AG ATH-NUADHACHADH SHEIRBHEISEAN FIACLAIREACHD SNS ANN AN ALBA
1. RO-RÀDH
Chaidh am pàipear seo a dheasachadh gus taic a thoirt do lìbhrigidh a' Phàipeir Ghil Compàirteachas airson Cùraim1 airson gun "toireamaid air adhart molaidhean airson atharrachaidhean ris an t-siostam airson cùram fiaclaireachd bunaiteach a thoirt seachad, gus bacadh a chur air trioblaidean, gus leasachadh a thoirt air cothroman faighinn gu seirbheisean agus gus fastadh agus cumail ann an dreuchd a leasachadh." Tha e cuideachd a' coimhead air na geallaidhean san Aonta Chompàirteachais2 a tha a' buntainn ri fiaclaireachd.
Tha am pàipear
- a' toirt cùl-fhiosrachaidh mu shlàinte beòil agus seirbheisean fiaclaireachd ann an Alba
- a' toirt geàrr-chunntais air na tha mar-thà air a chur air dòigh gus taic a thoirt do sheirbheisean fiaclaireachd SNS
- ag innse mu na duilgheadasan agus mun fheum airson tuilleadh atharrachaidh, agus
- a' cur air adhart roghainnean airson atharrachadh a thoirt air an t-siostam a tha ann an-dràsta, nam measg, cosgaisean euslainteach
|
Tha e cuideachd a' suidheachadh a' cho-theacsa sam bi feum, dh'fhaoidte, air reachdas gus na h-atharrachaidhean a chaidh an aontachadh airson an ama ri teachd a dhaingneachadh.
Tha e a' sireadh bheachdan bhon phoball, proifeiseantaich, buidhnean SNS agus bho dhaoine eile aig a bheil ùidh ann a bhith a' toirt lìbhrigidh mhaireannaich air seirbheisean fiaclaireachd SNS sa choimhearsnachd.
2. CÙL-FHIOSRACHADH
2.1 Slàinte Beòil ann an Alba
Tha slàinte beòil nas truaighe ann an Alba na ann an iomadh dùthaich Eòrpach eile agus tha ìrean grodaidh fhiaclan gu math nas àirde am measg dhaoine ann an Alba seach dhaoine ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.
Tha leasachaidhean mothachail air tighinn air cuid de thaobhan de shlàinte fhiaclan thairis air na fichead bliadhna a chaidh seachad, gu h-àraid do dh' inbhich, le fada a bharrachd a' glèidheadh cuid dem fiaclan fhèin na bha bho chionn deich bliadhna fichead. Ach, tha an dealbh neo-chunbhalach, seach gu bheil e follaiseach nach eil co-ionnanachd ann an slàinte beòil eadar cuid de sgìrean na h-Alba agus eadar buidhnean sònraichte taobh a-staigh na coimhearsnachd.
A rèir coltais cha choileanar an t-amas nàiseanta a tha ag iarraidh gum bi 60% de chloinn aois 5 bliadhna a bhios a' tighinn dhan sgoil saor bho thuill agus lìonaidhean/às-tharraingean ron bhliadhna 2010, mura gluaisear an cuideam gu mòr gu ruige cùram bacaidh agus mura bi comhairle èifeachdach agus cunbhalach ann mu chùram fhiaclan do chloinn agus dom pàrantan.
Inbhich - Ro mheadhan-aois, tha an t-inbheach Albannach àbhaisteach air 8 fiaclan inbheach a chall agus tha 10 fiaclan aige air an lìonadh, agus tha còrr is leth dhaoine aois 65 air am fiaclan air fad a chall.
- Thuirt 41% de dh' inbhich le fiaclan ann an Alba gun robh dèideadh air choireigin air a bhith orra sna 12 mìosan a chaidh seachad.
- Thathar a' dèanamh a-mach 500 cùis de dh' aillse beòil ann an Alba gach bliadhna, agus bidh an dàrna leth dhiubh seo a chum bàis.
Clann - Ro aois 3, bidh galar fhiaclan air còrr is 60% de chloinn bho sgìrean bochda.
- Ro aois 5, tha galar fhiaclan air còrr is 56% de chloinn air fad.
- Ro aois 14, tha grodadh mar-thà ann am fiaclan inbheach còrr is 67% de chloinn.
|
Tha e cudromach beachdachadh gu bheil mòran de na h-aon nithean a tha ag adhbharachadh droch shlàinte beòil cuideachd ag adhbharachadh droch shlàinte san fharsaingeachd am measg a' phobaill - bochdainn, droch bhiadh, cleachdadh tombaca 's mar sin air adhart. Mar sin, ann a bhith a' dol an sàs ann an droch shlàinte beòil, thathar cuideachd a' neartachadh na roi-innleachd as fharsainge gus leasachadh a thoirt air slàinte ann an Alba.
2.2 Sluagh ag Atharrachadh
Tha e cudromach gum beachdaichear air na h-atharrachaidhean a tha a' tighinn air sluagh na h-Alba, nuair a thathar a' dèanamh lèirmheis sam bith.
Thathar an dùil gu bheil àrdachadh a' tighinn air an àireamh den t-sluagh a tha aosda, agus tha barrachd dhaoine a' glèidheadh am fiaclan fhèin nan seann aois. Tha deagh shlàinte beòil cuideachd cudromach ann a bhith a' bacadh agus a' cumail smachd air aillse beòil. Tha e riatanach gum beachdaich sinn air a' bhuaidh a bhios aig mar a tha an sluagh ag atharrachadh air an dòigh-làimhseachaidh a tha againn a thaobh cùram beòil agus fhiaclan. Dh'fhaoidte gum bi feum aig buidhnean bunaiteach den t-sluagh leithid seann daoine, clann agus iadsan aig a bheil feumalachdan sònraichte, air seirbheisean le amasan nas fheàrr, ma tha sinn a' dol a choileanadh ar n-amas gum bi slàinte beòil aig muinntir na h-Alba gu lèir.
2.3 Solarachadh Sheirbheisean Fiaclaireachd ann an Alba aig a' Cheart Àm.
2.3.1 Seirbheisean Fiaclaireachd Coitcheann (SFC)
Tha a' mhòr chuid de na 1900 (mu) Fiaclairean Coitcheann (FCan) ann an Alba nan cùnnradairean neo-eisimeileach a tha a' leigheas chloinne agus inbhich fo shiostam ioma-fhillte : tha an structar chìsean seirbheis a' toirt taic dhan dòigh-obrach seo a tha a' measgachadh cunntas cheann agus cùram leantainneach. Tha seo a' ciallachadh gu bheil gach fiaclair a' faighinn pàigheadh airson gach euslaintich SNS a tha aige air a liosta agus gheibh e pàigheadh cuideachd airson gach obair leigheis SNS a nì e. A bharrachd tha pàigheadh ann airson leigheas 'air uairibh' agus leigheas èiginn agus àireamh de mhathalachdan sònraichte (me. airson leasachadh proifeiseanta leantainneach). 'S iad na FCan as motha a bhios a' solarachadh sheirbheisean fiaclaireachd teaghlaich do mhuinntir na h-Alba, agus tha seo air a thoirt seachad bho mu 900 àite. Tha nàdar na seirbheis air atharrachadh sna bliadhnaichean a chaidh seachad bho às-tharraingean gu càradh fhiaclan agus, bho chionn ghoirid, gu nithean a' buntainn ri bhith a' cur bacaidh air trioblaidean fhiaclan, ach fhathast thathar a' coimhead ris mar 'cùram is càradh'.
Tha mu 10-20 fiaclair a' dèanamh obair phrìobhaideach a-mhàin ach tha a' mhòr chuid a' gabhail os làimh measgachadh de dh' obair phrìobhaideach agus obair SNS. Tha sìor ghluasad air a bhith ann gu solarachadh prìobhaideach sna bliadhnaichean a chaidh seachad.
2.3.2 Fiaclairean Coitcheann le Tuarastail
Tha cumhachd aig Ministearan na h-Alba gus ùghdarras a thoirt do Bhùird/Ùghdarrasan airson fiaclairean le tuarastail a chur an dreuchd ann an sgìrean far a bheil feum orra no far a bheil e doirbh faighinn gu seirbheisean fiaclaireachd SNS. Tha còrr is 50 fiaclair le tuarastal ag obair ann an Alba aig a' cheart àm. Tha na fiaclairean seo a' solarachadh làn raon de sheirbheisean fiaclaireachd SNS agus tha iad ag obair bho thogalaichean a tha le SNS, a' faighinn taic bho SNS agus anns a bheil luchd-obrach SNS Alba ag obair.
2.3.3 Seirbheisean Fiaclaireachd sa Choimhearsnachd (SFC)
Tha mu 300 Luchd-obrach Seirbheis Fiaclaireachd Coimhearsnachd ann an Alba, a tha air am fastadh le Bùird SNS/Ùghdarrasan Cùraim Bunaiteach. Tha iad ag amas sa chiad dol a-mach air buidhnean ana-chothromach agus orrasan le feumalachdan sònraichte (nam measg, clann, daoine le duilgheadasan ionnsachaidh agus seann daoine ann an dachannan-còmhnaidh). A bharrachd air a seo tha iad a' toirt 'lìon sàbhalaidh' dhaibhsan aig nach eil dòigh air faighinn gu SFCan. Tha àite cudromach aig FCan le tuarastail agus SFCan ann a bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean ann an àiteachan iomallach. Tha na seirbheisean aca rim faotainn aig co-dhiù 300 àite air feadh na h-Alba, ann an clionaigean suidhichte agus gluasadach.
2.3.4 Seirbheisean Fiaclaireachd Sònraichte
Tha seirbheisean fiaclaireachd ospadail (SFO) a' gabhail euslaintich an dà chuid bho fhiaclairean agus bho dhotairean agus bho sheirbheisean ospadail eile. 'S iad na prìomh raointean eòlais: obair-lannsa beòil agus aodainn (maxillofacial), leigheas beòil, fiaclaireachd orthodontaig, fiaclaireachd càraidh agus fiaclaireachd chloinne.
2.3.5 Proifeiseantaich a' Cur Ri Fiaclaireachd (PCRF)
'S iad na Proifeiseantaich a' tha a' Cur Ri Fiaclaireachd, banaltraman fhiaclan, luchd-slàinte fhiaclan, leasaichean fhiaclan agus teigneolaichean fhiaclan. Chaidh an raon-obrach a tha ceadaichte do leasaichean agus luchd-slàinte fhiaclan le trèineadh iomchaidh a leudachadh air a' 1 den Iuchair 2002. Bhathar an dùil gun leigeadh seo le luchd-slàinte agus le leasaichean barrachd den obair àbhaisteach aig an fhiaclair a ghabhail thairis, airson gum b' urrainn do dh' fhiaclairean barrachd euslaintich a ghabhail mar thoradh air a seo.
2.3.6 Teachd a-Mach
Aig a' cheart àm (2002/03) tha teachd a-mach air SFC mu 194m, le teachd a-steach de 53m bho chosgaisean euslainteach. 'S urrainnear 20% den teachd a-mach a chunntais air cunntas cheann agus cosgaisean leigheis leantainnich. Tha cuid de raointean obrach air àrdachadh an taca ri feadhainn eile thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad m.e., tha cosgais leigheis orthodontaig air a dhol suas bho 4.4m ann an 1995 gu 7.25m ann an 2002.
3. CO-THEACSA POILEASAIDH: SEIRBHEISEAN FIACLAIREACHD ANN AN SNS ALBA
3.1 Plana Gnìomha airson Sheirbheisean Fiaclaireachd ann an Alba
Mhìnich Am Plana Gnìomha airson Sheirbheisean Fiaclaireachd ann an Alba3, a chaidh fhoillseachadh san Lùnastal 2000, roi-innleachd an Riaghaltais airson a bhith a' leasachadh slàinte beòil agus seirbheisean fiaclaireachd an co-theacsa an dà chuid atharrachadh sluaigh na h-Alba agus luchd-obrach fiaclaireachd fiùghantach. Chaidh adhartas math a dhèanamh mar-thà mu choinneamh mòran de na prìomh bhuilean sa Phlana Gnìomha; tòrr dhiubh a tha gun samhail taobh a-muigh na h-Alba.
3.1.1 Leasachadh Slàinte
Chaidh raon cheumannan a thoirt a-steach gus leasachadh a thoirt air slàinte beòil chloinne:
- sgeama bacadh grodaidh do chloinn bho aois 6 gu 7.
- oidhirpean gu ruige iomlanachadh nas dlùithe leis a' chlàr-obrach airson leasachadh slàinte, gu h-àraid ann an iomairtean airson biadh fallain agus ann a bhith a' moladh uisge mar dheoch fhallain.
- bruisean fhiaclan agus stuth fhiaclan an asgaidh, còmhla ri prògraman glanadh fhiaclan ann an sgoiltean-àraich agus ann am foghlam slàinte do chloinn fo aois-sgoile.
- comhairleachadh air slàinte beòil chloinne ann an Alba: Gu Ruige Slàinte Beòil Nas Fheàrr am Measg Chloinne 4.
|
3.1.2 A' Toirt Taic Do Dh' Fhiaclaireachd SNS
Chaidh raon de cheumannan a thoirt a-steach air shàilleabh na feumalachd gus taic a thoirt do leasachaidhean matha ann an cleachdaidhean fhiaclairean, agus gus fiaclairean òga a tha air trèineadh ann an Alba a bhrosnachadh gus fuireach an-seo as dèidh dhaibh am barantasan fhaighinn:
- 9.8 air a thoirt do leasachaidhean air raoin-dèiligidh fhiaclairean sna 3 bliadhna a chaidh seachad.
- Mathalachd 'Hello Òir' do dh' fhiaclairean a tha air an ùr bharantachadh, agus tha seo air àrdachadh ann an sgìrean far a bheil feum shònraichte air fiaclairean.
- mathalachd a bharrachd do dh' fhiaclairean a tha a' dèanamh an trèineadh-obrach ann an àite sònraichte.
- taic-airgid do dh' fhiaclairean stèidhichte gus raoin-dèiligidh trèineadh-obrach ceadaichte a chur air chois no a leudachadh.
|
Tha ceumannan eile ag aithneachadh dìlseachd gu solarachadh sheirbheisean SNS agus na duilgheadasan àraid a tha mu choinneamh fhiaclairean a tha ag obair ann an sgìrean dùthchail agus iomallach ann an Alba, agus far am bi teagamh ann mu adhbhar-bith raoin-dèiligidh air shàilleabh cion sluaigh:
- mathalachd ùr airson sheirbheisean coitcheann fhiaclairean agus mathalachd ùr airson raoin-dèiligidh.
- airgead dìlseachd airson luchd-taice.
- mullach àrdaichte airson pàigheadh sineachd.
- sgeama air-ais-a-dh'obair nas fheàrr.
- mathalachd airson sgìrean iomallach.
- maoineachadh nas fheàrr airson leasachadh proifeiseanta leantainneach do dh' fhiaclairean ann an sgìrean iomallach.
|
3.2 Planadh Luchd-obrach ann an Alba
Tha a' Chomataidh Comhairleachaidh Albannach air Sgioba-obrach Fhiaclaireachd (CCASF) agus Foghlam SNS Alba air lèirmheasan farsaing fhoillseachadh mu luchd-obrach fiaclaireachd na h-Alba. Tha na lèirmheasan sin a' sealltainn:
- Gu bheil àrdachadh air tighinn air an àireamh fhiaclairean ann an sgioba-obrach fhiaclaireachd SNS ann an Alba. Ach a dh'aindeoin seo, thairis air na deich bliadhna a chaidh seachad, tha àireamh mhath de cheumnaich ùra Albannach agus fiaclairean stèidhichte ann nach eil air na h-uimhir den ùine aca a chur ri fiaclaireachd SNS ann an Alba. Tha seo air shàilleabh gu bheil barrachd dhaoine a' gabhail ùine a-mach às an dreuchdan, atharrachaidhean ann am pàtrain obrach, leigeil seachad dhreuchdan tràth, imrich gu dùthchannan eile agus gluasad gu solarachadh cùraim prìobhaideach (bacach agus lèigheil).
- Tha àrdachadh leantainneach air tighinn air an àireamh de dh' fhiaclairean as sine agus air an àireamh bhoireannach a tha san sgioba-obrach fhiaclaireachd Albannach. Tha barrachd obair pàirt-ùine air a bhith ann agus barrachd dhaoine a' leigeil seachad an dreuchdan tràth.
|
A' togail air na h-anailisean seo, tha CCASF air grunn mholaidhean bunaiteach a dhèanamh, agus thathar gan cur an gnìomh aig a' cheart àm:
- 120 ceumnach fiaclaireachd a chur a-mach gach bliadhna ann an Alba (fo sgrùdadh aig a' cheart àm).
- Foghlam agus trèineadh le planadh agus maoineachadh bhon mheadhan do gach neach-slàinte agus leasaiche fhiaclan.
- tòiseachadh air trèineadh dhaibhsan aig a bheil barantas dùbailte mar neach-slàinte agus leasaiche fhiaclan, airson gun urrainn dhaibh a dhol an sàs san raon as fharsainge de dh' fhiaclaireachd, leithid lìonadh fhiaclan.
|
Lìbhrigidh na planaichean a tha air dòigh an-dràsta barrachd cheumnaich agus phroifeiseantaich a bheir co-phàirteachas do dh' fhiaclaireachd ro 2006. Tha e riatanach gum bi seirbheisean agus togalaichean fiaclaireachd seasmhach agus tarraingeach againn ma tha sinn a' dol a dh' fhastadh an luchd-obrach sin gu SNS Alba.
3.3 Ceuman Air Adhart: Compàirteachas airson Cùraim agus Compàirteachas airson Alba Nas Fheàrr: Aonta Compàirteachais
Rinn am Pàipear Geal Compàirteachas airson Cùraim agus an t- Aonta Compàirteachais sreath de gheallaidhean gus taic a thoirt do dh' fhiaclaireachd SNS agus gus leasachadh a thoirt air slàinte beòil:
- gun toirear a-steach, ann an dòigh chunbhalach, ath-sgrùdaidhean fhiaclan an asgaidh dhan a h-uile duine ro 2007.
- gum bithear a' sìor shireadh dhòighean-obrach a leasaicheas fiaclaireachd bacach agus gun dealbhaichear duaisean freagarrach mar cheum a bheir taic don amas sin.
- gun dèanar sgrùdadh air na h-adhbharan a tha air cùl a' ghainnid san àireamh fhiaclairean ann an cuid de sgìrean na h-Alba agus na roghainnean a fhreagradh seo.
- gun leudaichear comas ghoireasan trèinidh fiaclaireachd ann an Alba le bhith a' stèidheachadh aonad trèinidh a tharraingeas daoine, ann an Obar Dheathain agus gun dèanar barrachd comhairleachaidh air an fheum airson gun leudaichear e gu làn sgoil fhiaclaireachd.
|
Bidh na dìlseachdan seo iomchaidh a rèir siostam sam bith a bhios a' lìbhrigeadh sheirbheisean fiaclaireachd ann an Alba san àm ri teachd.
4. AM FEUM AIRSON ATHARRACHAIDH
4.1 Lèirmheasan Seachadail
Tha grunn lèirmheasan bho eòlaichean, gu h-àraid Coimisean Rìoghail SNS (1979), Aithisg Schanschieff (1986) agus an Lèirmheas Bunaiteach air Pàigheadh Fhiaclairean (1992) a' toirt cheistean gu aire a tha fhathast iomchaidh a thaobh fiaclaireachd ann an Alba an-diugh, a dh' aindeòin leasachaidhean bhon uair sin air a' chùmhnant fiaclaireachd. Gu h-àraid an 'Treadmill Effect' (far a bheil fiaclairean a' faireachdainn gu feum iad an aire a chumail air mòran obair-leigheis seach comhairle bacaidh a thoirt seachad, airson gum faigh iad pàigheadh as fhiach fon t-siostam pàighidh a tha ann an-dràsta). Thathar air an aire a thoirt dhan duilgheadas seo rè ùine nan lèirmheasan seo.
Ann an 2002 dh' fhoillsich Roinn na Slàinte frèam-obrach airson ath-leasachadh a thoirt air seirbheisean fiaclaireachd ann an Sasainn: Roghainnean airson Atharrachaidh.
Am measg nam feartan bunaiteach tha:
- barantachadh agus maoineachadh ionadail
- sgrùdadh slàinte beòil agus bacaidh do dh' euslaintich
- slighean clionaigeach gu leigheas
- Teicneolas Fiosrachaidh agus Conaltraidh
- atharrachaidhean ann an structar raoin-dèiligidh
- leasachadh air an sgioba-obrach fiaclaireachd
|
4.2 Cudroman airson Atharrachaidh
Tha grunn rudan air cur ris an t-sìor ghluasad airson atharrachaidh san dòigh sa bheil seirbheisean fiaclaireachd air an lìbhrigeadh gus feumalachdan Alba ùr-nodha a fhreagairt:
- duilgheadasan a thaobh seirbheisean fhaotainn a tha a' sìor dhol am miosad agus tha seo a' dèanamh dragh mòr am measg a' phobaill agus euslaintich.
- atharrachaidhean ann an sluagh na h-Alba agus a' bhuaidh a tha aig a seo air seirbheisean slàinte.
- mì-riarachas fàsmhor anns a' phroifeisean fhiaclaireachd taobh a-staigh na frèam-obrach a tha ann an-dràsta.
- nàdar caochlaideach a' phroifeisein fhiaclaireachd - barrachd bhoireannaich, barrachd ùine a-mach à dreuchd, barrachd fhiaclairean a' leigeil seachad an dreuchdan tràth.
- cion brosnachaidh sa chùmhnant SFC gus slàinte fhiaclan a leasachadh.
- draghan mu thaobhan de na seirbheisean fiaclaireachd prìobhaideach (m.e. cion fiosrachaidh; riaghladh inbhean) mar a tha air iomradh san aithisg aig Oifis a' Mhalairteachaidh Chothromaich a thàinig a-mach bho chionn ghoirid.
|
Thathar a' sìor aontachadh nach eil cùisean math gu leòr mar a tha iad. Ach aig an aon àm, thathar ag aithneachadh gum bu chòir atharrachaidhean sam bith a thaobh dòighean-obrach san àm ri teachd a thoirt a-steach mean air mhean.
4.3 Prionnsabalan Stiùiridh airson Frèam-obrach Iomchaidh
Tha buidhnean euslainteach agus phroifeiseantach air na rudan a bu toil leothasan fhaicinn ann an seirbheis fhiaclaireachd Albannach ùr a shoilleireachadh:
Euslaintich - cothrom deagh sheirbheis fhiaclaireachd fhaighinn nuair a tha feum air a leithid airson leigheas agus comhairle, agus airson cur air adhart gu cùram sònraichte ann an deagh ùine agus nuair a tha feum air
- cothrom leigheas fhiaclan àrd-inbheach fhaighinn ann an àm èiginn.
- a bhith as aonais dhraghan mu chosgaisean airson leigheas fhiaclan riatanach agus siostam chìsean nas soilleire a bhith ann.
- siostam èifeachdach airson a bhith a' dèiligeadh ri draghan agus duilgheadasan.
Proifeiseantaich - toileachas obrach agus adhartachadh dreuchdail.
- taic gus seirbheisean bacaidh agus leigheis àrd-inbheach a lìbhrigeadh.
- cothrom faighinn gu fiosrachadh iomchaidh agus luchd-obrach le deagh thrèineadh.
- duais reusanta airson a bhith a' solarachadh sheirbheisean àrd-inbheach.
- deagh thogalaichean a tha freagarrach airson na h-obrach.
|
4.4 Thathar an dùil gun daingnich na prionnsabalan a leanas dòighean-obrach an ama ri teachd:
- cudrom air inbhe cho math ri tuaiream leigheis.
- amas air leasachadh nas maireannaiche air slàinte beòil
- cothromachd a thaobh faighinn gu seirbheisean agus solarachadh sheirbheisean
- ìrean agus seirbheisean a bhios ag obrachadh air bunait dearbhaidh.
- obair-sgioba co-fhillte le deagh fheum air a dhèanamh de sgilean.
|
5. TAIC AGUS BUNSTRUCTAIR AIRSON ATHARRACHAIDHEAN SAN ÀM RI TEACHD
5.1 Tha am pàipear seo gu mòr ag amas air an t-siostam airson a bhith a' solarachadh agus a' toirt seachad dhuaisean airson sheirbheisean fiaclaireachd SNS sa choimhearsnachd, mar a tha sgrìobhte ann an Compàirteachas airson Cùraim. Ach, ge be air bith nàdar agus comas an t-siostaim san àm ri teachd, tha rudan ann a thaobh lìbhrigidh nan seirbheisean sin a tha riatanach do dh' fhiaclaireachd SNS san àm ri teachd, ged nach iad prìomh chuspair a' chomhairleachaidh seo.
5.2 Nam measg tha:
Goireasan Daonnachd - an fheumalachd gum bi an àireamh cheart de phroifeiseantaich ann an àite (fiaclairean, FCRDan agus luchd-obrach taice), ag obair an compàirteachas ris na h-earrainnean airson àrd-fhoghlaim agus foghlam adhartach.
- amas air an sgioba-obrach gu lèir, le foghlam iomchaidh, deagh thrèineadh, deagh thaic agus deagh leasachadh.
Inbhe agus Ìrean - raoin-dèiligidh àrd-inbheach agus iomchaidh a rèir na h-obrach, nam measg, togalaichean ùra, acfhainn, teicneolas fiosrachaidh, siostaman ana-thruaillidh.
- cuideam air cùram bho bhunait dhearbhte, le ìrean àrd-inbheach a tha ag amas air an euslainteach.
- lìonraidhean clionaigeach le seirbheisean sònraichte agus le taic bho sheirbheisean sònraichte.
|
5.3 Planadh, Solarachadh agus Sgrùdadh Sheirbheisean
Aig a' cheart àm ged a tha dleastanasan air buidhnean ionadail SNS a thaobh planadh agus solarachadh sheirbheisean fiaclaireachd SNS, tha a' chuid as motha den amas ghnìomhail air a bhith air dòigh-làimhseachaidh nàiseanta (gu h-àraid thar an RA), ged a chaidh àireamhan fhàsmhor de dh' iomairtean a tha gu sònraichte Albannach a chur an gnìomh thairis air na 2/3 bliadhna mu dheireadh. Coltach ri ceistean slàinte agus cùram slàinte eile, feumaidh an t-amas gluasad gu ruige barrachd dleastanais agus cunntasachd ionadail. Bheir seo cothrom do Bhùird SNS feumalachdan ionadail, agus na dòighean as fheàrr air an coileanadh, a dhèanamh a-mach, ann an compàirteachas ris a' phoball agus na proifeiseanan. Tha seo cuideachd a' ciallachadh gun toirear barrachd cumhachd do Bhùird airson na seirbheisean seo a lìbhrigeadh, tro raon de rèiteachaidhean cùmhnantail, seirbheisean le tuarastail no solarachadh dìreach. Ach feumar seo a dhèanamh taobh a-staigh frèam-obrach a thèid thairis air Alba gu lèir, agus a tha ag aithneachadh gu bheil luach ann an cunbhalachd làimhseachaidh a ghabhas an uairsin atharrachadh a rèir an t-suidheachaidh ionadail. Feumaidh sgaoileadh cumhachd gu Bùird SNS a thaobh maoineachaidh tighinn an cois an àrdachaidh seo ann an dleastanas agus cunntasachd aig ìre ionadail, a' dèanamh cinnteach gu bheilear a' coimhead air seirbheisean fiaclaireachd mar phàirt choileanta agus riatanach de phlanadh agus de sholarachadh ionadail. A bharrachd air aire a thoirt do sholarachadh sheirbheisean fiaclaireachd ionadail, leasaichidh seo taic nas fheàrr aig ìre na coimhearsnachd airson a bhith a' cur bacaidh air galar fhiaclan agus leasaichidh e ceanglaichean nas fheàrr le proifeiseantaich slàinte agus cùraim coimhearsnachd eile.
Aig a' cheart àm tha a' Bhuidheann Sheirbheisean Coitcheann a' solarachadh raon de sheirbheisean taice do dh' fhiaclaireachd SNS - pàigheadh, fiosrachadh, sgrùdadh inbheachd 's mar sin air adhart. Ann a bhith a' dèanamh seo, tha e a' toirt taice do na dleastanasan foirmeil aig Bòrd nam Fiaclairean Albannach, mar a tha iad air an cur ann an reachdas. 'S ann tro bharrachd deasbaireachd, aon uair 's gu bheil beachdan stèidhichte a thaobh nàdar atharrachaidhean air an t-siostam ghnàthach, a nithear a-mach an dòigh as fheàrr air cothromachd leantainneach fhaotainn eadar dleastanas ionadail agus taic nàiseanta. Ge be air bith dè na rèiteachaidhean mionaideach, tha feum air siostaman Teicneolais Fiosrachaidh làidir gus taic a thoirt do chùram clionaigeach, sgrùdadh agus conaltradh.
6. ATHARRACHAIDHEAN SAN T-SIOSTAM
6.1 Ro-Ràdh
Feumaidh oidhirp sam bith gus ath-leasachadh a thoirt air seirbheisean fiaclaireachd beachdachadh air cothromachd eadar an fheumalachd airson atharrachaidh agus ìre èifeachd an t-siostaim ann a bhith a' coileanadh feumalachdan a' phobaill agus proifeiseantaich slàinte fhiaclan. Chan urrainnear atharrachadh a thoirt gu bith gun ìre air choireigin de chunnart chun an t-seasmhachd a chaidh a chruthachadh taobh a-staigh na frèam-obrach a tha ann mar-thà.
Tha feum aig a' phroifeisean air dèanamh cinnteach gun tig seirbheisean san àm ri teachd gu bith ann an dòigh a bhios a' sìor dhìon seasmhachd agus tasgaidh, fhads a thathar a' togail air cultur àrd-inbheach taobh a-staigh SNS. Tha e cudromach gun toir rèiteachaidhean ùra brosnachadh agus taic don phroifeisean fhiaclaireachd a thaobh a bhith a' lìbhrigeadh sheirbheisean aig gach ìre den bheatha phroifeiseanta.
Tha feum aig a' phoball air tuigse shoilleir mu na roghainnean a tha ann a thaobh seirbheis fiaclaireachd ùr, cò ris a bhiodh iad coltach, mar a gheibheadh iad cothrom faighinn chun nan seirbheisean seo gun duilgheadas agus mar a bhiodh cìsean fiaclaireachd a' tighinn a rèir rèiteachaidhean ùra sam bith.
Feumar a bhith soilleir mu chomas agus meud seirbheis fiaclaireachd SNS ùr, na rèiteachaidhean airson seirbheis a lìbhrigeadh, agus an siostam chosgaisean euslainteach a thigeadh às a-sin.
Tha an earrainn seo a' beachdachadh gu h-aithghearr air na cùisean fa leth a leanas agus thathar cuideachd a' togail cheistean mun deidhinn. Feumar a dhaingneachadh gu bheil eadar-dhàimh do-sheachnach eadar na trì nithean. Chan eil na cùisean a thathar a' togail, gu h-àraid mu lìbhrigeadh, fa leth bho chèile agus, mar sin, cha bu chòir am faicinn mar roghainnean eadar-dhealaichte. Chan eilear a' sùileachadh gum bi aon fhreagairt ann a choileanas gach suidheachadh anns gach ceàrn de dh'Alba. Ach airson sin feumar roghainnean a dhèanamh a thaobh:
- dè na seòrsaichean sheirbheisean fiaclaireachd a bu chòir a bhith air an solarachadh fon SNS.
- an seòrsa coltais a bhios air rèiteachaidhean cùmhnantail fhiaclairean ma tha iad a' dol a thoirt taic do lìbhrigidh nan seirbheisean seo.
- mar a bu chòir do dh' euslaintich cur ri pàigheadh na seirbheis.
|
6.2 Meud agus Nàdar Sheirbheisean Fiaclaireachd SNS
Tha seirbheisean fiaclaireachd a tha air an solarachadh fo SNS sa choimhearsnachd air am mìneachadh aig a' cheart àm ann an Achd SNS Alba 1978. Tha mion-chunntas mu sheirbheisean fiaclaireachd coitcheann ri lorg ann an Riaghailtean agus Cunntas Pàigheadh Fhiaclairean SFC agus airson seirbheisean fiaclaireachd coimhearsnachd, ann an stiùireadh agus cuairt-litrichean. Dh' fhaodar a ràdh gur e SCF do bhuidhnean le feumalachdan sònraichte, no dhaibhsan nach urrainn faighinn gu SCF tro na slighean àbhaisteach a tha ann an SFCan. Air leth bhon a-seo tha an t-seirbheis 'slàinte fiaclaireachd phoblach' a tha a' solarachadh sgrùdadh fhiaclan do chloinn sgoile leis an SFC agus a tha air a mhìneachadh ann an Earrainn 39 de dh'Achd 1978. Ma tha sinn a' dol a dhèanamh an fheum as fheàrr den luchd-obrach san àm ri teachd, bu chòir dhuinn coimhead ris an làn raon de phroifeiseantaich a tha ag obair sa choimhearsnachd agus bu chòir dhuinn amas air an t-seirbheis gu lèir gus feumalachdan ionadail a choileanadh san dòigh as èifeachdaiche. Tha seo a' toirt dòigh-làimhseachaidh nas dlùithe agus nas amalaichte do sholarachadh sheirbheisean cùraim fiaclaireachd bhunaiteach.
Thathar an dùil gum brosnaich an t-seirbheis ghnàthach slàinte beòil agus 'treasad fhiaclan'. Tha e a-nise a' gabhail a-steach raon de dhòighean-làimhseachaidh bacach agus lèigheil, le measgachadh de sheirbheisean coitcheann agus sònraichte. Mar as trice tha na seirbheisean sònraichte sa choimhearsnachd a' gabhail a-steach orthodontaigs, le àireamh fhàsmhor de dh' fhiaclairean sònraichte eile ann an m.e. obair-lannsa fhiaclan. Faodar euslaintich a chur air adhart bho luchd-dèiligidh agus seirbheisean eile.
Tha mar-thà crìochan ann a thaobh na raoin sheirbheisean a dh'fhaodar a sholarachadh fon SFC; am measg eisimpleirean de nithean nach eil air an gabhail a-steach tha seòrsaichean de lìonaidhean geala, crùin de dhath fhiaclan air cùlagan, agus suidheachaidhean fuadain. Tha buaidh aig atharrachaidhean ann an teicneolas air fiaclaireachd cho math ri taobh sam bith eile de chùram clionaigeach, agus chan eil an siostam gnàthach innleachdach ann a bhith a' freagairt nan atharrachaidhean seo. Ach bidh buaidh do-sheachnach a thaobh cosgais aig leudachadh sam bith air an t-seirbheis ghnàthach, tro leigheasan a tha ùr do SNS, co dhiù a tha iad air an coinneachadh gu dìreach bho SNS no bho euslaintich.
Aig a' cheart àm, dh'fhaodar am beachd a sheasamh gu bheil na tha mar-thà ri fhaotainn air SNS a' solarachadh barrachd na tha riatanach gus slàinte beòil agus treasad fhiaclan a lìbhrigeadh. Mar eisimpleir, tha beachd ann gu bheil taobhan de chùram orthodontaig agus cuid de dh' obair càraidh air crùin a-mhàin airson adhbharan maise, agus gu bheil leigheasan leithid crùin agus drochaidean a' dol thar na tha dìreach riatanach a thaobh seo.
Mar sin, tha feum ann airson mìneachaidh air dìreach dè na rudan a bu chòir SNS a sholarachadh agus aig dè a' chosgais (gu dìreach no neo-dhìreach). Tha miann ann cuideachd, coltach ri seirbheisean SNS eile, gus a bhith ag amas nas motha air bacadh (far a bheil seo dearbhte) gus am feum airson seirbheisean 'cùraim is càraidh' ìsleachadh. Chan ann a-mhàin do chloinn a tha seo fìor (ged is iad seo am prìomh amas chun a-seo) ach tha seo a' sìor fhàs cudromach cuideachd do dh' inbhich agus gu h-àraid do sheann daoine.
'S iad na ceistean a tha san earrainn seo:
- Dè na seirbheisean a bu chòir tighinn taobh a-staigh SNS san àm ri teachd?
- Am bu chòir dhaibh a bhith òrdaichte agus cuingealaichte no neo-chuingealaichte?
- Dè an siostam a bu chòir a bhith ann airson a bhith a' lèirmheas agus ag ùrachadh?
- Dè an cothromachadh a bu chòir a bhith ann eadar seirbheisean bacaidh agus càraidh agus dè gu h-àraid a bu chòir a bhith air a ghabhail a-steach sa chiad fhear?
- Am bu chòir an dreuchd 'slàinte fiaclaireachd poblach' an SFCan a bhith air a chumail fa leth bhon dreuchd 'slàinte teaghlaich' a tha aig fiaclaireachd sa choimhearsnachd?
|
6.3 Lìbhrigeadh Sheirbheisean Fiaclaireachd SNS
Mar a chaidh a mhìneachadh na bu tràithe, tha dà phrìomh shiostam an àite aig a' cheart àm gus seirbheisean fiaclaireachd SNS a lìbhrigeadh - fiaclairean cùmhnantail neo-eisimeileach agus rèiteachaidhean le tuarastail. Don luchd-cùmhnaint neo-eisimeileach, tha siostam ioma-fhillte de chìsean agus de mhathalachdan air an cur air àite sa Chunntas Pàigheadh Fhiaclairean, le tuairisgeul agus prìs airson còrr is 400 nì. 'S e an ìre mhath siostam de phàigheadh dìreach a rèir na h-obrach a tha ann, le eileamaidean de chunntas cheann agus de mhathalachdan. Chan fheum fiaclairean cùmhnantail neo-eisimeileach ùine àraid a thoirt don SNS, ged a tha na tha iad a' faighinn de phàigheadh a' sealltainn na tha iad a' solarachadh. Chan fheum iad leigheas SNS a sholarachadh idir. Ma tha iad arson a bhith air liosta SNS, feumaidh iad leigheas SNS a thoirt gu co-dhiù aon euslainteach gach sia mìosan.
Sna bliadhnaichean a chaidh seachad tha barrachd cuideam air a bhith air sgioba-obrach fhiaclaireachd nas fharsainge, nam measg na FCRDan (luchd-slàinte, leasaichean, banaltraman, 's mar sin air adhart) agus luchd-obrach stiùiridh agus taice. Coltach ri earrainnean eile de sheirbheisean cùraim bunaiteach, thathar a' moladh gum bu chòir dhan amas a bhith air an raon-dèiligidh gu lèir san àm ri teachd - leis na sgilean cearta agus deagh bhunstructair àrd-inbheach (togalaichean, acfhainn, 's mar sin air adhart). Agus, gun teagamh, 's dòcha gum bi gluasad nas motha ann gus taic a thoirt do raoin-dèiligidh a tha ag obair agus a' ceangal ri chèile agus ag obair nas dlùithe ri earrainnean eile den SNS. Coltach ri seirbheisean cùraim bunaiteach eile, bhiodh sìor chuideam air a' Bhòrd ionadail aig SNS gus an dleastanas a ghabhail gus seirbheisean fiaclaireachd a dhèanamh nas tèarainte tro rèiteachaidhean cùmhnantail le raoin-dèiligidh no tro sholarachadh dìreach de luchd-obrach le tuarastail.
Tha dleastanas air fiaclairean cùmhnantail neo-eisimeileach a thaobh an luchd-obrach, na togalaichean agus an acfhainn a dh'fheumaiste airson seirbheis a sholarachadh, agus feumar an tasgadh seo aithneachadh ann an atharrachaidhean sam bith a nithear san àm ri teachd. Tha na goireasan seo air an solarachadh gu dìreach bho SNS do SFC le tuarastail agus SCF agus luchd-obrach. Ged a tha beagan gluasaid air a bhith ann gu taic airgid do dh' fhiaclairean cùmhnantail tro sheòrsaichean àraid de dh' airgead air-ais agus mathalachdan, bhathar a' moladh gura dòcha gum biodh barrachd taic ann bho SNS mar thoradh air dìlseachd cinnteach gu SNS.
Mar sin, dh'fhaoidte gum bi raon de dh' atharrachaidhean ann airson sheirbheisean a chaidh an lìbhrigeadh tro chùmhnant. Chan eil iad seo a' dùnadh a chèile às, agus dh' fhaodar coimhead orra mar 'chlàr', dh'fhaoidte, bhom biodh feumalachdan sònraichte ionadail air an coinneachadh:
- maoineachadh ag amas air an raon-dèiligidh seach air an fhiaclair fa leth
- leudachadh a thoirt air an raon luchd-cùmhnaint fhiaclaireachd gus buidhnean corporra agus buidhnean raon-dèiligidh a ghabhail a-steach
- an clàr-chìsean a tha ann an-dràsta a dhèanamh nas sìmplidhe, a' lùghdachadh na h-àireamh leigheasan
- barrachd taic do luchd-obrach agus do chosgaisean bunstructair (m.e. togalaichean) airson dìlseachd sònraichte bho SNS
- maoineachadh tro chunntas cheann a-mhàin ('s e sin tro phàighidhean mìosail) airson euslaintich clàraichte
- pàighidhean tràthail no rè ùine a' chùmhnaint seach an àite pàighidh a rèir gach leigheis
- duaisean airson a bhith a' coileanadh bhuilean inbhe
- brosnachaidhean gus seirbheisean a sholarachadh ann an sgìrean anns a bheil bochdainn no cion sluaigh
- taic nas fheàrr bho fhiaclairean eile do raoin-dèiligidh a tha iomallach agus anns nach eil ach aon fhiaclair
- gluasad bho dhòigh-obrach 'teaghlaich' gu leasachadh chùmhnantan/rèiteachaidhean fa leth do bhuidhnean/sheirbheisean sònraichte (m.e. clann, inbhich, seann daoine, seirbheisean sònraichte, seirbheisean èiginn).
|
Do luchd-obrach le tuarastail, thathar an dùil gum bi iad fhathast air am fastadh fo chùmhnantan 's fo chùnnraidhean nàiseanta ach leis an aon seòrsa sùbailteachd a bhios ann do luchd-obrach eile a tha ga mhìneachadh anns a' Chlàr-obrach airson Atharrachaidh. Thathar cuideachd a' moladh gum bu chòir dhan t-seirbheis fhiaclaireachd 'slàinte phoblach' a bhith air a sholarachadh le luchd-obrach clionaigeach (fiaclairean agus PCRF) fa leth bho luchd-solarachaidh sheirbheisean bho bhunait bacaidh no lèigheil.
'S iad na ceistean a tha san earrainn seo:
- Dè na beachdan a tha ann air an raon roghainnean a thaobh lìbhrigidh agus maoineachaidh?
- A bheil ceistean sònraichte ann mu mhaoineachadh airson bunstructair san àm ri teachd, m.e. togalaichean?
- A bheil dòighean-obrach no nithean brosnachaidh eile ann air am b' fhiach beachdachadh?
- Dè an dòigh a b'fheàrr airson rèiteachaidhean ùra a chur an gnìomh?
|
6.4 Cosgaisean Euslainteach
Aig a' cheart àm, fon t-siostam chosgaisean euslainteach airson fiaclaireachd SNS, feumaidh daoine fa leth (nach eil airidh air leigheas an asgaidh no cuideachadh) 80% de chosgaisean an leigheis a phàigheadh, an urra ri ìre as àirde de 372. Seach gum faod mòran nithean leigheis eadar-dhealaichte a bhith an lùib cùrsa leigheis, agus gach aon dhiubh aig prìs eadar-dhealaichte, tha e gu math doirbh do dh' euslaintich an siostam a thuigsinn (agus toinnte do dh' fhiaclairean a thaobh smachd a chumail air). Tha cìsean cuingealaichte ann cuideachd do sheirbheisean a tha air an solarachadh tro na SCFan (agus seirbheis fiaclaireachd an ospadail).
Bhiodh atharrachaidhean san t-siostam pàighidh airson fhiaclairean cùmhnantail agus barrachd amalachaidh de SFC agus SCF a-steach gu seirbheisean cùraim bunaiteach a' ciallachadh gum biodh atharrachaidhean ann a thaobh an t-siostam chosgaisean euslainteach. Tha gach riaghaltas bho na tràth 50an air a' bheachd a ghabhail gum bu chòir do dh' euslaintich cur ri cosgaisean leigheis fhiaclan - mura bheil iad airidh air leigheas an asgaidh air shàilleabh aois, cor, no airson adhbharan teachd a-steach. Tha teachd a-steach bho fhiaclaireachd ann an Alba os cionn 50m aig a' cheart àm.
Tha buidhnean caitheimh agus proifeiseantaich air a bhith a' strì airson rèiteachaidhean cosgais nas sìmplidhe agus cho cothromach 's a ghabhas. Am measg nam molaidhean airson atharrachaidh tha:
- cìsean singilte (sìmplidh) airson obraichean sònraichte (sgrùdaidhean, lìonaidhean, às-tharraingean 's mar sin air adhart)
- atharrachadh air a' chuid às a' cheud (no an tuaiream) a thathar ag iarraidh ann an cosgaisean, a rèir dè an seòrsa seirbheis a thathar a' faighinn m.e. nas lugha airson cùram bacaidh riatanach agus barrachd airson drochaidean agus crùin
- atharrachadh air a' chuid às a' cheud (no an tuaiream) a thathar ag iarraidh ann an cosgaisean, a rèir cor an euslaintich m.e. aois, inbhe fhiaclan
- cosgais suidhichte airson gach tadhal aig an fhiaclair, agus dh' fhaodadh seo buntainn ri ùine san raon-dèiligidh
- rèiteachaidhean pàighidh fa leth airson ghoireasan fiaclaireachd (fiaclan fuadain, drochaidean, crùin) seach tron t-siostam chìsean
- seòrsa de shiostam àrachais (coltach ri cuid de phlanaichean fiaclaireachd prìobhaideach), le no as aonais sgrùdaidh air slàinte fhiaclan agus inbhe.
|
Chumadh an siostam a tha ann an-dràsta a' dol dhaibhsan a tha airidh air leigheas agus cuideachadh an asgaidh (ach le dìlseachd bhon Aonta Compàirteachaidh air ath-sgrùdaidhean fhiaclan an asgaidh).
'S iad na ceistean a tha san earrainn seo:
- Dè na prionnsabalan a bu chòir dhuinn a shireadh ann a bhith a' cur air dòigh siostam de chìsean euslainteach?
- Dè na beachdan a tha ann air na roghainnean a tha air an liostadh?
- A bheil dòighean-obrach eile ann air am b' fhiach dhuinn beachdachadh?
|
6.5 Builean Ionmhasail
Tha e cudromach aithneachadh gum faodadh buaidh a bhith aig atharrachaidhean ri leud sheirbheisean fiaclaireachd SNS mar a tha iad aig a' cheart àm air na tha a dhìth de mhaoineachadh, bhon Riaghaltas agus bho euslaintich. Dh' fheumar beachdachadh air teachd a-mach sam bith eile bhon Riaghaltas (seach na tha air a phlanadh mar-thà), mu choinneamh phrìomhachasan eile Roinn na Slàinte.
6.6 Reachdas
'S dòcha gum bi feum air reachdas bunaiteach ri linn atharrachaidhean air nàdar sheirbheisean fiaclaireachd SNS, dleastanas Bùird SNS, rèiteachaidhean maoineachaidh, agus ri rèiteachaidhean chìsean euslainteach. Cuidichidh toradh a' chomhairleachaidh gus fiosrachadh agus cumadh a thoirt do dh' atharrachaidhean sam bith air am bi feum.
7. COMHAIRLEACHADH
7.1 Thathar a' cur a-mach a' phàipeir seo mar phrìomh eileamaid ann an comhairleachadh mu chùram bunaiteach fhiaclan ann an Alba san àm ri teachd. Thathar cuideachd an dùil gun tèidear an gnìomh le riochdairean na feadhainn a bhios a' planadh, a' solarachadh agus a' cleachdadh nan seirbheisean sin. Nìthear seo tro dheasbaireachd, le coinneamhan sònraichte a bhios air an cur air dòigh air feadh na h-Alba.
7.2 Faodar beachdan mun phàipear seo a chur, ro Dhihaoine 5 Màrt, gu:
Eric Gray
Roinn a' Chùraim Bhunaitich
SEHD
Taigh Naoimh Anndra
Rathad Regent
DÙN ÈIDEANN
EH1 3DG
Post-d: eric.gray@scotland.gsi.gov.uk