RO-RÀDH LE MINISTEAR NA H-ÀRAINNEACHD AGUS AN LEASACHAIDH DHÙTHCHAIL
This document is also available in pdf format (39k)
Thòisich ar siostam croitearachd mar fhreagairt eachdraidheil do chuideaman eaconamach agus shòisealta agus tha e air dualchasan agus dòigh-beatha shonraichte a ghlèidheadh. An diugh, tha croitearachd fhathast na bhunait airson sluagh agus coimhearsnachdan anns na sgìrean as iomallaiche air a' Ghàidhealtachd 's nan Eilean a ghlèidheadh.
Tha croitearachd air a chumail ri chèile le coimpàirteachas eadar daoine agus riaghaltas. Tha e mar dhleasdanas air daoine a bhith a' fuireach agus ag obair anns na sgìrean as iomallaiche, teaghlaichean a thogail agus dòigh-beatha a leantainn a tha, ged nach eil goireasan còmhdhail is eile ri fhaighinn agus cothroman a bhiodh sluagh bhailtean na h-Alba a' dùileachadh, is dòcha gum bheil sin nas beartaiche anns na ceanglaichean ri fearann, nàdur agus eachdraidh.
Is e taobh an Riaghaltais anns a choimpàirteachas seo a bhith a' cumail a' leasachadh agus a' maoineachadh am frèam laghail a ni cinnteach gum bi tèarainnteachd ann do dhaoine fa leth agus don choimhearsnachd. Tha an ìre solarachadh thabhartasan thairis air iomadach bliadhna a' sealltainn cho taiceil sa tha sinn agus aig an àm seo, troimh bhith a' foillseachadh goireasan Riaghaltas na h-Alba gus atharraichean deatamach agus feumail air am frèam reachdail sin a chur an gnìomh.
Is e ar amas laghan chroitearachd a leasachadh chan ann buileach mar mheadhan eachdraidheil airson dìon, ach gu h-àraidh mar mheadhan air leasachadh gnìomhach agus adhartach gus dèanamh cinnteach gun cum croitearachd, croitearan agus coimhearsnachdan croitearachd a' dol agus a' soirbheachadh. Mar sin, tha sinn ag aithneachadh gum bheil an comas aig croitearachd sluagh ath-thogail, agus le teigneòlas an latha 'n diugh agus cothroman ùra, tha fearann croit a' toirt seachad comasan nas motha mar phàirt den bhunait air am feum an ath-bheothachadh sin a bhith an urra. Mar sin, san ath sheisean, tha dùil againn ath-leasachaidhean air laghan roitearachd a chur air adhart. Tha am fiosrachadh mu dheidhinn anns a' Phàipear Geal seo.
Tha sinn a' moladh cumhachdan ùra gus dèanamh comasach croitearachd a leudachadh agus cumhachdan a thoirt do choimhearsnachdan croitearachd. Tha sinn airson dèanamh comasach croitean ùra a chruthachadh gus nach leig a leas an t-sruth a bhith a'dol aon taobh a-mhàin, air falbh bho chroiteareachd. Agus, san aon dòigh, that sinn airson dèanamh comasach gun tèid riaghladh rianachd chroitearachd a chur le iarrtas gu buidhnean coimhearsnachd chroitearachd iomchaidh.
Tha dùil againn bonn-stèidh Coimisean nan Croitearan ùrachadh, gus coinneachadh ri inbhean cunntasachd an latha 'n diugh. Chan atharraich seo adhbhar no gnìomhachd a' Choimisean, ach bi e na bhunait air leth feumail fa chomhair leudachadh sam bith air uallaichean a' Choimisean san àm ri teachd agus bheir e comas don Choimisean uallach a ghabhail gus taic airgead do chroitearachd a choileanadh.
Tha dùil againn gun tèid cùmhnantan gabhaltais ùrachadh agus smachd air gabhaltas chroitearachd a shìmpleachadh agus aig an aon àm a bhith a' glèidheadh tèarainteachd riatanach. Tha dùil againn cuideachd mòran atharrachadh a dhèanamh air conaltradh agus rèiteachadh tagraidhean a leudachadh gu mòr, gus am bi sin làn aontach le Cùmhnant Eòrpach Còirichean a' Chinne Daon.
Leis an sin, is e m'amas laghan a chur an gnìomh gus àite agus soirbheachadh chroitearan agus coimhearsnachdan croitearachd anns a' mhìle bliadhna ùr seo, a dhaingneachadh agus adhartachadh.

Ross Finnie, BPA
1 RO-RADH AGUS CÙL-IONAD
1.1 Tha Riaghaltas na h-Alba air a dhèanamh soilleir gum bheil leasachadh fearann mar phàirt riatanach de na planaichean farsaing aca airson Alba an latha'n diugh.
1.2 Ann a bhith ag ullachadh fa chomhair Pàrlamaid na h-Alba, chaidh Buidheann Polasaidh Leasachadh an Fhearainn, leis a' Mhorair Sewell, aig an àm sin Ministear an Àiteachais, na h-Àrainneachd is an Iasgach, mar neach-gairm, a stèidheachadh san Dàmhair 1997 leis an raon-ùghdarras:
"aithne agus measadh a dhèanamh air molaidhean airson leasachadh an fhearainn air dùthaich na h-Alba. A' gabhail suim de bhuaidh cosgais, reachdail agus rianachd agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air leasachadh shòisealta agus eaconamach coimhearsnachdan dùthchail agus air an dualchas nàdurra."
1.3 Anns a' Ghearan 1998 chur a' Bhuidheann a-mach a chiad pàipear conaltraidh mu bhith ag aithneachadh na duilgheadasan agus cothroman ris am bu chòir leasachadh an fhearainn a bhith a' sealltainn, agus thàinig 364 freagairtean air ais. An uairsin, san t-Sultain 1998, chur a' Bhuidheann an dara pàipear conaltraidh a-mach mu bhith ag aithneachadh na fuasglaidhean, a' measadh roghainnean gnìomh a dh'fhaodadh a bhith ann ann an suidheachadh na b'urrainn a choileanadh leis an atharrachadh ri mholadh, a' bhuaidh reachdail, a' bhuaidh rianachd, agus a' chosgais; chaidh 846 freagairtean fhaighinn fa chomhair an dara ìre conaltraidh seo. Tha co-dhùnaidhean deireannach na Buidhne, a chaidh fhoillseachadh san Fhaoilleach 1999, a' lìbhrigeadh clàr-gnothaich farsaing airson obair-gnìomh.
1.4 Tha an clàr-gnothaich seo, air a lìbhrigeadh ann am Plana Gnìomh Leasachadh an Fhearainn, a' còmhdach prògram-gnìomh ceangailte agus reachdail. Tha laghan gus laghan croitearachd ùrachadh mar phàirt riatanach den phrògram sin.
1.5 Is e na coig prìomh amasan airson leasachadh an fhearainn a chaidh aithneachadh le Buidheann Polasaidh Leasachadh an Fhearainn:
Barrachd choimhearsnachdan croitearachd seasmhachd.
Barrachd oidhirp ionadail ann, agus cunntasachd fa chomhair, rianachd chroitearachd.
Laghan chroitearachd agus rianachd gu mòr nas sìmplidh.
Barrachd (no co-dhiù gun a bhith nas lugha) de chroitearan gnìomhach.
A bhith a' gabhail pàirt ann an raon nas fharsainge de ghnìomhachd fearann agus eaconamach eile a' bharrachd air àiteachas.
1.6 An dèidh molaidhean deireannach Buidheann Polasaidh Leasachadh an Fhearainn fhoillseachadh san Fhaoilleach 1999, agus an dèidh do Riaghaltas na h-Alba gabhail riutha, tha obair air a dhol air adhart gus a bhith a' rannsachadh an làn bhuaidh a bhiodh aig gach moladh. Tha cuideachadh Buidheann Leasachaidh Laghan Chroitearachd a chaidh a stèidheachadh le Coimisean nan Croitearan air a bhith air leth feumail ann a bhith a' dèanamh obair bunaiteach farsaing agus riatanach. Tha an làn bhallrachd air an liostadh air Pàipear-taic A. Tha conaltradh, gach cuid troimh phàipearan sgrìobhte theicneòlach conaltraidh agus cho-labhairtean, le buill de Phanail Conaltraidh Chroitearachd air a bhith cuideachd air leth feumail: tha buill a' Phanail a' toirt a-steach daoine fa-leth agus buidhnean a tha air tabhann comhairle shonraichte air cuspairean croitearachd. Tha an làn bhallrachd air an liostadh air Pàipear-taic B. Tha sinn air leth taingeil dhaibh uile airson an taic.
1.7 Bheir Bile Leasachadh Laghan Chroitearachd a thathas a' moladh ùrachadh, sìmplidheachd, agus leudachadh air laghan chroitearachd mar a tha iad an dràsda. Is e seo a ni na prìomh atharraichean a thathas a' moladh:
Bonn-steidh atharraichte do Choimisean nan Croitearan a chruthachadh.
Cead a thoirt airson croitean ùra a chruthachadh.
Cothrom a thoirt do shealbhadairean-glaicte na croitean aca a leigeil air màl gun a bhith a' cruthachadh gabhaltas croit.
Ùrachadh air cùmhnantan gabhaltais gus dèanamh comasach gum bi raon nas fharsuinge air feum de dh'fhearann croit.
Cothrom barrachd feum a dhèanamh de dh'ionaltradh coitcheann.
Mìneachadh air còirichean chroitearan mu bhith ag àiteachadh agus a' dèanamh feum de chraobhan.
Cur as den riaghailt gum feum tabhartasan do chroitearan a bhith ceangailte ri toradh àiteachais.
Cead a thoirt do dh'uallach riaghlaidh chroitearachd a chur sios gu buidhnean ionadail.
Diofar sheallaidhean air riaghladh ann an diofar sgìrean a cheadachadh.
Sìmplidheachd agus lughdachadh air rianachd ann an riaghladh chroitearachd.
Gum bi e comasach ainmeachadh air fearann chroitean a thoirt air ais.
Lughdachadh air buaidh a tha aig uachdarain no-làthaireil agus mì-thaiceil.
Gum biodh fiosrachadh mu chroitean nas fheàrr agus nas fhurasda fhaighinn.
Leudachadh air còirichean ùra do chompanaich chroitearan nach eil pòsda agus ath-mhìneachadh air teaghlach chroitear airson adhbharan còir-sheilbh agus sònrachadh.
Ùrachadh a thoirt air rèiteachadh conaltraidh agus tagraidh gus dèanamh cinnteach gum bi iad làn aontach le Cùmhnant Eòrpach Còirichean a' Chinne Daon, agus gu sonraichte, solarachadh dreuchd adhartach do Chùirt an Fhearainn.
Leudachadh air còir tagradh a chur a-steach an aghaidh co-dhùnaidhean gus dìon a thoirt do gach taobh a tha fo bhuaidh cho-dhùnaidhean riaghlaidh.
1.8 Tha barrachd fiosrachadh mu na molaidhean reachdail sin air a lìbhrigeadh anns na Caibideilean a leanas.
Cùl-ionad
RO-RADH AGUS CÙL-IONAD
Leasachadh polasaidh
Bile Leasachaidh Laghan Chroitearachd
11 GEÀRR-CHUNNTAS DE NA MOLAIDHEAN
PROPOSALS FOR LEGISLATION
Seo geàrr-chunntas de na prìomh sheallaidhean de na laghan a thathas a' moladh: *
Bu chòir don Choimisean a bhith na làn NDPB. (Caibideil 2)
Ma gheibhear tagradh bho uachdaran, socraichidh Coimisean nan Croitearan am bì no nach bì croit ùr air a chlàradh air Clàr nan Croitean. (Paragraf 3.5)
Bu chòir ìre màl croit a tha air a leudachadh a bhith air aontachadh, anns a chiad àite, eadar màladair croit agus an t-uachdaran. (Paragraf 3.6)
Bu chòir ùinean conaltraidh ùra a thoirt a-steach. Bu chòir gum fèumadh "Ath-eagrachaidh no-fhoirmeil" cead fhaighinn bho Choimisean nan Croitearan. (Paragrafan 3.7 - 3.10)
Bu chòir farsaingeachd sgeamachan tabhartais a leudachadh. (Paragrafan 3.11 - 3.17)
Bu chòir cothrom a bhith aig sealbhadairean-glaicte na croitean aca a' leigeil air màl fad deich bliadhna. ( Paragrafan 4.1- 4.2)
Bu chòir do phrìomh fheuman fearann chroitearachd a leudachadh taobh a-muigh àiteachas. (Paragrafan 4.3 - 4.7)
Thèid uallach airson na cosgaisean laghail a tha an luib croit a cheannach, a thoirt taobh ri taobh ris an rèiteachadh a tha ann airson taigh chroit agus fearann gàraidh a cheannach. Cha leig còir ceannach a bhith taobh a-staigh rèiteachadh airson croitean ùra. (Paragrafan 4.8 - 4.9)
Far am bheil sgeama coilltearachd chroitear air a chruthachadh troimh phlanntachadh no ath-ghinealachadh, bu chòir còir thoirmisgeach a bhith aig na croitearan sin gus na toraidhean fiodha a chleachdadh agus a reic; bi còir aig croitearan fèidh a mharbhadh far am bheil iad a' dèanamh milleadh air na coilltean. (Caibideil 5)
Bu chòir farsaingeachd de chleachdadh ionaltradh coitcheann a dhèanamh comasach. Am bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air "roinneadh"? (Caibideil 6)
Bu chòir cothrom a bhith aig buidhnean ionadail coimhearsnachd croitearachd riaghladh chroitean a choileanadh nan coimhearsnachdan agus polasaidh riaghlaidh a stèidheachadh taobh a-staigh chrìochan reachdail. (Caibideil 7)
Bu chòir do shònrachadh teaghlach a chuingealachadh don fheadhainn as fhaisg ann an càirdeas; cha leig Coimisean nan Croitearan a leas beachdachadh air a h-uile sònrachadh taobh a-muigh teaghlach. (Paragrafan 8.7 - 8.11)
Cha leig Coimisean nan Croitearan a leas beachdachadh air a h-uile tagradh airson ath-ghabhaltas. (Paragrafan 8.12 - 8.15)
Faodar tagraidhean a chur a-steach le adhbharan shòisealta agus eaconamach; cha leig Coimisean nan Croitearan a leas beachdachadh air a h-uile tagradh. (Paragrafan 8.16 - 8.20)
Bu chòir do shònrachadh teaghlach croitear atharrachadh. Bu chòir gum biodh còirichean còir-sheilbh air croit aig companach. Dh'fheumadh Coimisean nan Croitearan beachdachadh air tagradh an dèidh iarrtas. (Paragrafan 8.21 - 8.32)
Bu chòir comas a bhith aig Coimisean nan Croitearan fianais a thoirt seachad do Chùirt an Fhearainn mu thagraidhean ath-thòiseachadh; bu chòir do Chùirt an Fhearainn ath-thòiseachadh gu feum chroitearachd òrdachadh far am biodh sin iomchaidh. (Paragrafan 8.33 - 8.35)
Bu chòir gun sealladh gach tagradh adhbhar cothromach; dh'fhaodadh fearann air a dhì-chroiteadh a thionndaidh air ais gu fearann chroit far am bheil sin iomchaidh. (Paragrafan 8.36 - 8.38)
Dh'fhaodadh uachdarain agus croitearan eile agus roinn-sheilbhichean tagraidhean aontachadh. Bu chòir do Choimisean nan Croitearan tighinn gu co-dhùnadh mu thagraidhean far am bheileas a' cur nan aghaidh. (Paragrafan 8.39 - 8.41)
Bu chòir don chlàr a bhith fosgailte don phobaill. Bu chòir gum biodh cosgaisean a' Chlàr a' laighe air luchd-cleachdaidh. Am bu chòir don chlàr a bhith stèidhichte air mapaichean? (Caibideil 9)
Bu chòir gum biodh siostam ath-thagraidh ciallach agus co-sheasmhach ann an aghaidh co-dhùnaidhean riaghlaidh. (Caibideil 10)
12 NA H-ATH CHEUMANNAN
12.1 Chuireadh sinn fàilte air beachdan mu na molaidhean reachdail sin. Bu chòir an cur a-steach roimh 27 Sultain 2002 gu
Pòl Cowie Roinn Àrainneachd agus Gnothaichean Dùthchail Riaghaltas na h-Alba Roinn Chroitearachd Rùm 106 Taigh Pentland 47 Lanaig Robb DÙN ÈIDEANN EH14 1TY Fòn 0131-244 6213 Facs 0131-244 6259 Post Dealan paul.cowie@scotland.gsi.gov.uk. |
12.2 Mar as àbhaist, bi leth-bhreacan de fhreagairtean a gheibh sinn ri fhaighinn leis a' phobaill le iarrtas, mur a dean luchd-sgrìobhaidh soilleir gum bheil am freagairt aca no pàirt dheth, dìomhair.
12.3 Thèid beachdachadh gu faicilleach air a h-uile beachdan a gheibhear air na molaidhean sin, agus cuidichidh seo Riaghaltas na h-Alba dreachd de mholaidhean reachdail ullachadh. Tha dùil gun tèid dreachd de na molaidhean reachdail sin fhoillseachadh tràth ann an 2003.
12.4 Bi cothrom eile ri fhaighinn airson beachdachadh air briathran dreachd de mholaidhean reachdail mus bi an cumadh deireannach air a thoirt a-steach ann am Pàrlamaid na h-Alba.