Plana Structarail Nan Eilean Siar
LEAS-PHÀIPEAR B: PLANA STRUCTARAIL NAN EILEAN SIAR
ADHBHARAN AIRSON NACH DEACH ATHARRAICHIDHEAN A DHÈANAMH
Ro-ràdh
Tha an Leas-phàipear seo a' dèiligeadh ri ìmpidhean air an dèanamh a thaobh Plana Structarail nan Eilean Siar far an do cho-dhùin Ministearan na h-Alba nach biodh mion-atharraichidhean air an dèanamh. Tha e a' gabhail a-staigh adhbharan nan co-dhùnaidhean aca. Tha an aithris a' dèiligeadh ri ìmpidhean air a dhèanamh a thaobh a' Phlana mar a chaidh an cur a-steach agus air dreachd mhion-atharraichidhean Mhinistearan na h-Alba. Chaidh coinneachadh ri mòran de na h-ìmpidhean a thaobh a' Phlana gu h-iomlan, no ri pàirt dhiubh, sna mion-atharraichidhean deireannach a chuir Ministearan na h-Alba a-mach (Leas-phàipear A). Tha an aithris seo, ach a-mhàin earrann choitcheann ghoirid aig an toiseach, a' leantainn a' chlàr-innse san Aithris Sgrìobhte.
Coitcheann
Tha iomadh ìmpidh choitcheann ann a' dèiligeadh ri na cuspairean a leanas.
1. Chan eil am Plana Structarail a tha a' tighinn gu follais a' coinneachadh ri riatanasan Riaghailt Measadh Àrainneachd Ro-innleachdail 2001/42/EC (Lafarge).
Adhbhar: Tha aonta a' Phlana Structarail ann an co-rèir ri ullachaidhean an Riaghailt.
2. Chan eil am Plana a' cuideachadh le dèiligeadh ri lùghdachadh ann an àireamh-sluaigh agus eaconamaidh a' cheàrnaidh. Tha freagarrachd leasachadh ùr a rèir shlatan-tomhais mì-chinnteach airson àrainneachd agus seasmhachd. Tha sùbailteachd a dhìth air a' mhodh-obrachaidh iomlan (Lafarge, ROCQ, S Macdermid).
Adhbhar: Tha am Plana ag ullachadh frèam cleachdadh fearainn gus coimhearsnachdan air feadh nan Eilean Siar a chumail suas agus a leasachadh. Tha e a' cur aghaidh air na prìomh-amasan gu h-iomchaidh, le sùbailteachd agus soilleireachd freagarrach agus le co-chothrom ri gnothaichean cudthromach eile.
3 .Iarrtas airson Sgrùdadh Poblach (EIP) gus èisteachd ri gearanan (Mgr & Bh-ph D Woolf).
Adhbhar: Tha gu leòr fiosrachaidh sa Phlana gus tighinn gu co-dhùnadh gun a dhol tro EIP.
4. Bu chòir iomradh a thoirt air "poileasaidh" no "moladh" ro gach ullachadh sa Phlana (S Macdermid).
Adhbhar: Thathar a' meas gu bheil eadar-dhealachadh teagsail soilleir gu leòr ann am poileasaidh agus moladh.
5 .Tha Gàidhlig a dhìth air a' Phlana (J MacIlleathain).
Adhbhar: Tha ullachadh iomchaidh sa Phlana airson cumail suas agus leasachadh air cleachdadh agus dualchas cultarail, a' gabhail a-staigh Gàidhlig, gu sònraichte Poileasaidh SC8. Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' cur a-mach dreach Gàidhlig den Phlana, le atharraichidhean. Tha co-dhùnadh Mhinistearan na h-Alba mun Phlana ri fhaotainn ann an Gàidhlig agus Beurla.
Coimhearsnachdan Seasmhach
6. Tha ath-aithris an teagsa gum feum a h-uile leasachadh a bhith seasmhach neo-chuimseach agus bu chòir a thoirt air falbh. Tha seasmhachd neo-mhìnichte, neo-shoilleir, doirbh a thuigsinn, neo-fheumail agus an aghaidh amasan poileasaidh eile (Lafarge, ROCQ).
Adhbhar: Tha am Plana a' mìneachadh mar a dh'fhaodas dealbhadh airson cleachdadh fearainn cuideachadh le seasmhachd a choileanadh. Thathar a' meas gu bheil am fiosrachadh freagarrach.
Stiùireadh Leasachaidh
7. Tha feum air barrachd bacaidh a thaobh làrach leasachadh ùr (DM1) le ùghdarras math air iarraidh airson eisgeachdan (RSPB). Tha cuid eile ag iarraidh barrachd sùbailteachd a thaobh a bhith a' suidheachadh leasachadh ùr le prìomhachas air a thoirt do obraichean agus ath-bheothachadh eaconamach (Lafarge, ROCQ, S Macdermid).
Adhbhar: Tha am poileasaidh mar a chaidh atharrachadh a' soilleireachadh dòigh beachdachaidh na Comhairle mu làrach leasachaidh. Thathar a' meas gu bheil am poileasaidh freagarrach airson an rùin a tha san amharc. Tha poileasaidhean eile leithid DM7 a' meudachadh nan riaghailtean measaidh airson molaidhean leasachaidh.
8 .Cha leigear a leas iomradh a thoirt air poileasaidhean eile ann am beachdachadh mu fheuman cheàrnaidhean iomallach (DM2) oir tha seo a' toirt air falbh bho choileanadh prìomh-amas a' Phlana airson stad a chur air lùghdachadh ann an àireamh-sluaigh tro leasachadh air an eaconamaidh (Lafarge).
Adhbhar: Tha e iomchaidh gun tèid làn bheachdachadh air feuman cheàrnaidhean iomallach an lùib nam prìomh-amas gu lèir agus am frèam cleachdadh fearainn a tha air a mhìneachadh sa Phlana.
9. Tha ceàrnaidhean eile ann, nach eil air an sònrachadh ann an DM3, le lùghdachadh a thaobh eaconamaidh, sòisealtas no àrainneachd (Lafarge, ROCQ, J MacIlleathain).
Adhbhar: Tha am poileasaidh a' toirt eisimpleirean sònraichte a bhios a' Chomhairle a' feuchainn ri ath-bheothachadh. Chan eil iad sin toirmeasgach agus tha am poileasaidh a' dèanamh sin soilleir.
10. Tha feum air barrachd sùbailteachd, soilleireachd rùin, saoradh agus mìneachadh ann an DM7 an co-cheangal ri measadh mholaidhean leasachaidh (Lafarge, ROCQ). Tha luchd-aithris eile ag iarraidh an susbaint a thaobh na h-àrainneachd a neartachadh a' filleadh a-staigh faiceall san dòigh-obrach (SNH, RSPB).
Adhbhar: Tha am poileasaidh, mar a chaidh atharrachadh, a' toirt gu leòr shlatan-tomhais don Chomhairle airson measadh a dhèanamh air molaidhean leasachaidh. Tha ullachadh ann airson làn bheachdachadh a thoirt do fheuman ionadail and nàiseanta a' gabhail a-staigh riatanasan EIA. Bidh measaidhean cuideachd a' toirt aire do riatanasan phoileasaidhean eile sa Phlana.
11. Cuir "Na h-Ealain Phoblach" ris an tiotal (S Macdermid).
Adhbhar: Thathar air dèiligeadh gu h-iomchaidh ri seo san teagsa agus tha e a' tuiteam gu "Co-chomhairle agus Buannachd don Choimhearsnachd" mu sgeamaichean leasachaidh seach a bhith na cheann-cuspair ann fhèin.
Stiùireadh Stòrais
12. Cha deach iomradh sam bith a thoirt air mèinnearaichean san earrann seo agus bu chòir gum biodh sùbailteachd ann an cur an gnìomh nan amasan a tha air an comharrachadh agus aire iomchaidh air a thoirt ann an stiùireadh sòn mara gum bi leasachadh fo ED9 air làrach mara (Lafarge).
Adhbhar: Tha mèinnearaichean air an sònrachadh ann an earrann Leasachadh Eaconamach a' Phlana. Tha am poileasaidh a rèir an stiùireadh dealbhadh nàiseanta aig an àm a tha làthair.
13. Bu chòir don Phlana beachdachaidhean àrainneachd a chothromachadh, a' gabhail a-staigh sònrachadh ùr airson dualchas nàdair, le feuman socio-eaconamach (S Macdermid, WIC, Lafarge, ROCQ).
Adhbhar: Tha Ministearan na h-Alba làn mhothachail air feuman socio-eaconamach nan eilean. Tha iad mothachail cuideachd air cudthrom an dualchas nàdair agus air an tomhas de làraich shònraichte a tha sna h-Eileanan Siar aig an àm seo agus mòran phàirtean dhiubh le cudthrom nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Tha am Plana mar a chaidh atharrachadh ag aithneachadh mar a tha dualchas nàdair a' cur ri càileachd agus eadar-dhealachadh beatha nan eilean. Tha càileachd shònraichte an dualchas nàdair a' cuideachadh gnìomhachas na turasachd gus taic a thoirt do ghnothachasan ionadail. Chan eil sònrachadh a' dùnadh a-mach leasachadh ach feumar molaidhean a mheasadh a thaobh am buaidh air na gnothaichean a tha an sònrachadh dealbhte airson a bhith a' dìon agus co-dhùnaidhean a dhèanamh a rèir sin. A thuilleadh air sin, faodar aire a thoirt do chùisean socio-eaconamach ann an stiùireadh làraich. Feumar sònrachadh Eòrpach a shònrachadh a rèir chomhairle shaidheansail.
Leasachadh Eaconamach
14. Bu chòir "taic" seach "rannsachadh" a dhèanamh air ion-dhèantachd na buannachd a bhiodh ri fhaotainn bho leasachadh ann an ceàrnaidhean iomallach (Lafarge).
Adhbhar: Tha e an urra ris a' Chomhairle beachdachadh air gach cothrom a rèir airidheachd agus mar sin thathar a' meas gu bheil "rannsachadh" freagarrach.
15. Tha poileasaidhean eadar-cheangailte agus eadar-eisimeileach agus mar sin chan eil feum air mion-atharrachadh ann an ED2 (WIC).
Adhbhar: Chan eil poileasaidhean roimhe a' dèanamh soilleir gum bu chòir don bhuaidh aig molaidhean cumhachd ath-nuadhachail, tionalach no eile, air na h-àrainneachd nàdair no eachdraidh a bhith nam pàirt de mheasadh sam bith.
16. Chan eil iomradh air Stoc-cleit ann an ED8 (J MacIlleathain).
Adhbhar: Tha e an urra ris a' Chomhairle a bhith a' comharrachadh nan làrach airson obair mèinnearach a choinnicheas ri feuman ionadail.
17. Dèanaibh cinnteach nach eil na riatanasan airson cumail ri poileasaidhean nas cruaidhe ann an ED9 na ED3 le toirt às iomradh air "Maoin-urrais Mèinnearachdan Coimhearsnachd" agus an àite "eile" cuiribh "buntainneach" ann an iii) (Lafarge).
Adhbhar: Tha e an urra ris a' Chomhairle beachdachadh am bu chòir Maoin a stèidheachadh. Tha na cùmhnantan poileasaidh ann an iii) co-ionann ri cùmhnantan ED3.
Còmhdhail
18. Bhiodh droch bhuaidh aig slighe stèidhichte thar Caolas na Hearadh air imeachd bhàtaichean agus tarraing-shùla, milleadh air an àrainneachd agus barrachd trafaig rathaidean. Tha am moladh neo-chothromach a rèir nam buannachdan sòisealta no eaconamach. 'S e ana-caitheamh gun adhbhar cothromach a tha ann. Dhèanadh e cron air fiadh-bheatha, turasachd, cosnadh agus air bòidhchead agus iomallachd nàdarra shònraichte a' cheàrnaidh. Tha cothroman mas-fhìor an lùib a bhith a' cruthachadh cumhachd ath-nuadhachail air an ainmeachadh dìreach gus neart a chur ri sgeama neo-sheasmhach a leanadh gu droch shealladh agus fuaim (A Johnson, D Simpson, M Maccuskie, I Watts, N David, P Wall, Mgr & Bh-ph D Woolf). Bu chòir EIP a chumail gus beachdachadh air gearanan mun mholadh seo (Mgr & Bh-ph D Woolf).
Adhbhar: Thathar a' meas gu bheil am moladh air atharrachadh freagarrach. Tha e a' toirt cothrom don Chomhairle airson sgrùdaidhean air ion-obrachadh slighean stèidhichte. A thuilleadh air ceistean còmhdhail, bhiodh iad sin cuideachd a' dèiligeadh ri cùisean eaconamaidh, sòisealtais, cultair agus àrainneachd. Bhiodh e an uair sin an urra ris a' Chomhairle beachdachadh am bu chòir moladh leasachaidh a chur air adhart a bhiodh buailteach do làn sgrùdadh tron phròiseas dealbhaidh. Mar sin chan eil EIP iomchaidh aig an ìre thràth seo. Dh'fhaodadh gun tèid no nach tèid am moladh air adhart.
Prìomh Dhiagram
19. Thoir às crìoch NSA thar na mara (Lafarge).
Adhbhar: Tha cuid de NSAs anns a bheil raointean mara, a' gabhail a-staigh nan ceàrnaidhean sna h-Eileanan Siar, mar a tha air a shealltainn sa Phrìomh Dhiagram.