
Listen
Turas a’ Phrìomh Mhinisteir gu Sabhal Mòr Ostaig
27/08/2010
Air turas an-diugh gu Sabhal Mòr Ostaig, dh'fhoillsich Ailig Salmond gun tèid airgead a thoirt do thrèanadh dhaoine a tha an dòchas a bhith nam filmeadairean.
Dhearbh Mgr Salmond gun tèid £10,000 bho Riaghaltas na h-Alba agus £15,000 bho Bhòrd na Gàidhlig a thoirt do thrèanadh sgilean nan daoine a chuireas film a-steach gu FilmG, co-fharpais filmichean goirid na Gàidhlig. Bha e a' tadhal air Cànan, companaidh chruthachail ioma-mheadhain a tha a' cur nan duaisean air dòigh bhon Ionad Fàs aig Sabhal Mòr.
English translation
Choinnich am Prìomh Mhinistear cuideachd ri Boyd Robastan, Prionnsapal an t-Sabhail, agus ri ceannardan obrach eile na colaiste, far an robhar a' bruidhinn air iomadh cuspair.
Thuirt e:
"Tha mi toilichte tadhal air Sabhal Mòr Ostaig a-rithist gus coinneachadh ri na ceannardan stiùiridh agus cluinntinn mun deagh bhuaidh agus na cothroman a tha ag èirigh à co-fharpais FilmG.
"Tha an Riaghaltas rùnaichte a thaobh a bhith ag àrdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig, a' meudachadh foghlam na Gàidhlig agus a' leasachadh inbhe a' chànain air feadh Alba, na chùl-taic do choimhearsnachdan Gàidhlig. Tha Sabhal Mòr Ostaig riatanach airson 's gun coilean sinn ar cuid amasan oir, tha e a' brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig, a' cur gu mòr ri foghlam adhartach is àrd-ìre ann an Alba, ag ath-bheothachadh eaconamaidh dùthchail an Eilein Sgitheanaich agus a' cruthachadh cheanglaichean cudromach eadar-nàiseanta.
"Tha Riaghaltas na h-Alba fìor thaiceil ri MG ALBA cuideachd. 'S e iomairt iongantach a th' ann an Duaisean FilmG a tha air iomadh neach ealanta ann an Alba a bhrosnachadh a-cheana sa chiad dà bhliadhna bhon a chuireadh air cois i. Tha an fharpais a' toirt chothroman inntinneach do dh'inntrigich an ciad chorra cheum a ghabhail a dh'ionnsaigh dreuchd ann an gnìomhachas nam filmichean. Tha mi ro thoilichte foillseachadh gun tèid £25,000 a thoirt leis an Riaghaltas agus le Bòrd na Gàidhlig mar thaic do thrèanadh nan daoine a bhios a' gabhail pàirt ann an Duaisean FilmG na bliadhna sa."
Chuireadh FilmG air bhog le MG ALBA ann an 2008 gus tàlant ùr a lorg 's a leasachadh don t-sianal Ghàidhlig, BBC ALBA, agus gus roinn mhòr de dh'fhiosrachadh ùr Gàidhlig a thabhann air an eadar-lìn. Fhuair an fharpais, a tha a-nis san treas bhliadhna aice, còrr is 100 film Gàidhlig sa chiad dà bhliadhna. Chithear iad seo uile air-loidhne. Tha an fharpais a' gabhail a-steach trèanadh ann an riochdachadh, sgrìobhadh sgriobta, stiùireadh, camara, fuaim, deasachadh agus Gàidhlig.
Thuirt Artair Cormaig, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig:
"Tha Bòrd na Gàidhlig ro thoilichte taic a thoirt do FilmG aon uair eile. Tha Plana Gnìomh a' Bhùird, Ginealach Ùr na Gàidhlig, ag amas air àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh le bhith a' toirt chothroman do dhaoine òga, don fheadhainn ann am foghlam Gàidhlig gu h-àraidh, air a' Ghàidhlig a chleachdadh ann an dòigh chruthachail, a' togail deagh cheanglaichean smuain ris a' chànan taobh a-muigh an t-seòmair teagaisg. 'S e a bhith a' gabhail pàirt ann am FilmG aon dòigh air am faod seo a choileanadh, agus tha sinn a' guidhe soirbheachas buan leis."
Thuirt Donella Pheutan, Ceannard Cànain:
"Chaidh 108 filmichean Gàidhlig a dhèanamh tro iomairt FilmG agus fhuair còrr is 300 neach trèanadh gu ruige seo. Bheir am foillseachadh an-diugh cead dhuinn clàr trèanaidh nan inbheach a leudachadh agus taic a chur ri còrr is 20 sgoil air feadh Alba. Tha mathas nam filmichean a fhuair FilmG a' sealltainn gur e airgead air a dheagh chosg a th' ann."
Thug Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA beachd cuideachd:
"Tha FilmG air raon ùr de thàlant cruthachail fhuasgladh am measg luchd-labhairt Gàidhlig den h-uile aois. Tha sinn ro thoilichte gu bheil Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig a' cur taic ris a' phròiseict, agus tha sinn a' coimhead air adhart ri toradh ùr filmichean na bliadhna sa fhaicinn san Dùbhlachd nuair a thèid an cur air-loidhne."
_________________________
English translation
First Minister Alex Salmond announced funding to help train aspiring film-makers today during a visit to Sabhal Mòr Ostaig on the Isle of Skye.
Mr Salmond confirmed £10,000 Scottish Government funding and £15,000 from Bòrd na Gàidhlig to support skills training for entrants to the Gaelic language short-film competition, FilmG. He was visiting Cànan, the creative multimedia company which is delivering the awards and is based in the Fàs Centre at the Gaelic college.
The First Minister also had a meeting with Sabhal Mòr Ostaig Principal Boyd Robertson and other senior college staff, where they discussed a range of issues.
He said:
"I'm pleased to be at Sabhal Mòr Ostaig again to meet the college's senior management and delighted to hear of the positive impact FilmG is having and the opportunities that the competition is creating.
"The Scottish Government is committed to increasing the number of Gaelic speakers, enhancing the place of Gaelic education, improving the status of the language across Scotland and supporting Gaelic-speaking communities. Sabhal Mòr Ostaig plays a key role in helping us meet our objectives - promoting Gaelic language and culture, making a distinctive contribution to further and higher education in Scotland, revitalising the rural economy of Skye and forming important international links.
"The Scottish Government is also a strong supporter of MG ALBA. The FilmG Awards is a tremendous initiative that in its first two years has already inspired many talented and creative people in Scotland. The competition provides exciting opportunities for entrants to take their first few steps towards a career in the screen industries. I'm delighted to announce £25,000 funding from the Scottish Government and Bòrd na Gàidhlig to support the training of those taking part in this year's FilmG Awards."
FilmG was launched by MG ALBA in 2008 to uncover new talent for development on the Gaelic digital channel, BBC ALBA and to produce significant new Gaelic content for the web. The competition, now in its third year, has attracted more than 100 Gaelic films in its first two years, all of which are available for viewing online. The competition includes training in production, scriptwriting, directing, camera, sound, editing and Gaelic.
Arthur Cormack, Cathraiche of Bòrd na Gàidhlig, said:
"Bòrd na Gàidhlig is delighted to support FilmG once more. The Bòrd's Action Plan to increase numbers of Gaelic speakers, Ginealach Ùr na Gàidhlig, calls for opportunities for young people, particularly those in Gaelic medium education, to use Gaelic in a creative way and build up positive associations with the language outside the classroom. Participation in FilmG is one way in which this can be realised and we wish it continued success."
Donella Beaton, Chief Executive of Cànan, said: "108 Gaelic films have been made through FilmG and over 300 people have participated in training so far. Today's announcement will allow us to expand our adult training programme and support more than 20 schools throughout Scotland. The quality of the films received show that the money is well spent."
Alasdair Morrison, Chairman of MG ALBA, added:
"FilmG has unlocked a whole new area of creative talent among Gaelic speakers of all ages. We are delighted that the project has the support of the Scottish Government and Bòrd na Gàidhlig and we look forward to seeing this year's crop of new films in December when they come available online."