte agus Sochair, Ceartas agus Coimhearsnachdan, an Àrainneachd, Foghlam agus Oifis an Rùnaire Mhaireannaich;
  • Buidhnean iomairt - air an stèidheachadh le Ministearan mar phàirt de roinnean Riaghaltas na h-Alba, no mar roinnean dhiubh fèin, gus an raointean obrach fhèin a choileanadh. Tha seirbheisich catharra ag obair anns na buidhnean iomairt;
  • Buidhnean poblach ( NDPBan) - buidhnean poblach nàiseanta agus roinneil, nach eil a' coileanadh an gnìomhan làitheil còmhla ri Ministearan, ach le Ministearan cunntachail air an son aig a' cheann thall; agus
  • Buidhnean Gnìomha - buidhnean comhairleachaidh air an stèidheachadh le Ministearan gus cùisean sònraichte a rannsachadh agus aithris a thoirt orra. Cha mhair Buidhnean Gnìomha ach ùine ghoirid, mar as trice mu bhliadhna, agus bidh iad a' dol à bith nuair a bhios an aithris crìochnaichte.

Tha raon obrach Riaghaltas na h-Alba a' gabhail a-steach Alba gu lèir. Mar sin, tha gach neach-labhairt Gàidhlig agus coimhearsnachd Ghàidhlig an Alba taobh a-staigh na sgìre sa bheil Riaghaltas na h-Alba ag obrachadh a' gabhail a-steach a h-uile sgìre sa bheil daoine comasach air tuigsinn, labhairt, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig a' dèanamh suas mòr-chuid den àireamh-sluaigh.

Cunntasan-sluaigh1

B' e an àireamh iomlan de dhaoine air an clàradh comasach air labhairt agus/no leughadh agus/no sgrìobhadh agus/no tuigsinn Gàidhlig ann an cunntas-sluaigh 2001 92,400 (1.9% de dh'Àireamh-sluaigh na h-Alba). Dhiubh sin, b' e an àireamh iomlan de dhaoine a b' urrainn Gàidhlig a bhruidhinn 58,652 (1.15% de dh'Àireamh-sluaigh na h-Alba).

Ged a chaidh an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig uile gu lèir sìos anns a' chunntas-sluaigh mu dheireadh, chaidh an àireamh de dhaoine comasach air labhairt agus cuideachd air leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig suas eadar 1991 agus 2001 a' sealltainn fàs ann an litearras Gàidhlig agus anns an àireamh de luchd-ionnsachaidh Gàidhlig. Mheudaich an àireamh de chloinn aois 5-15 comasach air labhairt Gàidhlig cuideachd eadar 1991 agus 2001. Tha e na phrìomhachas aig an Riaghaltas seo a bhith a' cumail na h-àireimh de luchd-labhairt Gàidhlig seasmhach aig na h-ìrean a bha aca ann an 2001 ro chunntas-sluaigh 2021.

Tha luchd-labhairt Gàidhlig sgapte air feadh Alba. Den luchd-labhairt Gàidhlig air an comharrachadh ann an cunntas-sluaigh 2001, bha beagan a bharrachd air an dara leth a' fuireach ann an siorrachdan na Gàidhealtachd (sgìrean Chomhairle na Gàidhealtachd, Chomhairle Earra-Ghàidheil & Bhòid agus Chomhairle nan Eilean Siar) agus beagan nas lugha na an dara leth ann an sgìrean na Galltachd. Tha a' Ghàidhlig air a bruidhinn le mòr-chuid de dhaoine ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar agus ann an sgìre Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach taobh a-staigh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd. Chan eil ach dìreach beagan a bharrachd air cairteal de luchd-labhairt a' fuireach ann an sgìrean far a bheil luchd-labhairt Gàidhlig a' dèanamh suas mòr-chuid.

Tha ìre àrd cathaireachaidh taobh a-staigh na coimhearsnachd Gàidhlig le dùmhlachadh mòr de luchd-labhairt Gàidhlig a' fuireach ann an Sgìre Ghlaschu, Dùn Èideann, Inbhir Nis agus Obar Dheathain. Mar eisimpleir, tha 11,211 neach-labhairt Gàidhlig, no 19% den luchd-labhairt Gàidhlig air fad, a' fuireach ann an Sgìre Ghlaschu a rèir cunntas-sluaigh 2001. 2

Chan eil figear cinnteach ann airson na h-àireimh de luchd-ionnsachaidh inbheach neo-fhileanta. Ach, cho-dhùin sgrùdadh nàiseanta ann an 1995 le John Galloway às leth Comunn na Gàidhlig, bòrd leasachaidh na Gàidhlig, gun robh mu 8,000 an Alba. 3

Tha mu 2,500 sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile ann am foghlam Gàidhlig ( FG) gu nàiseanta aig an àm seo, le 700 pàiste eile ann an sgoiltean-àraich Gàidhlig. Taobh a-staigh foghlam Beurla eadar 2,500 agus 3,000 tha luchd-ionnsachaidh a' gabhail Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil gach bliadhna eadar S1 agus S6. 4 Tha mòran chloinne ann am bun-sgoiltean Beurla a' gabhail pàirt anns an sgeama Gàidhlig sa Bhun-sgoil gach bliadhna: mu 6,500 pàiste ann an seisean 2005/6.

CAIBIDIL II - BUN-DHLEASTANASAN

San Stiùireadh air Leasachadh Planaichean Gàidhlig reachdail, tha Bòrd na Gàidhlig ag ainmeachadh cruthachadh nan suidheachaidhean airson a cleachdadh sa bheatha phoblaich mar aon de na prìomh nithean ann an àbhaisteachadh cleachdadh na Gàidhlig. Tha am Bòrd air ceithir prìomh raointean de lìbhrigeadh seirbheis a chomharrachadh air a bheil e ag iarraidh air buidhnean poblach aghaidh a chur ann an ullachadh am Planaichean Gàidhlig. 'S iad sin:

Dearbh-aithne:

dearbh-aithne chorporra
soidhnichean

Conaltradh:

fàilteachas
fòn
post agus postd
foirmean
coinneamhan poblach
modhan gearain

Foillseachaidhean:

dàimh phoblach agus na meadhanan
stuth clò-bhuailte
làraich-lìn
taisbeanaidhean

Luchd-obrach:

trèanadh
ionnsachadh cànain
fastadh
sanasachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gum faod pàirt cudromach a bhith aig gach gnìomh chorporra sin ann an àrdachadh ìomhaigh agus follaiseachd na Gàidhlig, agus ann an cruthachadh cothroman prataigeach do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh Gàidhlig. Tha an earrann seo den Phlana Gàidhlig againn a' mìneachadh dè an solarachadh Gàidhlig a bhios air a dhèanamh co-cheangailte ri gach gnìomh.

Ann am beachdachadh air ciamar is urrainn a sholarachadh Gàidhlig anns na raointean sin a leasachadh, thug an Riaghaltas aire do na riatanasan reachdail air an comharrachadh ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, agus do Stiùireadh a' Bhùird mu leasachadh Planaichean Gàidhlig. Tha an Stiùireadh ag aithris gur e an sùileachadh, san fharsaingeachd, anns na ceàrnaidhean far as àirde na h-àireamhan no na h-àireamhan sa cheud de luchd-labhairt Gàidhlig, gum bi raon nas fharsainge agus ìre dhleastanasan nas làidire anns a' Phlana Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair thar gach ceàrn de dh'Alba - mar sin, ann an leasachadh ar solarachadh Gàidhlig, bidh sinn a' cleachdaidh na h-ìre solarachaidh as lugha a bhuineas do na raointean obrach againn uile, agus a' toirt ìre solarachaidh leasaichte ann an ceàrnaidhean sa bheil an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig nas àirde. Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil sgrùdadh a dhèanamh air cànan anns a' chiad bhliadhna de ghnìomhachadh ar Plana Gàidhlig gus cuideachadh a' comharrachadh roinnean de sheirbheisean agus sgìrean far am faodadh solarachadh Gàidhlig nas mionaidiche a bhith ion-dhèanta agus feumail.

Tha an earrann seo a' comharrachadh na h-ìre as lugha de sholarachadh Gàidhlig a tha sinn a' gealltainn a sholar anns na 5 bliadhna a mhaireas am plana. Bithear ag iarraidh air a h-uile roinn de Riaghaltas na h-Alba a dhol nas àirde na an ìre solarachadh bhunaiteach seo agus, fhad 's a mhaireas am plana, meudachadh mean air mhean air an t-solarachadh Gàidhlig a tha iad a' tabhann. Tha sinn a' tuigsinn cuideachd nach eil sa Phlana Gàidhlig seo ach toiseach tòiseachaidh, agus a' sùileachadh gum bi na planaichean a nì sinn san àm ri teachd nan atharrachaidhean mòra anns an ìre bhunaiteach as lugha de sholarachadh Gàidhlig a bhios air a thabhann.

Earrann 1 - Dearbh-aithne

Faodaidh Gàidhlig ann an dearbh-aithne chorporra agus soidhnichean ùghdarras poblaich cur gu mòr ri follaiseachd a' chànan, agus tha e na aithris chudromach le ùghdarras poblach mun mheas agus an àite a tha aig a' Ghàidhlig. Faodaidh leudachadh air cleachdadh na Gàidhlig tro shoidhnichean cuideachd cur ri briathrachas luchd-cleachdaidh Gàidhlig agus ri leasachadh a' chànain.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e a bhith a' cruthachadh mothachadh fad is farsaing air cleachdadh na Gàidhlig agus a' toirt ìomhaigh fhiughaireach dhi.

Dearbh-aithne Chorporra

An Dòigh-obrach Làthaireach

Chan eil poileasaidh aontaichte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson cleachdadh na Gàidhlig na dhearbh-aithne chorporra.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh sinn a' gluasad a dh'ionnsaigh cleachdadh an tionndaidh dà-chànanach de shuaicheantas Riaghaltas na h-Alba mar an àbhaist thar gach raon obrach againn.

Dùbhlachd 2009

A h-uile raon obrach

Bidh sinn a' dèanamh sgrùdadh air a h-uile teamplaid eileagtronaigeach a tha air an cleachdadh le Riaghaltas na h-Alba agus a' toirt comhairle air cothroman air an dà chànan a chleachdadh.

Dùbhlachd 2009

ISIS -Siostaman Corporra

Nì sinn cinnteach gum bi eadar-theangachaidhean iomchaidh air ainmean Bhuidhnean-stiùiridh agus Roinnean.

Mar a bhios riatanach

Aonad Gàidhlig

Cuiridh sinn ri chèile stiùireadh do luchd-obrach air cleachdadh suaicheantas corporra dà-chànanach Riaghaltas na h-Alba ann an:

Cinn-litrichean
Cèisean
Bileagan dùrachd
Cairtean gnìomhachais
Cairtean freagairt

Dùbhlachd 2009

Aonad Gàidhlig

Soidhnichean (a-staigh agus a-muigh)

An Dòigh-obrach Làthaireach

Chan eil poileasaidh aontaichte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson Gàidhlig a chleachdadh air soidhnichean.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh sinn a' gluasad a dh'ionnsaigh toirt a-steach soidhnichean agus suaicheantas Riaghaltas na h-Alba san dà chànan mar an àbhaist mar phàirt den mhodh ùrachaidh agus leasachaidh àbhaisteach againn.

Ògmhios 2009

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Bidh sinn a' dèanamh sgrùdadh air a h-uile soidhne a-muigh agus aig na dorsan airson cleachdadh na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba.

Sultain 2008

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Meudaichidh sinn cleachdadh na Gàidhlig ann an soidhnichean a-muigh agus aig dorsan nar togalaichean sir fad.

Ògmhios 2009

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Bidh soidhnichean 'Welcome/Fàilte' air an cur nar fosglain poblach.

Ògmhios 2009

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Tha faisg air 30 oifisean sgìre aig Riaghaltas na h-Alba air feadh Alba. Tha soidhnichean dà-chànanach air taobh a-muigh cuid dhiubh mar-thà, mar eisimpleir, an t-Ionad Sgeama Thabhartasan nan Taighean Croite againn ann an Tiriodh, a' Phrìomh Aonad Fiosrachaidh an Ceann Loch Lìobhainn agus Roinn nan Cùisean Dùthchail ann an Cameron House san Òban. Mar a bhios sinn a' leasachadh no ag ùrachadh shoidhnichean nì sinn cinnteach gum bi Gàidhlig air a thoirt a-steach cuideachd.

Ògmhios 2009

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Earrann 2 - Conaltradh

Tha cleachdadh na Gàidhlig aig a' chiad conaltradh eadar buill den phoball agus ùghdarras poblach a' meudachadh na thathar a' faicinn agus a' cluinntinn den chànan, agus a' cur ris a' mhothachadh gu bheil comas agus cothrom aca air Gàidhlig a chleachdadh. A thuilleadh air a bhith ag àrdachadh ìomhaigh a' chànain, tha e cuideachd a' cruthachadh cothroman air a bhith ga cleachdadh agus a' misneachadh buill den phoball Gàidhlig a chleachdadh a' dèanamh gnothaich ris an ùghdarras phoblaich an dèidh làimhe.

Tha cleachdadh na Gàidhlig ann an coluadar ris an ùghdarras tro phost, post-dealain agus air fòn cudromach ann an cruthachadh cothroman prataigeach air a' chànan a chleachdadh, agus cur ris a' mhothachadh gu bheil comas agus cothrom air a chleachdadh. Faodaidh Gàidhlig ann an iomadh seòrsa foirm Gàidhlig, no ann am foirmean dà-chànanach, cuideachd cur gu mòr ri follaiseachd agus cliù a' chànain.

Faodaidh ullachadh thionndaidhean Gàidhlig de fhoirmean, iarrtasan agus sgrìobhainnean eile den t-seòrsa sin, a bhith na chuideachadh cuideachd le leudachadh air an diofar bhriathrachas Gàidhlig agus am mothachadh a tha aig luchd-labhairt na Gàidhlig air a' bhriathrachas sin, a' cuideachadh le leasachadh a' chànain fhèin.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e a bhith a' cruthachadh cothroman airson Gàidhlig a chleachdadh ann an iomadh seòrsa suidheachadh làitheil agus a' gealltainn a bhith a' meudachadh na h-ìre solarachaidh san raon seo.

Fàilteachas

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh Gàidhlig sam bith aig Riaghaltas na h-Alba ann an ionadan fàilte aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachadh

Bheir sinn a-steach trèanadh ann am mothachadh air Gàidhlig airson luchd-obrach aghaidh an taighe a' gabhail a-steach prìomh abairtean agus cleachdadh iomchaidh.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Bidh cothrom aig fàiltichean air neach-obrach le Gàidhlig gus cuideachadh le ceistean Gàidhlig.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Bidh soidhnichean dà-chànanach air an cur nar fosglain poblach air fad.

Ògmhios 2009

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Fòn

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson bruidhinn air fòn ann an Gàidhlig.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Nì sinn a' Ghàidhlig na sgil obrach fheumail airson luchd-obrach ùr a' tòiseachadh sa Phrìomh Aonad Fiosrachaidh an Ceann Loch Lìobhainn gus am faighear air a' chiad chonaltradh air fòn a dhèanamh ann an Gàidhlig.

Tha oidhirpean a' dol air adhart

Tele-chonaltradh

Nì sinn cinnteach gum bi roghainn Ghàidhlig air ar suids-chlàr fèin-fhreagairt.

Dùbhlachd 2009

Tele-chonaltradh

Tha sinn ag amas air 'roghainn deimhinneach' a bhrosnachadh agus faodaidh luchd-obrach CEU fòn a chur troimhe gu oifigear Gàidhlig ma bhios feum air.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Tele-chonaltradh

Post agus post-dealain:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil poileasaidh aontaichte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo air freagairt litrichean agus post-dealain Gàidhlig.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Nuair a sgrìobhas ball den phoball gu Riaghaltas na h-Alba ann an Gàidhlig gheibh iad freagairt ann an Gàidhlig.

Gun dàil

Aonad Conaltraidh

Beachdaichidh Riaghaltas na h-Alba air stòr-dàta a stèidheachadh de na daoine no buidhnean leis an fheàrr conaltradh sa Ghàidhlig, agus feuchaidh sinn ri conaltradh iomchaidh a chur air dòigh dhaibh ann an Gàidhlig.

Cuiridh sinn a' cheist mar phàirt den mhodh co-chomhairleachaidh

Aonad Conaltraidh còmhla ris an Aonad Ghàidhlig

Nì sinn stuth eileagtronaigeach fèin-fhreagairt san dà chànan (mar brathan-àichidh post-dealain).

Dùbhlachd 2009

ISIS - Siostaman Taic Chorporra

Bidh sinn a' cruthachadh iar-abairtean ìre Buidheann- stiùiridh agus ag iarraidh an cleachdadh ann am puist-dealain a-mach gus seirbheisean Gàidhlig a shanasachd ann an Gàidhlig agus Beurla

Mar a bhios riatanach

A h-uile raon obrach le taic bhon Aonad Gàidhlig

Foirmean:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh soilleir aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson cleachdadh na Gàidhlig ann am foirmean ach thathar air tagraidhean Gàidhlig a ghabhail bho dhaoine fa leth.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Meudaichidh Riaghaltas na h-Alba na tha air a chleachdadh agus air fhaicinn den Ghàidhlig anns na cruthan as cumanta:

  • bidh barrachd Gàidhlig ri fhaicinn air foirmean
  • comharraichidh sinn suidheachaidhean anns am bi lìonadh fhoirmean ann an Gàidhlig air a mhisneachadh.

Ògmhios 2010

A h-uile Raon Obrach

Bidh Riaghaltas na h-Alba deònach gabhail ri foirmean air an lìonadh ann an Gàidhlig.

Gun dàil

A h-uile Raon Obrach

Coinneamhan poblach:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson coinneamhan poblach a chumail ann an Gàidhlig no solarachadh Gàidhlig a dhèanamh aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh sinn a' foirmealachadh mhodhan far am bi solarachadh airson cleachdadh na Gàidhlig ann an coinneamhan poblach far an robh iarrtas reusanta air a nochdadh no far a bheil ùidh shònraichte aig luchd-labhairt na Gàidhlig ann.

Ògmhios 2010

A h-uile Raon Obrach

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba air dòigh cunnradh airson eadar-mhìneachadh Gàidhlig ann an coinneamhan poblach sam bith ma bhios seo air a roghnachadh. Gu h-àraidh ann an ceàrnaidhean far a bheil àireamh àrd de luchd-cleachdaidh a' chànain.

Dùbhlachd 2010

Buidheann-stiùiridh Solar na h-Alba

Modh Gearain:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a ghabhail a-steach na mhodhan gearain aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh eadar-theangachadh Gàidhlig den bhileag gearain againn ri fhaotainn air-loidhne agus an clò.

Ògmhios 2010

Aonad Conaltraidh

Earrann 3 - Foillseachaidhean

Faodaidh cleachdadh na Gàidhlig ann an sreath de stuth clò-bhuailte cuideachadh a' leasachadh na Gàidhlig ann an diofar dhòighean. Tha e a' cuideachadh a' meudachadh faicsinneachd a' chànain, tha e a' cur ri inbhe na Gàidhlig le bhith ga chleachdadh ann am foillseachaidhean iomraiteach, agus faodaidh e cuideachadh a' deasachadh agus a' daingneachadh briathrachas. Tha cleachdadh na Gàidhlig sna meadhanan a' cuideachadh gu sealltainn gu bheil ùghdarras poblach airson cothrom a thoirt air fiosrachadh cudromach tron Ghàidhlig, agus a' cur ri faicsinneachd agus inbhe a' chànain. Mar a gheibh barrachd dhaoine fiosrachadh mu ùghdarrasan poblach tron làraich-lìn aca, faodaidh ullachadh airson cleachdadh na Gàidhlig cur gu mòr ri inbhe agus faicsinneachd a' chànain.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh anns na ceàrnaidhean far a bheil ùidh nas motha aig a' mhòr-shluagh anns a' chuspair no far am buin e gu sònraichte do chùisean Gàidhlig.

Dàimh phoblach agus na meadhanan:

An dòigh-obrach làthaireach

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh mu 3000 fios naidheachd gach bliadhna. Tha cuid dhiubh air an dèanamh sa Ghàidhlig mar-thà ach aig an àm seo chan eil poileasaidh aontaichte ann airson seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Gnìomhachais

Prìomh raointean leasachaidh

Cuiridh sinn ri chèile stiùireadh do luchd-obrach air na suidheachaidhean anns a bheil e iomchaidh fios naidheachd ullachadh sa Ghàidhlig no san dà chànan.

Ògmhios 2010

Margaideachd agus na Meadhanan Ùra

Meudaichidh sinn cleachdadh na Gàidhlig ann an iomairtean sanasachd agus margaideachd Riaghaltas na h-Alba.

Ògmhios 2010

Margaideachd agus na Meadhanan Ùra

Cuiridh sinn ri chèile stiùireadh airson fiosan naidheachd a chur a-mach, san dà chànan far am bi e air a shùileachadh gun gabh na slatan-tomhais a-steach; nuair a tha cuspair fìor chudromach do na daoine a tha a' fuireach sna sgìrean sa bheil a' Ghàidhlig nas cumanta, no nuair a tha e a' dèiligeadh ri nì a bhuineas do chànan, cultar no foghlam na Gàidhlig.

Ògmhios 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh

Cuiridh sin air dòigh raon ann an làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba far am bi fiosan naidheachd Gàidhlig air an cumail còmhla.

Ògmhios 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh

Stuth Clò-bhuailte:

An dòigh-obrach làthaireach

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh diofar stuthan ann an Gàidhlig, mar an 'Co-chomhairleachadh air Bile a' Chultair (Alba)'. Meudaichidh Riaghaltas na h-Alba an àireamh de sgrìobhainnean a tha e a' deasachadh sa Ghàidhlig no san dà chànan no le geàrr-chunntas Gàidhlig.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Gnìomhachais

Prìomh raointean leasachaidh

Meudaichidh sinn an àireamh de gheàrr-sgrìobhainnean a tha air an deasachadh sa Ghàidhlig.

Dùbhlachd 2010

A h-uile Raon Obrach

Bidh 'Consultation Good Practice Guidance' Riaghaltas na h-Alba air atharrachadh gus tionndaidhean de sgrìobhainnean co-chomhairleachaidh san dà chànan no le Beurla agus Gàidhlig air leth a bhrosnachadh.

Ògmhios 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Far am feumar Gàidhlig a chur ann am foillseachaidhean, cleachdaidh sinn modh dà-chànanach. Ach, 's dòcha gum bi suidheachaidhean ann, mar crìochan ama, far am bi e riatanach, no feumail, tionndadh Gàidhlig air leth a dheasachadh.

Dùbhlachd 2010

A h-uile Raon Obrach

Cuiridh sinn ri chèile stiùireadh airson foillseachaidhean Gàidhlig, far am bi e air a shùileachadh gun gabh na slatan-tomhais a-steach; nuair a tha cuspair fìor chudromach do na daoine a tha a' fuireach sna sgìrean sa bheil a' Ghàidhlig nas cumanta; a' dèiligeadh ri nì a bhuineas do chànan, cultar no foghlam na Gàidhlig; co-cheangailte ri nì a tha cudromach gu nàiseanta ga chur chun a h-uile dachaigh tro leabhrain no bileagan; ga eadar-theangachadh gu cànanan coimhearsnachd eile.

Ògmhios 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Làraich-lìn:

An dòigh-obrach làthaireach

Tha cuid de na duilleagan air làrach-lìn Riaghaltas na h-Albawww.scotland.gov.ukmar-thà sa Ghàidhlig. Gheibhear na duilleagan sin cuideachd bhowww.alba.gov.uk.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Cuiridh sinn stuth ri làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba co-cheangailte ri ar Plana Gàidhlig agus meudaichidh sinn an stuth Gàidhlig air làrach-lìn SG.

Sultain 2009

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Bidh an earrann Ghàidhlig air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba air a leudachadh agus bheir e cothrom air earrannan far am bi fiosan naidheachd agus foillseachaidhean Gàidhlig air an cumail.

Sultain 2009

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Nì sinn soilleir air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba, dè na foillseachaidhean a tha rim faotainn sa Ghàidhlig.

Sultain 2009

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Meudaichidh sinn an àireamh de dh'eadar-theangachaidhean Gàidhlig de sgrìobhainnean a gheibhear air-loidhne.

Ògmhios 2010

A h-uile Raon Obrach

Bidh a h-uile foillseachadh co-cheangailte ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba dà-chànanach.

Air ball às dèidh co-chomhairle

Aonad Gàidhlig

Taisbeanaidhean:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a ghabhail a-steach ann an taisbeanaidhean aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

  • mu fhoillseachadh aithisg no sgrìobhainnean eile a thathar a' foillseachadh san dà chànan no le tionndadh Gàidhlig air leth
  • a' dèiligeadh ri cuspair aig a bheil ùidh shònraichte aig na daoine a tha a' fuireach taobh a-staigh sgìre no ceàrnaidhean far a bheil a' Ghàidhlig nas cumanta
  • a' buntainn gu sònraichte ri cànan, cultar no foghlam na Gàidhlig
  • mu nì a tha cudromach gu nàiseanta le Riaghaltas na h-Alba is airidh air fios naidheachd dà-chànanach
  • a' toirt cothrom air fiosrachadh ann an cànanan coimhearsnachd eile.

Dùbhlachd 2009

A h-uile Raon Obrach

Bidh cothrom aig luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba a tha ag ullachadh taisbeanaidhean air seirbheisean eadar-theangachaidh Gàidhlig airson fo-thiotalan dà-chànanach a dh'fheumar.

Gun dàil

A h-uile Raon Obrach tron Aonad Ghàidhlig

Earrann 4 - Luchd-obrach

Gus seirbheisean a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, feumaidh ùghdarrasan poblach na sgilean obrach agus cànain a dh'fheumas an luchd-obrach a leasachadh. Cuiridh cothroman ionnsachadh cànain airson luchd-obrach ri adhartachadh ionnsachadh Gàidhlig mar inbheach, agus ri adhartachadh Gàidhlig mar sgil fheumail anns an àite-obrach. Cuiridh comharrachadh obraichean anns a bheil Gàidhlig na sgil ainmichte gu mòr ri inbhe a' chànain, agus ri comharrachadh gur e sgil fheumail a tha innte.

Tha cleachdadh na Gàidhlig ann an sanasachd a' cuideachadh gu tuigsinn gum bu chòir Gàidhlig a chleachdadh sa bheatha phoblaich agus gu bheil àite cudromach aig luchd-labhairt Gàidhlig taobh a-staigh an ùghdarrais phoblaich. Chan eil diofar dè an ìre sgilean Gàidhlig a dh'fheumar, tha e cudromach gun dèan ùghdarrasan cinnteach gu bheil Gàidhlig na fhìor riatanas obrach agus gu bheil slatan-tomhais cothromach air an cleachdadh agus air an cur an gnìomh gus dèanamh cinnteach gum bi gach dreuchd air a lìonadh air stèidh chothromach agus co-chòrdail, agus a rèir sgilean ainmichte na dreuchd.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn cho cudromach 's a tha àite a thoirt don Ghàidhlig mar sgil obrach cudromach agus suidheachaidhean a chomharrachadh anns a bheil cleachdadh na Gàidhlig riatanach no feumail. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e a bhith a' toirt cothrom do luchd-obrach an sgilean Gàidhlig a leasachadh ma tha iad ag iarraidh.

Trèanadh

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson trèanadh a thoirt air cùisean Gàidhlig do luchd-obrach aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Ullaichidh sinn prògram trèanaidh ann am mothachadh air Gàidhlig do luchd-obrach aghaidh an taighe.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Ullaichidh sinn seiseanan àrdachadh mothachaidh air Gàidhlig do luchd-obrach, agus bidh stuth ri fhaotainn air-loidhne.

Dùbhlachd 2009

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra an co-bhoinn ris an Aonad Gàidhlig

Cuiridh sinn ri chèile notaichean stiùiridh don h-uile neach-obrach air ar Plana Gàidhlig agus poileasaidhean/modhan ùra mar a bhios iad air an deasachadh, a bhios air am foillseachadh air earrann Ghàidhlig de eadra-lìon Riaghaltas na h-Alba.

Nuair a bhios am modh GLP crìochnaichte

Aonad Gàidhlig

Cànan Ionnsachadh

An dòigh-obrach làthaireach

Tha beagan ionnsachadh Gàidhlig air a bhith ann an Riaghaltas na h-Alba. B' e a' chuid as motha den seo taic do ionnsachadh pearsanta, gabhail a-steach Gàidhlig ann an làithean ionnsachadh san àite-obrach agus beagan solarachaidh do luchd-ionnsachaidh.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh clasaichean Gàidhlig air an tabhann do luchd-obrach ann an Riaghaltas na h-Alba tron ullachadh againn airson ionnsachadh fad-beatha.

Dùbhlachd 2009

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Nì Riaghaltas na h-Alba suirbhidh air sgilean cànanach Gàidhlig gus faighinn a-mach cò mheud den luchd-obrach againn aig a bheil comas sa Ghàidhlig agus dè an ìre a tha aca.

Nuair a bhios am modh GLP crìochnaichte

Aonad Gàidhlig

Àrdaichidh sinn ìomhaigh na Gàidhlig mar phàirt de ar làithean Ionnsachadh san Àite-obrach.

Gun dàil

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Brosnaichidh sinn cothroman do luchd-obrach air Gàidhlig a chleachdadh ann an cùisean taobh a-staigh na buidhne.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Bheir sinn cothrom do luchd-obrach a bhruidhinneas Gàidhlig an comasan a leasachadh, a' gabhail a-steach litearrachd.

Dùbhlachd 2009

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Foillsichidh sinn gu bheil goireasan Gàidhlig rim faotainn nar n-ionad Ghoireasan Ionnsachaidh.

Gun dàil

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Fastadh

An dòigh-obrach làthaireach

Tha gach dreuchd ann an Riaghaltas na h-Alba air an lìonadh ann an co-rèir ri riaghailtean na Seirbheis Chatharra mu cho-fharpais cothromach agus fosgailte. Tha seo a' ciallachadh gu bheil an neach as fheàrr air a thaghadh airson na dreuchd. Ma tha comas labhairt no sgrìobhadh Gàidhlig na fhìor riatanas obrach bidh làn aire air a thoirt do chomas cànain an tagraiche.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh Riaghaltas na h-Alba a' fastadh oifigear, no oifigearan, Gàidhlig a thig a-steach don Aonad Gàidhlig agus air am bi uallach airson adhartachadh, sgrùdadh agus gnìomhachadh a' Phlana Ghàidhlig.

Nuair a bhios am modh GLP crìochnaichte

Aonad Gàidhlig

Bidh trèanadh agus taic cànain ri fhaotainn leis an Aonad Ghàidhlig gus am faigh iad air an dleastanasan a choileanadh gu h-èifeachdach.

Gun dàil

Seirbheisean Ionnsachadh Corporra

Ullaichidh sinn stiùireadh air sònrachadh dreuchdan Gàidhlig.

Dùbhlachd 2010

Aonad Gàidhlig an co-bhoinn ri Goireasachadh

Far am feumar ìre shònraichte de sgilean Gàidhlig airson dreuchd sam bith, bidh seo air a chomharrachadh nuair a thathar a' fastadh air a son.

Dùbhlachd 2009

Goireasachadh

Sanasachd

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson sanasachd Gàidhlig no dà-chànanach do luchd-obrach aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Far a bheil ìre shònraichte de sgilean Gàidhlig na phàirt den tuairisgeul-obrach, bidh sanasan airson nan dreuchdan sin san dà chànan.

Dùbhlachd 2009

Goireasachadh

CAIBIDIL III - DLEASTANASAN A THAOBH PLANA NÀISEANTA NA GÀIDHLIG

Sealladh farsaing air a' Phlana Nàiseanta

'S e aon de na prìomh nithean ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 an dleastanas a tha air a chur air Bòrd na Gàidhlig a bhith ag ullachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig. B' e an adhbhar airson Plana Nàiseanta a dheasachadh a bhith a' dèanamh cinnteach gum biodh sealladh coileanta agus aithnichte air dè dh'fheumar a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, agus cò na buidhnean a bu chòir sin a chur an gnìomh. 'S e amas deireannach a' Phlana Nàiseanta seasmhachd agus fàs a thoirt air an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba.

Tha Plana Nàiseanta a' Bhùird a' comharrachadh ceithir roinnean eadar-cheangailte de leasachadh cànain air am feumar aghaidh a chur, le grunn raointean prìomhachais annta:

Togail cànain

Meudachadh anns an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig le bhith a' dèanamh cinnteach gum bi an cànan ga thoirt seachad agus le bhith a' faighinn cothroman èifeachdach airson Gàidhlig ionnsachadh, tro:

  • meudachadh air cleachdadh agus tar-chur na Gàidhlig san dachaigh
  • meudachadh air an àireamh chloinne a' togail na Gàidhlig san dachaigh
  • meudachadh air na tha ri fhaotainn de fhoghlam tron Ghàidhlig agus na tha a' tòiseachadh ann
  • meudachadh air an àireamh de luchd-ionnsachaidh Gàidhlig inbheach a' dol air adhart gu fileantachd.

Cleachdadh cànain

Brosnachadh barrachd cleachdadh na Gàidhlig, toirt cothrom air a' chànan a chleachdadh, agus adhartachadh cothrom air modhan labhairt Gàidhlig, tro:

  • meudachadh air cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan
  • meudachadh air cleachdadh na Gàidhlig ann am foghlam treas-ìre agus ann an àiteachan-obrach
  • meudachadh air follaiseachd na Gàidhlig anns na meadhanan
  • meudachadh air adhartachadh na Gàidhlig anns na h-ealain
  • meudachadh air ìomhaigh na Gàidhlig anns na roinnean turasachd, dualchais agus cur-seachad.

Inbhe cànain

Meudachadh air na tha de Ghàidhlig air fhaicinn agus air a chluinntinn, gus aithne air a leudachadh agus gus ìomhaigh fhiughaireach a chruthachadh dhi ann am beatha phoblach na h-Alba, tro:

  • meudachadh air an àireamh de bhuidhnean ag ullachadh Planaichean Gàidhlig reachdail
  • meudachadh air ìomhaigh agus cliù na Gàidhlig
  • meudachadh air follaiseachd agus aithne air Gàidhlig.

Corpas cànain

Neartachadh iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig agus adhartachadh rannsachadh air a' chànan, tro:

  • meudachadh air an aire a tha air a thoirt do dh'iomchaidheachd agus cunbhalachd na Gàidhlig
  • meudachadh air an aire a tha air a thoirt do chàileachd eadar-theangachaidhean Gàidhlig agus na tha ri fhaotainn dheth
  • meudachadh air na tha ri fhaotainn de fiosrachadh neo-mhearachdach bho rannsachadh.

The Riaghaltas na h-Alba airson gum bi pàirt aige ann an dèanamh cinnteach gum bi am Plana Nàiseanta air a ghnìomhachadh, agus anns an earrann seo tha sinn a' mìneachadh ciamar a nì sinn seo.

Sealladh farsaing air amasan Riaghaltas na h-Alba airson na Gàidhlig

Tha a' Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail làthaireach na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba airson dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a' Ghàidhlig cuideachd an Alba san àm ri teachd. Tha Riaghaltas na h-Alba air obrachadh agus air cur an seilbh sa Ghàidhlig agus air na structairean agus iomairtean a dh'fheumar a chur an sàs agus tha e airson dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a' Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.

Tha na ceuman sin air an dealbh gus inbhe agus cliù na Gàidhlig àrdachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil luach air a chur air togail na Gàidhlig agus gus cothroman a chruthachadh airson a cleachdadh ann an iomadh seòrsa suidheachadh. Tha prògram Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a' gabhail a-steach trì prìomh dhleastanasan agus tha ceuman prataigeach annta uile a bhios sinn a' gabhail gus dèanamh cinnteach gum bi adhartas air a dhèanamh le na dleastanasan sin.

  • Bidh sinn a' cur ri inbhe na Gàidhlig

Tha seo a' gabhail a-steach dèanamh cinnteach gum bi ìomhaigh nas motha air a thoirt don Ghàidhlig taobh a-staigh beatha phoblaich na h-Alba agus gum bi meudachadh ann an solarachadh sheirbheisean do luchd-labhairt Gàidhlig.

  • Bidh sinn a' brosnachadh togail agus ionnsachadh na Gàidhlig

Gabhaidh seo a-steach adhartachadh agus leudachadh air solarachadh foghlaim Gàidhlig aig a h-uile ìre, a' toirt taic do dh'ùghdarrasan ionadail, ag obair còmhla ri Bòrd na Gàidhlig.

  • Bidh sinn a' brosnachadh barrachd cleachdadh na Gàidhlig

Bidh seo air a choileanadh le bhith a' toirt taic agus comhairle do Bhòrd na Gàidhlig ann an lìbhrigeadh prìomh phròiseactan anns a' Phlana Nàiseanta agus le stèidheachadh seirbheis dhidseatach Ghàidhlig.

Na dòighean anns a bheil Riaghaltas na h-Alba a' toirt taic do leasachadh na Gàidhlig aig an àm seo

The Riaghaltas na h-Alba mar-thà ag adhartachadh agus a' toirt taic do leasachadh na Gàidhlig ann an iomadh dòigh. Tha e a' dèanamh seo tro mhaoineachadh dìreach do bhuidhnean mar Bòrd na Gàidhlig, tro obair Bhuidhnean-gnìomha agus NDPBan a bhios a' coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba, agus obair bhuidhnean taobh a-staigh na h-àrainneachd reachdail agus poileasaidh a stèidhich Riaghaltas na h-Alba agus Pàrlamaid na h-Alba. Tha geàrr-chunntas air a thoirt gu h-ìosal air na h-eileamaidean as cudromaiche den structair taice seo.

Aig an àm seo tha còig deug Buidheann-gnìomha SG ann. Gabhaidh cumhachan a' Phlana Gàidhlig seo cuideachd a-steach obair nam Buidheann-gnìomha sin. Ann an cuid de chùisean tha dleastanas agus dreuchdan sònraichte aig Buidhnean-gnìomha, agus 's dòcha gun co-dhùin iad, còmhla ri Bòrd na Gàidhlig, Plana Gàidhlig a dheasachadh dhaibh fèin. Ach, anns na suidhichidhean sin bhiodh sinn a' sùileachadh gun cùm iad ri prionnsabalan agus raon Plana SG. 'S e seo a tha Eachdraidh na h-Alba agus HMIE
a' dèanamh agus le na gnìomhan sònraichte a tha aca, tha e na bhuannachd do na buidhnean-gnìomha sin.

Gnìomhachadh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 - Bha Achd 2005 air a tòiseachadh sa Ghearran 2006, a' cruthachadh frèam airson leasachadh Planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach, agus a' stèidheachadh buidheann ùr, Bòrd na Gàidhlig, gus Gàidhlig adhartachadh agus a leasachadh. Mar sponsair Achd 2005, tha dlùth chom-pàirt aig Riaghaltas na h-Alba ann an gnìomhachadh na h-Achd.

Gnìomhachadh Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan - tha an Cùmhnant air a dhealbh gus mion-chànanan na h-Eòrpa a dhìon agus adhartachadh agus chaidh a dhaingneachadh san Rìoghachd Aonaichte a thaobh Gàidhlig agus Scots, Còrnais, Cuimris, Gàidhlig Mhanainneach, Ulaidh-Scots agus Gaeilge na h-Èireann. Tha uallach air Riaghaltas na h-Alba airson gnìomhachadh nam pàirtean den chùmhnant a bhuineas do raointean tiomnaichte, mar solarachadh foghlaim agus leasachadh cultarail. Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair còmhla ri diofar bhuidhnean poblach, prìobhaideach agus saor-thoileach gus dèanamh cinnteach gum bi an Cùmhnant air a gnìomhachadh air feadh Alba.

Bòrd na Gàidhlig - Bha Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh fo Achd 2005 le raon-ùghdarrais reachdail a bhith ag adhartachadh agus a' cuideachadh le adhartachadh air leasachadh na Gàidhlig. 'S e Bòrd na Gàidhlig prìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus tha uallach air airson maoineachadh dìreach Riaghaltas na h-Alba airson leasachadh na Gàidhlig a phàigheadh. Tha buidseat a' Bhùird airson leasachadh na Gàidhlig aig £5.4m ann an 2008/09 agus tron seo tha e a' toirt taic do dhiofar bhuidhnean leasachaidh Gàidhlig mar Comunn na Gàidhlig agus Cli Gàidhlig gus obair leasachaidh a dhèanamh sa choimhearsnachd, san dachaigh agus ann am foghlam inbheach. 'S e Bòrd na Gàidhlig am prìomh bhuidheann airson gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus nam prìomh pròiseactan anns a' Phlana a stiùireadh.

Meadhanan Gàidhlig Alba - Tha MG Alba a' maoineachadh, ag eagrachadh agus a' barrantachadh phrògraman telebhisein Gàidhlig agus a' faighinn £12.4m bho Riaghaltas na h-Alba gus seo a dhèanamh. Aig an àm seo tha GMS ag obair an com-pàirt leis a' BhBC arr seirbheis telebhisein Gàidhlig dhidseatach. Bidh an t-seirbheis ùr seo a' stèidheachadh sianal shònraichte gus barrachd uairean, agus barrachd taghaidh, de phrògraman Gàidhlig a lìbhrigeadh. Bidh prìomh phàirt aig an t-seirbheis cuideachd ann an tàladh luchd-labhairt Gàidhlig ùr agus toirt taic do dh'iomairtean foghlaim.

Ùghdarrasan Ionadail - tha pàirt cudromach aig ùghdarrasan ionadail ann an adhartachadh na Gàidhlig an Alba. Bidh diofar ìre agus raon seirbheis ann a rèir ìomhaigh na Gàidhlig anns na diofar sgìrean comhairle. Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt seachad maoineachadh iomlan de £5.6m, gus an cuidich ùghdarrasan le cosgaisean a bharrachd foghlam Gàidhlig agus tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt maoineachadh do Bhòrd na Gàidhlig a dh'fhaodas iadsan a thoirt do dh'ùghdarrasan agus do bhuidhnean eile co-cheangailte ri solarachadh sheirbheisean Gàidhlig. Tha reachdas le cumhachan Gàidhlig, a bhuineas do dh'ùghdarrasan a' gabhail a-steach, Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980, Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba msaa 2001 agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Buidhnean leasachadh cultarail - 's e Comhairle Ealain na h-Alba agus Sgrion na h-Alba na prìomh bhuidhnean an Alba le uallach airson toirt taic do leasachadh nan ealan agus cultair agus na gnìomhachasan sgrion fa leth. Tha cliù mhath aig gach buidheann ann an toirt taic do leasachadh na Gàidhlig, agus leanaidh seo na amas ro-innleachdail aig Alba Chruthachail nuair a bhios am buidheann ùr air a stèidheachadh gus dleastanasan agus gnìomhan Comhairle Ealain na h-Alba agus Sgrion na h-Alba a ghabhail a-null.

Buidhnean leasachadh eaconamach - 'S iad Iomairt na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ( HIE) na prìomh bhuidhnean an Alba le uallach airson adhartachadh leasachadh eaconamach. Tha prìomh phàirt air a bhith aig HIE gu sònraichte ann an toirt taic do leasachadh na Gàidhlig anns a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Tha sin fìor gach cuid a thaobh cultair agus eaconamaidh, a' toirt taic do phròiseactan mar Fàs aig Sabhal Mòr Ostaig agus diofar iomairtean leasachadh coimhearsnachd. Bidh prìomh phàirt aig HIE fhathast ann an toirt taic don fho-structair eaconamach Gàidhlig taobh a-staigh a raon obrach agus 's e aon den chiad bhuidhnean a dh'ullaich Plana Gàidhlig reachdail.

Buidhnean foghlaim - tha lìbhrigeadh foghlaim agus stuthan taice air uallach iomadh seòrsa buidhne, bho ùghdarrasan ionadail gu buidhnean mar Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, Ionnsachadh agus Teagasg Alba, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, HMIE agus Stòrlann. Tha sgeama Thabhartasan Sònraichte airson Foghlaim Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba gus dèanamh cinnteach gun lean leasachadh solarachadh Gàidhlig a' leudachadh agus gum bi prìomhachas aige, aig an àm seo aig £5.6m gu h-iomlan.

Buidhnean roinn-shònraichte eile - Bidh iomadh seòrsa buidheann-gnìomha agus NDPB eile a' coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba, agus tron obair aca faodaidh iad cur ri inbhe na Gàidhlig. Dualchas Nàdair na h-Alba, Oifis Clàraidh Choitcheann na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus buidhnean eile uile an sàs ann an adhartachadh agus toirt taic don Ghàidhlig ann an iomadh dòigh.

Mar a bheir Riaghaltas na h-Alba taic do leasachadh na Gàidhlig san àm ri teachd

Bidh Riaghaltas na h-Alba a' cumail a' toirt taic do leasachadh na Gàidhlig anns na dòighean a tha air am mìneachadh gu h-àrd. Còmhla ri sin, bheir sinn prìomhachas do na gnìomhan a leanas gus leasachadh na Gàidhlig a luathachadh agus dèanamh cinnteach gum bi sinn fhathast air ceann cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha na gnìomhan sin air an cur am buidhnean fo na cinn Inbhe cànain, Togail cànain agus Cleachdadh cànain ann am Plana Nàiseanta a' Bhùird gus cuideachadh a' dèanamh soilleir ciamar a tha ar n-obair a' ceangal ri gnìomhachadh a' Phlana.

Bidh sinn a' brosnachadh togail agus ionnsachadh na Gàidhlig

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gum feum seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd barrachd dhaoine a bhith ag ionnsachadh a' chànain agus feumaidh an aire sin a bhith gu h-àraidh air an dachaigh, foghlam agus ionnsachadh lnbheach mar a' phrìomh dhòigh air seo a choileanadh. Gabhaidh sinn na ceuman a leanas gus cuideachadh a' cruthachadh àrainneachd thaiceil gus an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig an Alba a mheudachadh.

  • bheir sinn taic agus cuideachadh do ghnìomhachadh mholaidhean bho Bhuidheann-stiùiridh Foghlam Nàiseanta na Gàidhlig a bha air a stèidheachadh le Bòrd na Gàidhlig agus a tha a' toirt còmhla gach gnothach a bhuineas don roinn foghlaim Gàidhlig, agus iarraidh sinn comhairle shònraichte bho na buidheann air grunn raointean prìomhachais
  • cumaidh sinn a' dol an siostam thabhartasan sònraichte airson foghlaim Gàidhlig gus cuideachadh a' leasachadh na roinn foghlaim Gàidhlig agus tha sinn air a' mhaoineachadh a tha ri fhaotainn le ùghdarrasan ionadail a mheudachadh gus dèanamh cinnteach gum bi prìomhachas aig leasachadh aonadan Gàidhlig ùra agus sgoiltean sònraichte
  • adhartaichidh sinn foghlam tron Ghàidhlig mar roghainn mhath do phàrantan, ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus Bòrd na Gàidhlig gus seo a lìbhrigeadh
  • bheir sinn misneachd agus taic do leasachadh sgoiltean sònraichte tron Ghàidhlig, gus cuideachadh a' cruthachadh na h-àrainneachd as buannachdaile airson ionnsachadh Gàidhlig ann am bun-sgoiltean
  • tha sinn air maoin calpa sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh gus taic a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail
  • tha sinn air ar molaidhean fhoillseachadh airson ro-bheachd reachdail a thoirt a-steach an aghaidh dunadh sgoiltean dùthchail agus riaghailtean a theannachadh airson dùnadh sgoiltean sam bith. Tha iad sin a' sealltainn cho cudromach 's a dh'fhaodas sgoiltean dùthchail a bhith ann an dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig fhathast na pàirt de na coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta. Thòisich sinn air co-chomhairleachadh poblach agus tha sinn a' toirt aire do na beachdan bhon cho-chomhairle
  • cumaidh sinn oirnn a' comharrachadh Gàidhlig mar àrd-phrìomhachas airson Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus a' toirt taic do Shabhal Mòr Ostaig mar shàr ionad airson foghlam Gàidhlig agus leasachadh cultarail
  • cumaidh sinn a' dol am maoineachadh airson Oifigear Trusadh Luchd-teagaisg Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi aithisg Buidheann Gnìomh an Luchd-teagaisg air a làn ghnìomhachadh, agus rannsaichidh sinn dòighean ùra air dèanamh cinnteach gum bi solar luchd-teagaisg a rèir iarrtais
  • Nì Bòrd na Gàidhlig adhartas le gnìomhachadh a' Phlana Nàiseanta ann an raointean na dachaigh, nam bliadhnachan tràth agus foghlam inbheach
  • iarraidh sinn air NDPBan taic a thoirt do leasachadh sgilean Gàidhlig am measg an luchd-obrach
  • iarraidh sinn air Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean eile suirbhidhean air sgilean Gàidhlig a chur air adhart
  • cumaidh sinn a' toirt taic do dh'obair bhuidhnean, mar Ionnsachadh is Teagasg Alba, anns na diofar sheirbheisean agus ghoireasan a tha iad ag ullachadh do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig.

Bidh sinn a' brosnachadh meudachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gum feum cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd chan e a-mhàin gum bi barrachd dhaoine comasach air a' chànan a bhruidhinn, ach gum bi barrachd dhaoine ga cleachdadh. Tha sinn a' tuigsinn cho cudromach 's a e gum bi cothrom aig barrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh mar an roghainn modh conaltradh gnàthach ann am barrachd is barrachd seòrsa obair làitheil. Còmhla ris an obair air a mhìneachadh ann an Caibidil 2 air Bun-dhleastanasan, gabhaidh Riaghaltas na h-Alba na ceuman a leanas gus cuideachadh a' cur air adhart ìomhaigh fhiughaireach don Ghàidhlig:

  • tha sinn air maoineachadh a bharrachd a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig gus am faigh e air prìomh pròiseactan sa Phlana Nàiseanta a lìbhrigeadh, le prìomhachas aig an fheadhainn a chuidicheas a' leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd
  • bidh sinn ag adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd agus a' brosnachadh ùghdarrasan ionadail agus buidhnean eile a bhith a' toirt taic do leasachaidhean san raon seo
  • tha sinn air taic a thoirt do stèidheachadh com-pàirteachas MGALBA/ BBC gus seirbheis Gàidhlig dhidseatach a lìbhrigeadh agus air am maoineachadh riatanach a thoirt dhaibh gus dèanamh cinnteach gum bi an sianal air a stèidheachadh
  • iarraidh sinn air Bòrd na Gàidhlig adhartas a dhèanamh le gnìomhachadh a' Phlana Nàiseanta gu sònraichte ann an raointean nan ealan, foillseachaidh, nam meadhanan, coimhearsnachd agus an àite-obrach
  • seallaidh sinn airson cothroman air na h-ealain Ghàidhlig a bhrosnachadh gach cuid an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta
  • Tha an obair airson poileasaidh soidhnichean dà-chànanach phrìomh rathaidean a ghnìomhachadh air na slighean gu puirt-aiseig nan eilean siar a' dol air adhart. Às dèidh na h-obrach seo bidh rannsachadh gus measadh a dhèanamh air buaidhean eaconamach, sòisealta agus àrainneachd shoidhnichean rathaid dà-chànanach, a' gabhail a-steach sàbhailteachd rathaid, gus poileasaidh fhiosrachadh san àm ri teachd
  • brosnaichidh sinn buidhnean turasachd a' Ghàidhlig adhartachadh aig puingean inntrigidh mar puirt-adhair agus puirt-mara agus seallaidh sinn airson cothroman air taic a thoirt don Ghàidhlig anns na diofar iomairtean aca
  • iarraidh sinn air Bòrd na Gàidhlig adhartas a dhèanamh leis an acadamaidh Ghàidhlig a mhol e a bhrosnaicheas buidhnean mar Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, Ionnsachadh is Teagasg Alba, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Colaisd a' Chaisteil agus Suirbhidh Òrdanais adhartas a dhèanamh le obrachadh air cunbhalachd, iomchaidheachd agus litreachadh na Gàidhlig.

Bidh sinn a' cur ri inbhe na Gàidhlig

The Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil an t-àite a tha aig cànan anns an àrainneachd làitheil agus an ìre gu bheil e air a chleachdadh, air a mheas agus air fhaicinn gu bhith ga mheas le na h-ùghdarrasan aig a bheil pàirt cudromach nar beatha làitheil a' toirt buaidh air inbhe cànain. Còmhla ris an obair air a mhìneachadh ann an Caibidil 2 air Bun-dhleastanasan Lìbhrigeadh Seirbheis, gabhaidh sinn na ceuman a leanas gus cuideachadh a' cur air adhart ìomhaigh fhiughaireach don Ghàidhlig.

  • cuiridh sinn a-mach stiùireadh ro-innleachdail chun na h-earrainn phoblaich agus gu buidhnean iomchaidh eile a' mìneachadh eachdraidh a' phoileasaidh a bha air cùl Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan, na h-uallaichean a tha nan cois, agus mar a dh'fheumas buidhnean planadh airson ciamar is urrainn dhaibh cuideachadh len gnìomhachadh agus toirt taic do leasachadh na Gàidhlig
  • tha sinn air a' Phlana Gàidhlig reachdail seo ullachadh fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a' mìneachadh mar a bhios Riaghaltas na h-Alba a' cleachdadh agus a' toirt cothrom airson cleachdadh na Gàidhlig a thaobh a dhearbh-aithne chorporra, conaltradh, foillseachaidhean agus luchd-obrach
  • nì sinn cinnteach gum bi taic air a thoirt do bhuidhnean poblach a fhuair fios bho Bhòrd na Gàidhlig airson Plana Gàidhlig a dheasachadh gus am faigh iad air dòigh fhiughaireach a ghabhail airson leasachadh am planaichean, agus buannachdan faicsinneach a thoirt do luchd-labhairt na Gàidhlig
  • brosnaichidh sinn buidhnean poblach agus buidhnean-gnìomha poileasaidhean Gàidhlig a chur ri chèile mus iarr Bòrd na Gàidhlig orra Planaichean Gàidhlig reachdail a dheasachadh gus gnìomhachadh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a luathachadh agus dèanamh cinnteach gun toir an earrann phoblach uile taic do leasachadh na Gàidhlig
  • cleachdaidh sinn am modh dealbhadh corporra gus dèanamh cinnteach gum bi com-pàirt aig buidhnean-gnìomha an Riaghaltais, NDPBan agus Ùghdarrasan Slàinte ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus ceàrnaidhean a chomharrachadh far am faod iad cur ri gnìomhachadh a' Phlana ann am planadh airson na h-obrach aca san àm ri teachd
  • iarraidh sinn air Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte agus a Roinnean agus Buidhnean-gnìomha a tha ag obair an Alba am pàirt a ghabhail ann an toirt taic do leasachadh na Gàidhlig agus gnìomhachadh Achd 2005 às dèidh na h-ùidh a chaidh a nochdadh fhad 's a bha Bile na Gàidhlig ga aontachadh
  • nì sinn measadh air builean cànanach phoileasaidhean no iomairtean ùra gus dèanamh cinnteach, cho fad 's a ghabhas dèanamh, nach toir iad droch bhuaidh air cleachdadh na Gàidhlig, agus far an gabh a dhèanamh nì sinn cinnteach gum bi buaidh fhiughaireach aca
  • cuiridh sinn comhairle ri Bòrd na Gàidhlig air poileasaidh no iomairt ùra sam bith a bheir buaidh dhìreach air leasachadh na Gàidhlig
  • ag obair còmhla ri buidhnean eile le com-pàirt san raon seo, mar Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Bòrd na Gàidhlig, nì sinn rannsachadh air prìomh raointean de leasachadh na Gàidhlig.

CAIBIDIL IV - GNÌOMHACHADH IS SGRÙDADH

Clàr-ama

Bidh am Plana Gàidhlig seo an gnìomh gu foirmeil airson 5 bliadhna bhon cheann-là seo no gus am bi plana ùr air a chur an sàs. Ann an Caibidil II - Bun-dhleastanasan chomharraich sinn na cinn-là sùilichte fa leth air am bi sinn a' sùileachadh dleastanasan sònraichte a ghnìomhachadh, mar an sgrùdadh air comas cànain taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba ann am bliadhna a h-aon.

Foillseachadh a' Phlana

Bidh Plana Cànain Riaghaltas na h-Alba air fhoillseachadh san dà-chànan air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba. Còmhla ri sin, bidh sinn:

  • a' cur a-mach fios naidheachd ag ainmeachadh a' Phlana;
  • a' toirt cothrom air lethbhric den Phlana nar n-oifisean poblach agus ionadan fàilte;
  • ag innse do luchd-obrach mun Phlana tro Eadra-lìon Riaghaltas na h-Alba;
  • a' sgaoileadh lethbhric den Phlana gu ar NDPBan agus Buidhnean-gnìomha, luchd-ionaid agus cunnradairean;
  • a' sgaoileadh lethbhric den Phlana gu buidhnean eile aig a bheil ùidh ann; agus
  • a' toirt seachad lethbhric ma thèid an iarraidh.

Rianachd airson a ghnìomhachadh

'S e am Plana seo poileasaidh Riaghaltas na h-Alba agus chaidh aonta a chur ris gach cuid le Ministearan na h-Alba agus le Bòrd Ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba.

Uallach Iomlan

Bidh uallach air an Rùnaire Maireannach airson dèanamh cinnteach aig a' cheann thall gun coilean Riaghaltas na h-Alba na dleastanasan sa Phlana seo.

Àrd-stiùirichean

Cleachdaidh Riaghaltas na h-Alba dòigh thiomnaichte airson gnìomhachadh a' Phlana agus bidh uallach air Àrd-stiùirichean airson dèanamh cinnteach gum bi an luchd-obrach aca air an dèanamh mothachail air a' Phlana seo agus a' bhuaidh a bhios aige air an raon obrach aca.

Aonad Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

Bidh e an urra ri Aonad Ghàidhlig Riaghaltas na h-Alba, a tha na phàirt de Bhuidheann-stiùiridh EEA&C agus air a bheil uallach airson cùisean a bhuineas do phoileasaidh Gàidhlig, fiosrachadh a thional mu ghnìomhachadh a' Phlana agus aithisg mun seo a chur gach bliadhna chun a' Bhòrd Ro-innleachd agus a' Mhinistear airson na Roinn Eòrpa, a' Chultair agus Chùisean Taobh a-muigh. Bidh an aithisg seo ri faotainn le Bòrd na Gàidhlig agus bidh geàrr-chunntas air fhoillseachadh air ar làrach-lìn. Mur bithear a' coinneachadh ri cumhachan a' Phlana, mìnichidh an aithisg na h-adhbharan air a shon agus na ceuman a tha Riaghaltas na h-Alba a' gabhail gus aghaidh a chur air na duilgheadasan.

Luchd-obrach fa leth

Bidh stiùireadh air a dheasachadh agus bidh e ri fhaotainn air eadra-lìon Riaghaltas na h-Alba a tha a' mìneachadh do luchd-obrach dè tha am plana a' ciallachadh dhaibhsan. Bithear a' cur ris an stiùireadh seo nuair a bhios sin iomchaidh le fiosrachadh mu làimhseachadh conaltradh Gàidhlig, fòn agus ullachadh conaltradh dà-chànanach.

Seirbheisean air an lìbhrigeadh le treas phàrtaidhean -

Feuchaidh Riaghaltas na h-Alba ri dèanamh cinnteach, far am bi e iomchaidh, gur e cumhachan a' phlana seo a bheir cumadh air aontaidhean no ullachadh le treas phàrtaidhean a thaobh lìbhrigeadh a sheirbheisean don phoball. Tha an dleastanas seo a' gabhail a-steach seirbheisean a dh'fhaodadh a bhith air an leigeil a-mach air chùmhnant. Far nach eil Plana Gàidhlig aig an treas phàrtaidh, iarraidh sinn orra cumhachan plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a leantainn agus dèanamh cinnteach gun tèid innse don luchd-obrach aca mu chumhachan a' phlana.

Bidh uallach air a' mhanaidsear cunnraidh iomchaidh airson sgrùdadh coileanadh an t-solaraiche seirbheis an co-cheangal ri ullachadh sam bith air a dhèanamh airson na Gàidhlig. Bidh seo air a dhèanamh mar phàirt gnàthach den mhodh stiùireadh cunnraidh.

Goireasachadh a' Phlana

Nì Riaghaltas na h-Alba solarachadh iomchaidh airson goireasachadh a' Phlana seo, a thaobh nan seirbheisean a tha air an lìbhrigeadh dìreach thugainn. Bidh e an urra ri NDPBan agus Buidhnean-gnìomha, luchd-ionaid agus cunnradairean ullachadh a dhèanamh airson coinneachadh ri cosgaisean gnìomhachadh nam planaichean Gàidhlig aca fhèin.

Sgrùdadh air gnìomhachadh

Ann an sgrùdadh gnìomhachadh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba, cuiridh sinn cudrom air na raointean a leanas gu sònraichte:

  • poileasaidhean Riaghaltas na h-Alba agus mar a tha iad a' toirt buaidh air leasachadh na Gàidhlig;
  • gnìomhachadh bun-dhleastanasan sònraichte ann an Caibidil II, mar an tomhas de chonaltradh a gheibhear sa Ghàidhlig, na bhios air a fhreagairt sa Ghàidhlig, agus an ùine freagairt;
  • na thathar a' cur ri gnìomhachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig mar a tha air a mhìneachadh ann an Caibidil III;
  • fiosrachadh mu stuthan fhoillseachadh ann an Gàidhlig gu h-iomlan no ann an geàrr-chunntais;
  • càileachd seirbheis nan solaraichean eadar-mhìneachaidh/eadar-theangachaidh a' gabhail a-steach ùineachan freagairt;
  • sgrùdadh càileachdail air dè cho èifeachdach 's a tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt aire don Ghàidhlig na rianachd làitheil;
  • an seòrsa agus an àireamh de bheachdan a gheibhear mu lìbhrigeadh nan ceuman a tha anns a' Phlana;
  • an àireamh de luchd-cleachdaidh na Gàidhlig (aig diofar ìrean fileantachd agus le diofar sgilean) ann an Riaghaltas na h-Alba;
  • an tomhas de ionnsachadh Gàidhlig a tha air a dhèanamh le luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba;
  • an àireamh de dhreuchdan air an sanasachadh le Riaghaltas na h-Alba far a bheil ìre shònraichte de Ghàidhlig air a ghabhail a-steach san tuairisgeul obrach agus fiosrachadh mu ciamar a chaidh na dreuchdan sin a lìonadh; agus
  • an adhartas air a dhèanamh le Buidhnean-gnìomha agus Buidhnean poblach Neo-Roinneil Riaghaltas na h-Alba a dh'ionnsaigh leasachadh am planaichean fhèin.

Page updated: Tuesday, January 27, 2009