News Release

Listen

Bòrd na Gàidhlig

07/02/2008

BUILL AIR AN ATH-SHUIDHEACHADH AIR BÒRD NA GÀIDHLIG - English version

Tha Linda Fabiani, Ministear airson na h-Eòrpa, a' Chultair agus Chùisean Taoibh a-muigh air ainmeachadh gu bheil Mgr Artair MacCarmaig agus Dr Raibeart Dunbar air an ath-shuidheachadh air Bòrd na Gàidhlig.

Tha Artair MacCarmaig na sheinneadair Gàidhlig, agus na Cheannard air Fèisean nan Gàidheal. Tha e ag obair ann an ceòl, gnìomhachas agus sgoiltean agus tha e air iomadh iomairt soirbheachail a thoirt air adhart san dreuchd seo. Tha e na bhall luachmhor de Bhòrd na Gàidhlig agus a Chomataidh Sgrùdaidh. Tha Mgr MacCarmaig na stiùiriche de Mhacmeanmna, an companaidh clàraidh ceòl Gàidhlig agus de Fhèis Blas. Bha e roimhe na bhall de Bhòrd Ealain na h-Alba, Ionad Ealain An Tuireann, HI~Arts Earranta agus Talla Eden Court. Nuair a chaidh Aros Earranta a stèidheachadh bha e na stiùiriche agus na Chathraiche.

Tha Dr Raibeart Dunbar na Leughadair ann an Lagh agus Ceiltis an Oilthigh Obar Dheathain agus tha an t-eòlas aige ann an lagh agus dealbhadh cànain air a bhith air leth feumail don Bhòrd. Tha Dr Dunbar na eòlaiche air Comhairle na h-Eòrpa agus na Àrd-phàirtiche Rannsachaidh Neo-chòmhnaidheach den Ionad Eòrpach airson Mion-chùisean ann am Flensburg, sa Ghearmailt. Tha Dr Dunbar air mòran a sgrìobhadh mu chùisean mhion-chànan, agus tha ionadan, riaghaltasan agus NGOan eadar-nàiseanta gu cunbhalach ag iarraidh comhairle air mu reachdas agus poileasaidh cànain. Rugadh e an Canada, tha e fileanta sa Ghàidhlig, agus tha e air a bhith an sàs ann an cùisean Gàidhlig an Alba airson iomadh bliadhna.

Bidh iad air an ath-shuidheachadh airson 3 bliadhna bho 13 Gearran 2008 gu 12 Gearran 2011.

'S ann pàirt-ùine a tha na dreuchdan le tuarastal de £6,200 gach bliadhna airson ùine obrach de 3 latha gach mìos agus a bhith an làthair aig coinneamhan a' Bhùird a h-uile dà mhìos. 'S dòcha gun tèid iarraidh air buill a' Bhùird coinneamhan agus tachartasan eile a fhrithealadh, a' gabhail a-steach riochdachadh ùidhean a' Bhùird ann an Alba, an RA agus thall thairis. Chan eil Mgr MacCarmaig agus Dr Dunbar ann an dreuchd Ministreil sam bith eile an Alba.

'S e buidheann reachdail a tha ann am Bòrd na Gàidhlig a chaidh a chruthachadh le Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus tha e ag adhartachadh cànan agus cultar na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi iad air an cumail beò an Alba. Tha am Bòrd air a chur an dreuchd le Ministearan na h-Alba, agus cunntachail dhaibh. Tha e a' toirt ceannardas, treòrachadh agus stiùireadh don bhuidhinn phoblaich agus ag adhartachadh a phrìomh luachan, phoileasaidhean agus amasan.

Bha an dreuchd poblach Ministreil seo air a dhèanamh ann an co-rèir ri Còd Cleachdaidh a' Choimiseanair airson Dreuchdan Poblach an Alba.

Tha a h-uile dreuchd a rèir airidheachd agus chan eil pàirt sam bith aig obair phoileataigeach anns an taghadh. Ach, ann an co-rèir ri ciad mholaidhean Nolan, feumar obair phoileataigeach luchd-dreuchd (ma tha gin rim foillseachadh) a chur air beulaibh a' mhòr-shluaigh. Cha do dh'fhoillsich Mgr MacCarmaig agus Dr Dunbar obair phoileataigeach sam bith taobh a-staigh nan còig bliadhna a dh'fhalbh.

English version

Minister for Europe, External Affairs and Culture Linda Fabiani, has announced the reappointments of Mr Arthur Cormack and Dr Robert Dunbar to Bòrd na Gàidhlig.

Arthur Cormack is a Gaelic singer, and Chief Executive of Fèisean nan Gàidheal. He is active in music, business and schools and has taken forward many successful initiatives in this role. He is a valuable member of Bòrd na Gàidhlig and its Audit Committee. Mr Cormack is a director of the Gaelic music recording company Macmeanmna and of the Blas Festival. He has previously been a board member of the Scottish Arts Council, An Tuireann Arts Centre, HI~Arts Ltd and Eden Court Theatre. He was a founding director and Chairman of Aros Ltd.

Dr Robert Dunbar is a Reader in Law and Celtic at the University of Aberdeen whose expertise in law and in language planning and policy has been invaluable to the Bòrd. Dr Dunbar is an expert of the Council of Europe and a Senior Non-resident Research Associate of the European Centre for Minority Issues in Flensburg, Germany. Dr Dunbar has published widely on minority language issues, and is regularly called upon by international institutions, governments and NGOs to advise on language legislation and policy. A native of Canada, he is a fluent Gaelic speaker, and has been actively involved in Gaelic matters in Scotland for many years.

These reappointments will be for a period of three years and will run from February 13, 2008 to February 12, 2011.

The posts are part-time and attract a remuneration of £6,200 per annum for a time commitment of 3 days per month and attending Board meetings every two months. Board members may also be required to attend additional meetings and events, including representation of Bòrd interests in Scotland, the UK and abroad. Mr Cormack and Dr Dunbar hold no other Scottish Ministerial appointment.

Bòrd na Gàidhlig is a statutory body created by the Gaelic Language (Scotland) Act 2005 and promotes the Gaelic language and culture to ensure its sustainable and positive future in Scotland. The Board is appointed by, and accountable to, Scottish Ministers. It provides leadership, direction and guidance for the public body and promotes its core values, policies and objectives.

This Ministerial public appointment was made in accordance with the Commissioner for Public Appointments in Scotland's Code of Practice.

All appointments are made on merit and political activity plays no part in the selection process. However, in accordance with the original Nolan recommendations, there is a requirement for appointees' political activity (if there is any to be declared) to be made public. Mr Cormack and Dr Dunbar declared no political activities within the last five years.

Page updated: Thursday, February 07, 2008