Facal-toisich bhon Mhinistear
Mar am Ministear le uallach airson Gàidhlig, tha mi fìor thoilichte mo thaic a chur ri ullachadh a' chiad Phlana Gàidhlig againn. Anns na duilleagan a leanas tha cunntas air na molaidhean airson susbaint Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a chaidh a dheasachadh fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.
Tha mi cinnteach gu bheil ar Plana a' dèanamh soilleir ciamar a bhios an Riaghaltas a' cleachdadh na Gàidhlig agus a' toirt cothrom air a bhith ga cleachdadh ann an lìbhrigeadh a seirbheisean. Tha am Plana Gàidhlig cuideachd a' mìneachadh nan ceuman a tha sinn air a chur an sàs gus taic a thoirt do dh'adhartachadh na Gàidhlig air feadh Alba. Bidh iad sin a' mìneachadh cheuman a tha ag amas air àrdachadh inbhe, adhartachadh cleachdadh, agus brosnachadh ionnsachadh na Gàidhlig.
Buinidh a' Ghàidhlig do dh'Alba air fad. Tha i na pàirt shònraichte agus riatanach den bheatha chultarail phailt agus mheasgaichte an Alba. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun gabh sinn na ceuman a dh'fheumar gun dàil gus àite na Gàidhlig a dhèanamh tèarainte san àm ri teachd. Tha Riaghaltas na h-Alba air a bheachd a dhèanamh glè shoilleir mun chùis seo. Thàinig sinn don Riaghaltas le prògram làidir de dh'àrd-amasan Gàidhlig agus tha mi an dòchas gun cuidich ar Plana Gàidhlig a' toirt tuilleadh taic do na dleastanasan sin.
Tha mi a' moladh ar dreachd Phlana Gàidhlig dhuibh agus a' coimhead air adhart ri ur beachdan.
Linda Fabiani BPA
Ministear airson na Roinn Eòrpa, a' Chultair agus Chùisean Taobh a-muigh