News Release

Listen

Bòrd na Gàidhlig

05/09/2007

Bha dealas Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a chumail beò san àm ri teachd air a dhaingneachadh nuair a choinnich am Ministear airson na h-Eòrpa, Cultair agus Chùisean Taoibh a-muigh ri Cathraiche Bòrd na Gàidhlig agus an Ceannard ùr.

A' bruidhinn às dèidh na coinneimh ri Mata MacÌomhair agus Coinneach Moireach, air an dàrna là aige mar Cheannard BnG, thuirt Ms Fabiani:

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur roimhe a' Ghàidhlig a chumail beò an Alba. Bidh am prògram Gàidhlig againn àrd-mhiannach agus dùbhlanach.

"Tha pàirt cudromach aig Bòrd na Gàidhlig ann an lìbhrigeadh ar prìomhachasan airson Gàidhlig an Alba agus bha coinneamh an là an-diugh na chothrom tràth airson beachdachadh air na prìomhachasan sin agus dàimhean obrach riatanach a chruthachadh.

"Tha e fìor chudromach gun cùm Bòrd na Gàidhlig a' dèanamh adhartas le na prìomh phròiseactan ann an Plana Nàiseanta na Gàidhlig a bheir air adhart ar prìomhachasan airson na Gàidhlig.

"Tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' dèanamh obair fheumail còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus a' guidhe gach soirbheachadh do Choinneach Moireach na dhreuchd ùr."

Thuirt Coinneach Moireach, Ceannard Bòrd na Gàidhlig:

An dèidh coinneachadh ri Ministear na Gàidhlig Linda Fabiani, thuirt Ceannard ùr Bhòrd na Gàidhlig Coinneach Moireach:

"Bha mi toilichte cothrom fhaighinn coinneachadh ris a' Mhinistear cho luath, agus ri bruidhinn rithe mu dheidhinn nam prìomhachasan aig Riaghaltas na h-Alba airson na Gàidhlig.

"Mar an ceudna b' e cothrom a bha seo dhan Bhòrd a chur an cèill na tha e ag iarraidh dhan chànan 's a chultar agus mar a tha e an dùil an toirt gu buil.

"B' e còmhradh air leth feumail, cuideachail a bh' ann, agus tha mi cinnteach gu bheil dealas aig a' Mhinistear airson fàs agus leasachadh na Gàidhlig. Tha sinn ag iarraidh togail air an dàimh mhath a rinn sinn ri chèile an-diugh.

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri obair còmhla rithe às leth na Gàidhlig agus ri fàilte a chur oirre aig oifis a' Bhùird ann an ùine nach bi ro fhada."

Bha Bòrd na Gàidhlig air a stèidheachadh mar chompanaidh agus mar bhuidheann le maoineachadh poblach san Fhaoilleach 2003. Às dèidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a chur an gnìomh chaidh ath-shuidheachadh mar bhuidheann reachdail. Thòisich cumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air 13mh Gearran 2006. Stèidhich Achd 2005 Bòrd na Gàidhlig le diofar ghnìomhan airson cleachdadh agus tuigse na Gàidhlig adhartachadh.

Fo Achd 2005 feumaidh am Bòrd Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Stiùireadh do Bhuidhnean Poblach air Planadh Cànain a dheasachadh, agus tha e a' toirt cumhachd don Bhòrd fiosan a chur a-mach gu buidhnean taghte ag iarraidh orra Planaichean Gàidhlig a deasachadh. Tha Bòrd na Gàidhlig air fios a chur gu Riaghaltas na h-Alba airson Plana Gàidhlig a dheasachadh.

ENGLISH VERSION

The Scottish Government's commitment to creating a sustainable future for Gaelic was underlined when the Minister for Europe, External Affairs and Culture met with the Chair and new Chief Executive of Bòrd na Gàidhlig.

Speaking after the meeting with Matthew MacIver and Kenneth Murray, in his second day as the CE of BnG, Ms Fabiani said:

"The Scottish Government is determined to create a sustainable future for Gaelic in Scotland. Our programme for Gaelic will be ambitious and challenging.

"Bòrd na Gàidhlig has a key role in delivering our priorities for Gaelic in Scotland and today's meeting gave us an early opportunity to discuss these and cultivate essential close working relations.

"It is very important that Bòrd na Gàidhlig continues to make progress with the key projects in the National Plan for Gaelic which will take forward our priorities for Gaelic.

"I look forward to working positively with Bòrd na Gàidhlig and wish Kenneth Murray every success in his new role."

Chief Executive of Bòrd na Gàidhlig, Kenneth Murray said:

"I was grateful for an early opportunity to meet the Minister and discuss the Scottish Government's priorities for Gaelic.

"The meeting was also an opportunity for the Bòrd to state its ambitions for the language and culture and how it aims to achieve those.

"This was a hugely useful and constructive discussion and I am certain that the Minister is committed to helping grow and develop Gaelic. We are keen to build on the positive relationship we established today.

"I look forward to working with her on behalf of Gaelic and also welcoming her to the Bòrd's offices in Inverness in the near future."

Bòrd na Gàidhlig was established as a company and public funded body in January 2003. Following the passing of the Gaelic Language (Scotland) Act 2005 it was re-established as a statutory body. The provisions of the Gaelic Language (Scotland) Act 2005 were commenced on 13th February 2006. The 2005 Act established Bòrd na Gàidhlig with a range of functions to promote the use and understanding of Gaelic.

The 2005 Act requires the preparation of a National Gaelic Language Plan and Guidance for Public Bodies on Language Planning by the Bòrd, and gives the Bòrd authority to issue notices to selected public bodies requiring the preparation of Gaelic Language Plans. Bòrd na Gàidhlig has issued a notice to the Scottish Government to prepare a Gaelic language Plan.

Page updated: Wednesday, September 05, 2007