
This document is also available in pdf format (983k)
Tha comas aig pàrantan, luchd-cùraim agus buill teaghlaich eile fìor dhiofar a dhèanamh ann am foghlam chloinne. An uair a tha pàrantan agus sgoiltean ag obair còmhla, tha clann a' dèanamh nas fheàrr. Tha clann ag ionnsachadh an uamhais aig ìre ro-sgoile agus sgoile agus faodaidh sibhse cur ris an ionnsachadh sin le bhith a' toirt taic dhaibh san dachaigh. Mar eisimpleir, le bhith a' gabhail ùidh anns an obair-dachaigh aca agus a' bruidhinn riutha mu dheidhinn, tha sibh a' toirt cuideachadh mòr dhaibh gus barrachd ionnsachadh. Le taic agus misneachadh, tha e nas fhasa do chloinn fàs cleachdte ri obair-dachaigh.

Carson a tha obair-dachaigh cho cudromach ma-thà?
Tha obair-dachaigh a' cuideachadh an leanaibh agaibhse gus:
- rian agus stiùir a chumail air an ùine aca fhèin
- barrachd uallaich a ghabhail airson an ionnsachaidh aca fhèin
- feuchainn agus togail air na tha iad air ionnsachadh san sgoil
- misneachd a leasachadh gus dèiligeadh ri bacaidhean, faighinn seachad air duilgheadasan agus fuasgladh fhaighinn air trioblaidean
- ionnsachadh agus obrachadh air an ceann fhèin san àm ri teachd.
Tha obair-dachaigh a' cuideachadh an luchd-teagaisg gus sùil a chumail air mar a tha an leanabh agaibh a' tuigsinn obair na sgoile agus air an cuid adhartais. Tha e a' leigeil leibh faighinn a-mach ciamar a tha an leanabh agaibh a' dèanamh san sgoil agus a' toirt oirbh a dhol an lùib an cuid oideachaidh. Airson iomadach adhbhar, faodaidh e a bhith duilich do phàrantan taic a chumail ris a' chloinn aca an uair a tha obair-dachaigh aca. 'S dòcha gun toir a' bhileag seo oirbh a dhol an sàs ann.
Cò a tha na lùib?
Tha obair-dachaigh ag obair math an uair a tha pàrantan, an leanabh agus an sgoil a' tuigsinn an dreuchd fhèin sa chùis. Faodaidh an sgoil mìneachadh ciamar as urrainn dhuibhse mar phàrant:
- fios a thoirt don sgoil mu na tha sibh a' sùileachadh
- fios fhaighinn air na tha an sgoil a' sùileachadh bhon leanabh agaibh
- fios fhaighinn mu na tha an sgoil a' sùileachadh bhuaibhse
- fios a leigeil gu cuideigin ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn no ma tha dragh oirbh mu obair-dachaigh.
Mar sin, ma tha mì-chinnt oirbh mu rud sam bith, leigibh fios chun na sgoile.

An robh fios agaibh?
- An uair a tha sgoiltean agus teaghlaichean ag obair còmhla, tha clann a' dèanamh nas fheàrr.
- Tha clann ag ionnsachadh rudeigin nas fheàrr an uair a tha iad a' bruidhinn mu dheidhinn no ga mhìneachadh do chuideigin eile. Mar sin, tha e na chuideachadh an uair a dh'fhaighnicheas sibh don leanabh agaibh mun obair-dachaigh aca.
- Tha clann a tha a' dèanamh an obair-dachaigh aca gu cunbhalach fhad's a tha iad san sgoil a' faighinn buannachd co-ionnan ri mu bhliadhna oideachaidh a bharrachd.
- Eadar aoisean 5 agus 16, chan eil clann a' cur seachad ach 15% den ùine aca san sgoil, mar sin tha taic san dachaigh a' toirt cothrom fada nas fheàrr dhaibh gus soirbheachadh.
- 'S iad pàrantan agus teaghlaichean a tha a' toirt a' bhuaidh as motha air beathannan chloinne.
Dè am fiosrachadh a tha cuideachail mu obair-dachaigh?
'S e càileachd a tha a' cunntas, 's chan e tomad na h-obrach. Gu math tric tha an seòrsa obair-dachaigh a tha an leanabh agaibh a' dèanamh nas cudromaiche seach tomad na h-obrach a tha e no i a' dèanamh.
Fiù's mura bheil agaibh ach glè bheag de dh'ùine, no mura bheil mòran fiosrachaidh agaibh mun chuspair, faodaidh sibh fhathast a dhol an sàs ann. Chan e an ùine no an t-eòlas agaibhse as cudromaiche idir, ach beachd adhartach, mhisneachail airson na tha an leanabh agaibh ag ionnsachadh. Aig a' cheann-thall, 's ann airson clann a tha obair-dachaigh, chan ann airson pàrantan.
Tha an dòigh sa bheil sinn ag ionnsachadh cho annasach ris a' mheur-lorg againn, mar sin 's dòcha gu bheil dòigh-obrach fa leth aig gach leanabh an uair a thig e gu obair-dachaigh.

Bheir an sgoil dhuibh tuilleadh comhairle air mar a thèid agaibh air barrachd taic a chur ri obair-dachaigh. Tha clubaichean obair-dachaigh no buidhnean taic ionnsachaidh aig mòran sgoiltean agus faodaidh a' chlann agaibh a dhol thuca aig àm dìnnearach no as dèidh na sgoile ma tha e doirbh dhaibh obrachadh aig an taigh. Tha iad a' tairgsinn àite don leanabh agaibh far an tèid aca air an obair-dachaigh aca a dhèanamh, cuideachadh fhaighinn bho luchd-teagaisg, agus cothrom fhaighinn air leabhraichean, stuthan-teagaisg, coimpiutaran agus clò-bhualadairean.
Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu obair-dachaigh, no rud sam bith a' buntainn ri foghlam Albannach, air Parentzone. www.parentzonescotland.gov.uk
Dualan agus ceangalaichean feumail
Parentzonewww.parentzonescotland.gov.uk
Channel 4 Homework Highwww.channel4.com/homework
BBC Parentswww.bbc.co.uk/schools/parents
BBC Bitesizewww.bbc.co.uk/schools/revision
BBC DynaMowww.bbc.co.uk/education/dynamo/parents
Grid Clubwww.gridclub.com
Parents Onlinewww.parentsonline.gov.uk
ParentLine Scotland
Fòn: 0808 800 2222 www.parentlinescotland.org.uk
Teaghlaichean Aon Phàrant Alba
13 Ceàrnag Gayfield, Dùn Èideann EH1 3NX
Fòn: 0800 018 5026 www.opfs.org.uk
Lìonra Phàrant Alba
Fòn: 0131 555 6780 www.parentnetworkscotland.org.uk
Seo a' chiad bhileag ann an sreath ùr. Tha i a' comharrachadh am fìor dhiofar a dh'fhaodas agus a tha pàrantan a' dèanamh ann an ionnsachadh an cuid chloinne. Còmhla ri comhairle ionadail a gheibh sibh air na dòighean-obrach a tha aig sgoil an leanaibh agaibh, tairgidh an t-sreath seo tuilleadh fiosrachaidh a chuidicheas sibh gus a dhol an sàs nas motha ann am foghlam an leanaibh agaibh.
Ma tha sibh airson fios a leigeil thugainn, no cuspairean a mholadh airson bileagan eile, feuch gun tadhail sibh air www.parentzonescotland.gov.uk . Bidh a' bhileag seo ri faotainn ann an cànanan coimhearsnachd agus riochdan diofraichte bho sgoil an leanaibh agaibh no air làrach-lìn Parentzone.
Chaidh an t-sreath seo a dheasachadh ann am com-pàirt ris an Aonad Càileachd ann am Foghlam (Oilthigh Shrathchluaidh) agus Clann ann an Alba.