'S e Riaghaltas na h-Alba riaghaltas fèin-riaghailte na h-Alba.
Tha e an urra ris a' mhòr-chuid de chùisean làitheil mhuinntir na h-Alba, a' gabhail a-steach slàinte, foghlam, ceartas, cùisean dùthchail agus còmhdhail ( Liosta Slàn).
Chaidh an Riaghaltas a stèidheachadh ann an 1999, an dèidh a' chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba.
Tha an Riaghaltas air a stiùireadh le Prìomh Mhinistear a tha taghte leis a' Phàrlamaid agus bidh an neach seo an uair sin a' cur nam Ministearan Albannach eile an dreuchd.
Tha seirbheisich chatharra Riaghaltas na h-Alba cunntachail do Mhinistearan na h-Alba, a tha iad fhèin cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba.